(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Eachdraidh Ioseiph, mhic Iacoib"

m> 



R8S>!."7£, 4-Z8 



Digitized by the Internet Archive 

in 2012 with funding from 

National Library of Scotland 






http://archive.org/details/eachdraidhioseip1894macg 



National Library of Scotland 

■Illlllllll 

*B000485460* 



EACHDRAIDH ÌOSEIPH, 
MHIC IACOIB. 

E AD AR-THEANGAICHTE GU GATLIG 

LE P. MACPHARLAIN. 



AN TREAS CLODH-BHUALADH, AIR A LEASACHADH 



EDINBURGH 

JOHN GRANT, 31 GEORGE IV, BRIDGE. 

1894. 



EDINBURGH 

PRINTED BY LORIMER AND GILLIES, 

31 ST. ANDREW SQUARF. 



|1S 
C 15 77 



EACHDRAIDH IOSEIPH, 



A' OHEUD EAEEANN. 

'Sann mu dheireadh an fhogharaidh, an uair t\ 
bha sochairean an Fhreasdail air an cuairt- 
eachadh a stigh gu tearuinte, a bha 'm priomh- 
athair Iacob, a' co'chainnt r'a theaghlach le 
eachdraidh a bheatha fein a thoirt dhoibh, agus 
eachdraidh 'athair Isaac, agus Abrahaim a shean- 
athair. Eachdraidh a bha co làn de naigh- 
eachdaibh drùighteach, air an cur an cèill gu 
h-innealta seòlta, air uairibh a' brosnuchadh 
dheur, agus an àm eile flamh a ghàire, air an 
luchd-èisdeachd. Einn e am barrachd drùgh- 
aidh air Ioseph na rinn e air càch, a thug fainear 
de gach earrann do'n t-seanachas : bha Beniamin 
beag mar an ceudna, le gluasad cridhe a bhràith- 
re, le, beachdachadh air an gnùis, a' co'mhoth- 
achadh le'n smuaintibh. Bha Ioseph, caomh- 
oighre Eachel ghràdhaich, air a ghlacadh le 
ioghnadh ri èisdeachd ri eachdraidh 'athar urram- 
aich, am feadh a bha na deòir gu frasach a' 
sruthadh o shùilibh. An uair a bha e na aonar, 
cha b' urra dha gun bhi cnuasachd mu ghliocas 
agus mu mhaitheas De, ann an roghnachadh 
Iacoib air thoiseach air Esau, ged a bha rùn air 
Isaac atharrach' a dheanamh. Thuirt e ris fein, 
's e na aonar, " Aineolach 's mar tha mi, òg agus 
gun fhiosrachadh mu dhiadhachd no mu chealg 



4: EACHDRAIDH IOSEIPH. 

aireachd an t-saoghail, chi mi eadar-dhealachadh 
mòr eadar m'athair agus bràthair m' athar, Esau. 
Cha robh am barrachd mùghaidh eadar molaichead 
Esau agus luimead m' athar, an uair a chaidh an 
laimhseachadh le m' shean-athair geur-chuiseach, 
na bha eadar an dà inntinn. Agus cò rinn am 
mùghadh sin, no idir a b' urrainn a dheanamh 
ach Dia, a thug dhoibh am beatha, 's a dhealbh 
iad san aon-bhroinn ? Tha mi toirt buidheachais 
duit, Dhe ! gur h-ann do m' athair Iacob a tha 
'n gealladh." 'S tric a smuaintich e le tlachd 
agus toilinntinn air gach fìosrachadh cairdeil a 
f huair am priomh-athair o'n Uile-chumhachdach 
aig Betel agus Peniel. " !" thuirt e, " gu'm 
biodh an Dia ceudna, Dia m' athar, maille rium, 
ceart mar bha e maille ris-san ! G-u'n robh an 
Dia so na Dhia dhomhsa ann an tir nam beò 
'gam stiùradh agus a bhi na chuibhrionn domh 
am feasd." 

Mar so a' beachd-smuainteachadh air gach 
caochladh a thug am Freasdal air 'athair, agus 
a' guidhe gu dùrachdach arson gràis chum giùlan 
'athar a leantuinn, thuit e na shuain, agus chaidil 
e ann an sìth agus 'an sàmchair. Air dha bhi 
na chadal, bhruadair e, agus feuch ! bha e fein 
agus a bhràithrean uile còmhla air magh a bha 
dlù do laimh, ag oibreachadh gu dian, a' buain 
agus a' ceangal ; agus an sguab mu dheireadh 
a cheangail e, ni a chuir mòr ioghnadh air, 
sheas i suas nam meadhon, mar uachdaran ; 
agus rinn sguaban a bhràithrean uile ùmhlachd 
dhi, mar iochdarain dheònach. Neo-eòlach air 
mi-run no air farmad, agus am barail gu'n robh 
9- bhràithrean co saor uapa 's a bha e fein, 



EACHDRAIDH IOSEIPH. C 

dh'innis e gu neo-sgàthach dhoibh a bhruadar : 
ach mo thruaighe I bhrosnuich an spèis shon- 
raicht' a bh'aig 'athair dha ; suas annta miosguinn 
agus droch-rùn nan cridheachaibh. Dh'èisd 
iad ris le ro-aire, agus dhrùigh e orra ; ach cha 
b' urra dhoibh a chleth nan gnùis an ni a 
thàrmaich nan cridhe. Dh'fhiosraich esan, mar 
òganach a bha ullamh gu foghlum, ciod bu 
chiall da leithid de dh'aisling? Ach chuir iad 
sgàile air am barail, agus le mì-thlachd thionn- 
daidh iad air falbh uaithe, ag ràdh ris nach 
b'aithne dhoibh a bheag mu 'n chùis. Ach cha 
luaithe dhealaich e riu, na chuir iad an comh- 
airle r'a chèile, mu thimchioll na h-aislinge. 
Labhair Iudah air tùs, " Mo bhràithre," thuirt 
e, "6e b'e co neo-chiontach agus neo-smaoint- 
eachail a dh' aithris e am bruadar, tha ann am 
bheachdsa, am barrachd ann seach barail na 
h-inntinn : agus mar 'eil mi meallta am bharail, 
tha e cur air a manadh àrd-urram ann am 
pearsa Ioseiph, no gu'm bi uachdaranachd aig 
a shliochd air cloinn 'athar. "Air mo shon 
fein," arsa Simeon, " tha mi meas an iomlain 
mar thoradh bhi dèigheil air urram ; tha sibh 
fiosrach gu bheil e air 'àrach suas le àrd bharail 
uime fein, le ro dheòthas 'athar mu 'dhèibhinn. 
A chionn gu bheil 'athair co toigheach uime, cò 
aig a 'bheil fhios nach e tha na bhruadar inn- 
leachd chum e fein a dheanamh ni's ionmhuinne 
le'athair, chum sinne a sgaradh a mach o bheann- 
achd ar n-athar, mar rinn e fein air Esau bràth- 
air ar n-athar ? No ma bhruadair e 'n aisling a 
dh' aithris e dhuinn san àm, nach 'eil e leòir 
shoilleir gur ann a chionn gu bheil 'inntinn aoe- 



D EACHDRAIDH IOSEIPH. 

raichte air a bhi riaghladh ?" Fhreagair Keuben 
a bhràthair Simeon air a mhodh so ; " Gha 'n 
'eil barrachd spèis ar n-athar do Ioseph idir r'a 
mholadh, oir ma mheasar gu'n còmhnuich bràith- 
rean ann an sìth maille r'a chèile, 's èiginn doibh 
a bhi co'ionann ; ma ni athair leth-bhreith air 
aon seach a chèile, togaidh e mòran aimhreite. 
G-idheadh 's còir dhuinn ceartas a dheanamh 
ris a' ghile ; tha e ro àillidh na phearsa ; feud- 
aidh sibh maise a mhathar fhaicinn air, maille 
ri foghainteachd ar n-athar; tha a ghnè co 
suairce, co taitneach agus co ghaol-thàirngeach ; 
na deanamaid, matà, gearan neo-stèigheil air ar 
n-athair, ged a bheir e am barrachd gràidh d'ar 
bràthair. Chuireadh ar n-athair air thoiseach 
air bràthair bu shine, uime sin tha'an gealladh 
a'teachd oirnne ; na dìteamaid, mata, an t-ogan- 
ach gus am faic sinn ciod a's deònach le Dia a 
dheanamh ris. 

Air an dòigh so cho'riasanaich mic Iacoib 
r'a chèile, am feadh a bha Belphegor, aingeal 
malluichte, aig an robh fuath gamhlasach agus 
mì-run gun tomhas do'n chinne-daoine, agus 
gu sònruichte do chloinn a gheallaidh, air pilltinn 
o thurus gràineil dlù air Ierusalem, air teachd am 
fagus ag itealaich san adhar os an ceann, chum 
gu'n tuigeadh e ciod m'an robh iad a co'chainnt, 
chum dochair a dheanamh dhoibh. Chunnaic 
e 'm buaireas san robh Simeon, agus chuir e 
roimhe gu'm meudaicheadh e a mhiosguinn. 
'Se 'n ni a bha'n aire an droch spioraid, Simeon 
a bhrosnuchadh gu Ioseph a chur gu bàs mar 
rinn e air cloinn Shechem roimhe so; ni nam 
faigheadh e a thoirt air a deanamh, a fhreagradb 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 



d'a antoil mhalluichte air ioma doigh ; bheireadh 
e am priomh-athair le bròn sios do'n uaigh ; 
thàirngeadh e mi-chliu buan air an t-sliochd 
thaghta; agus dh'fheudadh e Dia cothromach 
a bhrosnuchadh gu'm fiosrachadh le breitheanas 
uamhasach. Chum so a dheanamh chuir e 
roimhe a mhealladh le bruadar; 's a chum na 
criche so, thàr e dh' ionnsuidh a bhùtha, agus 
an uair a thuig e gu'n robh e trom na chadal, 
shèid e dorchadas duaichnidh air a cheudfaithibh 
uile. Air leis gu'm fac e Ioseph air righ-chaithir, 
e fein agus a bhràithrean a' sleuchdadh sios da. 
ag asluchadh cobhair o 'laimh ; agus an ùine 
ghearr thuig e gu'n robh e ceangailte fo chuibh- 
reach, am flanuis a bhràithre, agus air a thilg- 
eadh am priosan ; air leis gu'm fac' e gu'n robh 
a ghineil fein nan seirbhisich do shliochd Ioseiph. 
G-u'n robh cliù loseiph air 'àrdachadh chum nan 
nèamhaibh, agus nach robh a chuid eile de 
chloinn 'athar air an ainmeachadh ach air mhodh 
neo-mheasail, agus gu sònruichte e fein, le gràin. 
Osbarr chunnaic e gu'n robh iarmad Ioseiph a? 
buntainn gu cruaidh an-iochdmhor ri gineil a 
bhràithrean. 'S amhuil mar sin a mheall àrd- 
namhaid 'anma e le bruadar a dheachdadh dha o 
ifrinn. Mhosgail Simeon sa' mhadainn, agus 
chaidh e mu thimchioll a ghnothaiche saoghalta, 
le cùram a ghabhail da' threud ; ach bha gruaim 
thosdach air a ghnùis, agus cha d' innis e 
f hathast a chion fàth. 

'San àm cheudna dh' fhàs Ioseph 'an àirde, 
'an deadh-ghean 'athar, agus 'an eagal De. 'An 
ùine ghearr chunnaic e aisling eile, air cho'bhrigh 
ris a bhruadar roimhe. Air leis gu'n robh e 



8 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

air magh taitneach, còmhdaichte leis gach feur 
bu nòsaire agus gach blàth bu mhaisiche ; gu'n 
robh an leòghann agus am mangan nan garaidh- 
ibh uaigneach; cha robh iad an dian-thòir air 
an creich le ulf hartaich ghràineil, agus cha robh 
ach binn-fhuaim na sprèidhe r'a chluinntinn. 
An uair a bha e dol air aghaidh, fo ioghnadh ri 
maise naduir, agus a 'toirt aoraidh do 'n àrd 
Chruthai'ear, chunnaic e gluasad neo-chumanta 
sna neoil; leum a' ghrian, a' ghealach, agus 
aon-reul-deug a nuas, agus rinn iad umhlachd 
dha. Air an latha, an dèigh na h-iobairt f heasg- 
air, an uair a bha teaghlach Iacoib cruinn aig 
an suipeir, mar bha gnà an àma ; gu neo-chiontach 
neo-lochdach, dh' innis Ioseph a bhruadar nan 
làthair uile. Dh'èisd 'athair ris gu furachair, 
ach mheas e iomchuidh a bharail mu'n aisling 
a ghleidheadh aige fein, air eagal gu'n dùisgeadh 
e farmad bràithrean Ioseiph; agus thug e 
achmhasan beag dha, ag ràdh, " An d'thig mise 
agus do mhàthair agus do bhràithrean a shleuchda 
'sios dhuitse?" G-habh am bruadar agus a bhrigh 
greim air inntinn a phriomh-athar ; agus ged 
a thug e beuni do Ioseph, smaointich e air a 
chùis na chridhe, gur ann os àird a bha e, a' cur 
gniomh mòr èiginn air a mhanadh. 

Bha chùis air atharrachadh aig bràithrean 
Ioseiph: thug an aisling so am bruadar roimhe 
gu'n cuimhne, agus air leo gu'n robh iad ionnas 
cheana fo dhaorsa aig am bràthair. Mheudaich 
am bruadar so am farmad, agus chuir e maoim 
orra; gu h-àraidh 'nuair a dh'aithris Simeon a 
bhruadar fein doibh, ni a cheil e gus a so. Air 
leo gur gnothach cinnteach a bh'ann, agus nach 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 9 

robh ach aon doigh air a bhacadh ; agus gu'ni 
b'e sin, (uamhasach ri labhairt) crioch obann a 
chur air a bheatha ; mar nach biodh cheana fuil 
gu leòir air an lamhaibh ciontach. B'iongantach 
gu'm biodh aithriche nan daoine taghta a' cath- 
achadh an aghaidh Dhe, agus a' cur an aghaidh 
a thoil' a chur an gniomh ! Cia do-ìorgachaidh ! 
slighean an Uile-chumhachdaich ! agus do-rann- 
sachaidh a bhreitheanas ! 

Dh'imich iad an sin a dh'ionaltradh an treud, 
air thùs do Shechem, far nach b'fhada gus an 
d' ith iad suas am feur, 's an sin chaidh iad do 
Dhotan, far an robh saibhireachd feòir agus 
fasgadh d'an cuid sprèidh. Air bheag 'suim 
d'an athair cha d'innis iad da gu'n deachaidh 
iad air imrich ; co dhiubh is ann a thachair so 
o chion-smuainteachaidh, no o rùn gu'm faigh- 
eadh iad cur as do Ioseph, cha'n f hois domh ; 
ach lion an dol air astar inntinn an athar le 
iomaguin ; air an aobhar sin chuir e Ioseph air 
an tòir a dh'f hiosrachadh m'an leas. Air dhoibh 
Dotan a ruigheachd, chuir iad an comhairle ri 
chèile mar chuireadh iad an aghaidh àrdachadh 
am bràthar, air an d'amhairc iad a nis le fuath, 
agus chuir a chuidh bu phailte dhiubh rompa 
a chur gu bàs. Mar so bha'm peacadh anabh- 
arrach an-trom le smaointeach' air am bràthair a 
mharbhadh ; agus b'e crioch an comhairle, gu'n 
dòirteadh na bràithrean fuil am bràthar, agus 
sin gun uiread agus coire r'a chur as a leth. 

Chuir an athair Ioseph a dh'fhaicinn cionnas 
a bha a bhràithrean, ni bu deòin leis a dheanamh. 
Chaidh e air tùs do Shechem, far an robh 
fiuthair aig' am faighinn, ach an ionad tachairt 



10 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

riusan 's ann a thachair coigreach air, neach 
'nuair a chunnaic e òganach dreachmhor air 
iomrall san fhearann a thainig am fagus, agus 
thuirt e ris mar a leanas : " A fhleasgaich, 
m'as math mo hheachd, is coigreach san àite so 
thu, air seacharan an tòir air cuspair eiginn ; is 
ann a mhuirmtir na tire mise, agus m'as miann 
leat e bheir mi dhuit gach fiosrachadh a tha 'm 
chomas. 'Si toil De nach hi sinn mi-thlusail ri 
coigrich, ach gu'n dean sinn dhoihh gach math 
a dh'fheudas sinn. Dhrùigh deadh thairgs' an 
duine air Ioseph, agus thuirt e gu macanta ris, 
" A charaid, oir 's amhuil a tha do chainnt a' 
cur an cèill 's ann a tha mi'n so san àm ag 
iarraidh mo bhràithre, bu chòir a bhi dlù do'n 
àite so ag ionaltradh an treuda, bithidh mi gu 
mòr a'd' chomain ma dh'innseas tu domh c'àit' 
a'bheil iad." " M'as iad deichnear mhac Israeil 
a tha dh'easbhuidh ort," a' deir an coigreach, 
" 's urrainn mis innse dhuit cion a chaidh iad, 
oir bha mis' air ghnothach aca o chionn thri 
làithean ; 's an uair a thuig iad gu'n d'f has an 
t-ionaltradh lòm le'n treudaibh lionmhor, chuala 
mi iad ag ràdh gu'n rachadh iad do Dhotan, 
far an robh am pailteas feòir. 

"M'as bràthair thusa do na daoine foghaint- 
each sin, guidheam ort gabh tàmh maille riums' 
an nochd, agus anns a' mhadainn imichidh tu d'an 
ionnsuidh ann an sìth." Leis mar bha ciaradh 
an fheasgair ann, ghabh e ri cuireadh caoimhneil 
a' choigrich, agus ghabh e mu thàmh ann am 
bùth a Chanàanaich. Air dha dol a chadal thain- 
ig a bhruadair na bheachd, agus bha mòr thoil 
aige ; gu'm biodh fios aige air am brìgh ; ach 



BACHDRAIDH IOSEIPH. 11 

an uair a thuit e na chadal chunnaic e aisling 
do ghnè eile. Air leis gu'n robh e air seach- 
ran an tìr aineoil fo dhubhar na h-oidhche; 
cha robh grian, gealach no reultan ri fhaicinn. 
Air dha bhi gu h-airsneulach trom ag imeachd 
gun fhios aige c'àit' a bha e dol. Cha robh e 
'cluinntinn a bheag ach raoiceil fhiadh-bhèistean, 
ag iarraidh an cobhartaich. B'e beucaich an 
leòghainn agus ulfhartaich na comhachaige bu 
cheòl cluaise dha. Thuit e gun f hios da ann an 
slochd domhain, am measg nathraichibh millteach, 
agus uilebheistean eile; agus leis an leagadh 
chaidh a chòta ioma-dathach a reubadh as a 
chèile, agus bha e air barr pris os a cheann. 
Mun gann a ràinig e ìochdar an t-sluichd dh'iadh 
dà nathair mu thimchioll a chas, ni a chuir eagal 
mòr air, a thug air dùsgadh, agus bha aiteas air 
nach robh ann ach bruadar. Theagamh gur h- 
ann a ghabh spiorad eiginn bàigheil nèamhaidh, 
a chuala mì-run a bhràithrean, an doigh so air 
rabhadh a thoirt da air a chunnart, chum gu'n 
seachnadh e an cuilbheartan. Ach cha robh 
droch amharus ann an cridhe neo-chiontach 
Ioseiph. Mheasadh e na choire mhòr gu'n cuir- 
eadh e an caoimhneas 'an teagamh. Nam biodh 
ionracas agus trèibhdhireas a'buadhachadh co mòr 
anns a' chuid eile do d' mhacaibh, Iacoib ! 's 
mor an cràdh-cridhe a sheachnadh tu, agus rachadh 
tu gu sìochail sàmhach sios do'n uaigh. 

Bha mùghadh mòr eadar iadsan agus Ioseph, 
oir cha luaithe chunnaic iad e tighinn fad' as, na 
chuir iad rompa a mhilleadh, agus le aon ghniomh 
nàrach mi-chiatach gu'n cuireadh iad bacadh 
air an àrdachadh ris an robh dùil aca bha fìughair 



12 BACHDRAIDH IOSEIPH. 

aige. " Tha e tighinn, a'deir Lebhi le rìicas mòr, 
a rèir ar rùin; feuch tha 'n t-aislingeach' a' 
teachd." " Tha, a deir Simeon, agus a bhràithre, 
'se so an t-àm gu chur gu bàs, agus faiceamaid 
ciod a dhiongas a bhruadair dha. Cha'n ann mar 
sin a bhitheas, arsa Eeuben ; an e gu'm bi sinne 
aig a' bheil an uchdmhacachd agus an co'chean- 
gal, sinne aig a' bheil an gealladh, ciontach de 
f huil ar bràthar ? An e gu'n dean sinne ! d'an 
d'àithneadh làmha naomh a thogail suas, agus 
ìobairtean fiorghlan ìobradh do Dhia, ar n-anama 
a thruailleadh le fuil neo-chiontach ar bràthar? 
Cuimhnichibh, mo bhràithre, gu'n d'èigh fuil 
Abeil o'n talamh ris an Tighearna, d'am buin 
dioghaltas ; agus nach brosnaich fuil Ioseiph fearg 
an Uile-chumhachdaich ? Agus co theid as 
'nuair a ni Dia dioghaltach tòrachd ? Ma tha'n 
t-anabharra spèis aig ar n-athair dha, ciod an 
comas a th'aige-san air ? 'S èiginn d'a naimhde 
fein 'f hiachalachd 'aideachadh. Ma tha 'bhruad- 
air a' cur air a mhanadh a bhi na dhuine mòr, 
nach feud Ioseph a bhi cumhachdach gun sinne 
bhi 'n ar tràillibh dha ? An cuir sinne ar brà- 
thair gu bàs arson breislich f haoin na h-inntinn ? 
Cò is urrainn bruadair a sheachnadh? Ged a 
dh'fheudamaid dèigh air àrdachadh a chur as a 
leth, nach gabhadh òige agus cion fiosrachaidh a 
leth-sgeul ? Dheanadh am barrachd eòlais, agus 
an tuille co'roinn ri daoinibh agus nithibh, a 
theagasg dha nach robh an duine o thùs air 
'òrduchadh gu bhi na thràill. Leigibh leis an 
t-seann duine ar n-athair tagradh as leth Ioseiph. 
Tha a bheatha ceangailte ann am beatha an 
leinibh. Agus an gabh sibh de dhànadas na 



EACHDRAIDH IOSBIPH. 1*5 

mharbhas an t-athair le' mhac a chur gu bàs, agus 
gu'n lot sibh a chridhe le fuil Ioseiph ? Cuimh- 
nichibh air ar n-athair, mo bhràithre; faicibh 
e a' sile' nan deur os ceann a mhic bheubanaichte : 
air a chur gu b -is le gineil 'athar : air a mharbh- 
adh leis na ceart daoine anns an robh 'earbsa. 
Deanadh eagal De, agus gràdh d'ar n-athair urram- 
ach, tagradh as leth an òganaich ; agus na faic- 
eamsa, guidheam oirbh, an t-olc a thig leis a 
ghniomh anacneasta sin, air Israel a tha co mòr 
fo chùram Dhe." 

" An e so Keuben," a deir Lebhi le sgallais, 
" Eeuben ceud-ghin Iacoib ? An Eeuben diadh- 
aidh sin, a chaidh le anamianna gràineil suas 
chum leabaidh 'athar, 'sa thruaill i ? C'àit 'an 
sin an robh t-eagal mu Dhia, do ghràdh agus 
t-urram do t' athair ? An tusa ar comhairliche ? 
Thusa nach b'urrainn bean t-athar a sheachnadh, 
an e gu bheil thu air fàs cho cràbhach an ùine cho 
gearr ? A' bheil thu nis cho cùramach mu bhea- 
tha t-athar, a chuir na h-uiread easurram air? 
G-u ma nàr leat do bheul 'fhosgladh, agus leig 
le deadh dhaoine cùis deadh-bheus a thagradh ?" 
" Tha t-achmhasan sgaiteach, a bhràthair," a 
deir Eeuben, "'ga m' chlaoi gu goirt. Tha mi 
'g aideachadh gu bheil do chasaid fior, agus cha 
n-'eil olc mo pheacaidh an an-f hios domh. Chuir 
mi easurram air Dia, air m-athair, agus orm 
fèin ; agus dh'f hàg mi sgainnil ghrànnd' air mo 
shliochd gu bràth. Ach ge nach feudadh a 
choi'lion là tùrsach, agus oidhche neo-shocair a 
chuir mi seachad, a thoradh a' gniomh sgreataidh 
ud, mo lethsgeul a ghabhail ri Dia ; dh' f heudadh 
e mo dhion o mhaoidheadh mo bhràithre. Creid 



14 EACHDBAIDH IOSEIPH. 

mi, a Lebhi, is leòir dhomh agartas mo choguis 
fein, agus cha chuir mi feum air do chòmhnadh 
an-iochdmhor-sa. G-idheadh, 's fior na thubhairt 
thu, a bhràthair, agus cha ghabh mi gu h-olc e. 
Ach gun amharus 'se mo dhroch ghiùlan roimhe 
so is cionf àth air nach feud mi gabhail leibh sa 
ghniomh mhalluichte so. Osbàrr, tha mo choguis 
ag innse dhomh gu bheil cionta ni's leòir na 
laidhe air m' anam cheana, gun tuill' a chur ris 
leis a' ghniomh ghràineil sin a tha Simeon a' cur 
roimhe ; agus gu'n robh mi a'm chionf àth air 
trioblaid gu leòir a chuir air m-athair caomh, ge 
nach aontaich mi gu mac a ghràidh a chur gu 
bàs, ni a bheireadh a cheann liath le bròn cràit- 
each sios do'n uaigh. 'S beag feum a th' aige- 
san aig a bheil peacadh adhaltrannais collaidh 
air a choguis, air tuille chur ris le fuil neo- 
chiontach a dhòrtadh. Uime sin cha n-'eil e'n 
comas domh co'aontachadh le'dheanamh." 

" Feudaidh an sgainneal ghràineil, le aidmheil 
fein, a tharruing Eeuben air fein agus air a 
shliochd a sholtachadh ri bhi na thràill," a deir 
Simeon ; " ach tha ar sliochd-ne saor, agus 
cha n-'eil iad buailteach de dhaorsa. Àir an aobh- 
ar sin ma ghabhar mo chomhairle-sa cuirear 
Ioseph gu bàs; mar aontaich Keuben leis a' 
ghniomh cuirear e fein gu bàs maille ris. C'ar- 
eon a mhaireadh e beo gu casaid a dheanamh 
oirnne r'ar n-athair ? M'as toil leibh e bheirinn 
aon tairgse do Eeuben ; agus ma ghabhas e leinn 
cha chuir sinn gu bàs e, ach mur gabh, cuirear 
as da fein agus do Ioseph còmh'la, oir cha chuir 
sinn e na chomas ar cionta-ne fhoillseachadh. 
Aontaicheadh Eeuben leinn Ioseph a chur gu' 



EACHDRAIDH I08EIPH. 15 

bàs, no thigeadh e fo na mionnan a's cruaidhe 
nach innis e oirnne. 'S ann a mhàin leis a so a 
dh'f heudas e a bheatha a chaomhnadh. Abair, a 
Keubein, an gabh thu ris a chumhadh ?" " Leig- 
ibh leam a bhi gu m' chomhairle gus am màir- 
each, agus an sin bheir mi freagradh dhuibh," a 
deir ceud-ghin Iacoib. 

" Deònaichidh sinn fad aon uaire dhut, agus an 
sin bithidh fìuthair againn ri d'fhreagradh," a 
deir na bràithrean. 

Mu'n àm so thainig Ioseph am fagus d'a 
bhràithribh, agus le fèith ghàire na ghnùis ri'm 
faicinn uile cruinn, thainig e dbì dhoibh a chur 
fàilt' orra, agus a dh'f hiosrachadh m'an slàinte. 
Ach 's grad an t-ioghnadh a bhuail e, 'nuair, an 
ionad fàilt a chur air, gur h-ann a thionndaidh 
iad an cùl ris, le lasan feirg' air an gnùis. Eug 
iad air gu grad, agus spìon iad a chòta àluinn 
cadath dheth, agus chuir iad ceangal nan tri 
chaol air. Chlisg Reuben, agus ghlaodh e, 
" Stad air do laimh ach a mhàin gu ceann na 
h-uaire, an uair a gheall sibh, agus àn sin bheir 
mi freagradh dhuibh." Dh'aontaich iad uile 
fuireach aon uair, agus gun tuille, m'an rachadh 
Ioseph a mhilleadh : agus le sealladh muladach 
a thug Reuben air a bhràthair fo chuibhreach, 
thuirt e "B'fhearr leam gu'n ceadaicheadh do 
dhleasdanas do d' athair, agus do ghaol do d' 
bhràithribh dhuit fuireach aig a bhaile, an àite 
tighinn a dh'fhaicinn nan daoine so a th'air thi 
do mhilleadh ;" le so a ràdh, thàr e gu grad a 
leth-taobh chum smaointeachadh ciod am freag- 
radh a bheireadh e dhoibh. 

Air do'n bhràthair bu shine dol a leth-taobh, 



16 EAOHDRAIDB IOSEIPH. 

agus Ioseph ann am meadhon a bhraithre, mai 
uan neo-lochdach am measg mhadadh-alluidh 
fuileachdach, labhair fear dhiubh ris air a' mhodh 
so : " Oganaich ghlòir-mhiannaich ! smaointich 
air do chor, an ceann uaire theid casg a chur air 
do dhèigh air àrdachadh ; cuiridh aon uair crioch 
air do bheatha, is èiginn duit a call arson ar 
saorsadh-ne. 'S èiginn duit dol gu bàs a dh'ain- 
deoin cò theireadh e." Fhreagair esan, " Nam 
bithinn fiosrach air 'ur mì-run, dh'fheudainn an 
cunnart a sheachnadh ; ach thug mo dhleasdanas 
do m' athair, do m' bràithribh, agus do m' Dhia 
gu ruige so mi ; ma thug Dia mi 'n so chum mo 
mhilleadh, 's còir dhomh, agus 's èiginn domh 
striochdadh ; ach ma chi e iomchuidh chum gloir 
'ainme mo chaomhnadh, tha e comasach air 'ur 
runsa do m' thaobh a chaochladh, mar philleas e 
na h-aibhnichean uisge ; no gu'n seòl e doigh 
air dol as o 'ur dioghaltas-se. Innisibh dhomh 
ciod an cron a rinn mi, leis an do thoill mi 'ur 
fuath ; ma chuir mi mi-thlachd oirbh, cha b' ann 
le m' fhios, agus is cruaidh neach a chur gu bàs 
arson coire nach robh àrach aig' air. Leigibh 
ris domh mo chionta, agus mar dean mi co'leas- 
achadh air a shon, an sin deanaibh dioghaltas 
orm. Ach tha mi 'g ar n-earalachadh an ainm 
Dhe, Dia Abrahaim, Isaaic, agus Iacoib, nach 
,uir sìbh ga bàs mi gun mo dheuchainn. Ma 
rinn mi cron air a h-aon air bith agaibh, tha mi 
deònach air dìoladh ìocadh gu ruig a' chuid a's 
faide ; ma chuir mi corruich oirbh, asluicheam 
maitheanas oirbh ; ach, na gearraibh as mi an 
aois mhaoth m'òige m'an d'ràinig mi aois fear- 
aohais \" " Einn thu do dhochair oirnn, a deiv 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 17 

b'imeon, ni nach urrainn duit dìoladh a thoirt 
duinn. Grhoid thu uain teò-chridhe ar n-athar, 
ni nach 'eil thu comasach air 'aiseag dhuinn ; 
dh'àrdaich thu thu fein le d' fhaoin bhruadair, 
mar gu'm bu tu ar triath no ar n-uachdaran; 
thug thu oirnn fein, air ar cloinn, seadh, agus air 
ar n-athair, ùmhlachd a thoirt dhut ; ach 's gearr 
gus am faic sinn ciod gus an d'thig t-fhearas- 
mòr. Cha mhair thu beo gu buaidh a thoirt air 
do bràithribh ; ach gheibh thu bàs gu deiinhin." 
" Mo thruaighe ! an èiginn domh dol gu bàs 
arson mo bhruadair! Cò agaibh aig a bheil 
cumhachd air a smaointibh am feadh a bhios e 
na shuain? Oeh, a Shimeoin! mo bhràthair, a 
Shimeoin, an robh comas agams air mo bhrua- 
daraibh ? 'S beag a shaoil leam gu'n cuireadh iad 
mi-thlachd air a h-aon agaibh an uair a dh'aith- 
ris mi gu neo-chiontach 'nar n-èisdeachd iad. 
Cha'n 'eil ceannas air bith a dhi orm, tha mi'ga 
m' mheas fein neo-airidh air bhi co'ionann ruibh- 
se, gu mòr ni 's lugha na sin ceannas a bhi 
agam oirbh. Ma tha tlachd aig m' athair dhiom 
's ann as leth mo mhàthar a tha e, 's cha 'n ann 
air mo shon fein. Agus am feum mi dol gu bàs 
arson na spèis a th' aig m'athair dhomh ? Smaoin- 
tich, a ghaoil, a Shimeoin, nam bu tu a bhiodh 
a'm'ionad, am bu chaomh leat do chur gu bàs 
arson aon bhreislich air an smaointicheadh tu 
a'd' chadal ; A bhi air do mhilleadh arson ni air 
nach robh comas agad air a bhacadh ? Ma dh'- 
f heumas mi dol gu bàs arson aisling a tha cur 
suaimhneas agus mòrachd air a mhanadh, cead- 
aichibh dhomh aon a chunnaic mi'n raoir aithris ; 
ma chuir a' cheud aon campar oirbh, feudaidh 



18 BACHDRAIDH IOSEIPH. 

bruadar na h-oidhche an raoir ur n-iochd a bhros- 
nachadh." Le cead fhaghail, dh'aithris e'n ais- 
ling a chunnaic e 'am bùth a' Chanàanaicli, ris 
an d'èisd a bhràithrean le mòr f heirg ; agus co 
luath 'sa sguir e, thuirt Simeon r'a bhràithribh, 
'sa shùilean air lasadh le corruich; " 'S ann a 
tha 'm bruadar so na innleachd chuilbheartaich 
chum sgainnil bhuan a shocrachadh oirnne agus 
air ar sliochd. Is sinne, mo bhràithre, a tha air 
ar ciallachadh leis na nathraichibh millteach gu 
— theagamh gur mi fein a th'air mo chiallachadh 
leis an nathair a chaidh na lùbaibh mu chasan, 
leis an do dhùisg e le' leithid de dh'eagal : ach 
c'arson a tha sinn a' ceadachadh dha tuille bòil 
ich a dheanamh ? Cuiridh aon bhuille de m' 
chlaidheamh na thosd am feasd e. A shiadaire 
manntaich ! cha dean thu tuille brìodail." An so 
tharruing e 'chlaidheamh, agus thug e ionnsuidh 
air an òganach a bhualadh ; ach ghlac Iudah na 
lamhaibh e, agus dh'èigh e " Stad, stad, a Shi- 
meoin. Cuimhnich an gealladh a thug sinn do 
Keuben ; fuirich ris an àm a chaidh a shocrach 
adh ; agus faiceamaid ciod a' chomhairle gus an 
tig e." 

" Iudaih !" dh'èigh Ioseph, " a Iudaih mo 
bhràthair caomh ; 's tus' esan a mholas do bhràith- 
rean : Am faod dòchas a bhi agam gu'n dean 
thu eadar-ghuidhe as mo leth ? Ciod nam biodh 
do mhic fein Er agus Onan a'm ionadsa ? Nach 
biodh do thiom-chridhe air a mhosgladh suas air 
an aon ! Faic an cruaidhchas ann am airc-sa : 
co'mhothaich àmhghar m' athar ann ad thriob- 
laid fein : buin gu fiùghantach rium le m' shaoradh 
o laimh mo bhràithrean a th' air bàini a'm' aghaidh 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 19 

gun chionfath. Iudaih, gu ma h-ann ad chomaii) 
a bhios mi arson mo bheatha a chaomhnadh, agus 
gach sonas a mheallas mi. Agus sibhse, a 
Shimeoin agus a Lebhi ! Smaointichibh air a 
chiont a thàirngeas sibh oirbh fein le gniomh cho 
mhi-chneasta ! Feudaidh sibh dol as o pheanas 
o dhaoinibh, ach bithidh cinnteach nach d'thèid 
sibh as o Dhia. Oir 's esan am Breitheimh, 
agus bheir e luigheachd an dara cuid sa bheatha 
so, no san ath-bheatha." 

Mar so dh'asluich Ioseph beatha, a bha a nis 
air fàs suarrach le giùlan mi-thlùsail mic 'athar ; 
bha e na bu tìthiche gu'm biodh a bheatha air a 
caomhnadh chum nach tàirngeadh iad ciont ùr 
orra fein, seach aou eagal a bh'air air a shon fein, 
san àm, no idir an dèigh laimhe. Chaidh Keuben 
a steach do dhoire dlù a thaosgadh a mach cràdh 
'anama an làthair Dhe, agus a ghuidhe gu'm 
biodh e air a sheòladh anns a' ghnothach chiogail- 
teach aingidh ud. Ciod a ni mi, a deir e ? Ma 
dh'aontaicheas mi, bheir mi am barrachd ciont' 
air m' anam fein, le murt a chur ri col. Mar 
aontaich mi cuiridh iad bu bàs mi maille ris-san 
a chionn nach bi iad tèaruinte am feadh a bhios 
mise beo, ge b'e bòid leis an ceangail mi mi fein 
chum a chleth. Cuairtichte mar tha mi le uilc, 
tha crionnachd 'ga m' sheòladh gus a' chuid is 
lugha a ghabhail, chum gu'n seachain mi a' chuid 
is mò. 'S feumail domh air gach aon chor oidh- 
eirp a thoirt air beatha a' ghille a chaomhnadh ; 
's a chum sin a dheanamh 's èiginn domh co'aon 
tachadh le chur gu bàs, agus theagamh gu'm 
buadhaich mi co mòr air a naimhdibh 's gu'm fàg 
iad a chur gu bàs an earbsa rium fein. Bha e fo 



20 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

eagal arson a bheatha fein co math 's arson beatha 
loseiph ; bha e duilich arson a' bhròin a bha 
ullamh gu 'athair a bhualadh, agus arson na ciont 
a bha gu laidhe air a bhràithribh ; ach bha e do 
ghnà a' cur roimhe gu'n tugadh e gach oidheirp 
air an òganach a shaoradh. Leis an run-shuidh- 
ichte so, phill e dh'ionnsuidh chàich, do thaobh 
coslais, gu fonn'ar misneachail, agus labhair e riu 
air an dòigh so. " A bhràithre, tha mi nis ullamh 
gu aontachadh le'r toil, agus gu làmh a bhi agam 
fein ann, air aon chumha bheag, agus 'se sin, an 
ionad'f huil a dhortadh, gu'n cuibhrich sinn anns an 
t-slochd ud thall e gus am bàsaich e." " Tha sinne 
deònach," ars' a bhràithrean, " ach e dh' fhaigh- 
inn a bhàis tha sinn coma cionnas. Agus leis a 
sin tha Eeuben 'ga dheanamh fein co'ionann 
ruinne anns a' ghniomh. Thugaibh leibh e chum 
an t-sluichd, agus an sin deanadh a' ghrian, a' 
ghealach, agus na reultan, ùmhlachd dha." 

Air ball dh'fhalbh iad leis, am feadh a bha 
esan le cridhe goirt ag ràdh riu gu'n coinn 
icheadh iad a cheile f hathast aig cathair-breith 
eanais Eigh nan Eigh, far am faigheadh e ceartas 
a thoirt da. 

Chaidh Ioseph a leige' sios do'n t-slochd ; agus 
bha aiteas air Eeuben an dòchas gu'm faigheadh 
e a liubhairt d'a athair an ath-oidhche gu slàn 
fallain ; air dha fios a bhi aige gu'm biodh an 
seann duine fo mhòr iomaguin arson mac a 
ghràidh. Do bhri gu'n robh e socraichte air so 
dh'fhàg e e, agus chaidh e do earrann eile de'n 
fhàsach mu thimchioll a ghnothaichean, le rùn 
tilleadh gun dàil. 'S an àm cheudna, cha robh 
ach am bàs aig Ioseph san amharc, agus 's gann 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 21 

& bha dèigh aig' air beatha ; thog e suas 'anan 
ann an ùrnuigh dhùrachdaich ri Dia a shlàinte, 
" Dhe !" ghkodh e, " tha do làthaireachd a' 
lionadh gacn ionaid, chi do shùilean, agus rann- 
saichidh do rosgan gniomhara agus cridheachan 
chloinn nan daoine; 's lèir dhuitse gach ana- 
gnàthachadh a dh'fhuiling mi o m' bhràithribh, 
Cho fad 'sa tha' chùis air a socrachadh leatsa, tha 
mi deònach gèilleadh dha, agus a dh'aideachadh 
gu bheil do ghiùlansa cothromach, oir thoill mi 
'm bàs mìle uair roimhe so. Ach a Thighearna 
tha aobhar mo bhràithrean ag eadar-dhealachadh 
uaitse co fad 'sa tha 'n àird-an-ear o'n aird-an-iar, 
oir 's ann a thaobh farmaid a dh'èirich iad suas 
fi'm' aghaidh. Tha mi 'n so, a reir coslais, air 
m' iom-dhruideadh a stigh fa chomhair bàis. 
mo Dhia ! na rachadh m' f huil a thagradh air mic 
m' athar. A Dhe lugh an aingidheachd. Agus 
Thighearna cum suas m' athair aosda fo'n 
chruaidh dheuchainn-sa, a mhothaicheas e gu 
goirt arson a ghràidh dhomhsa. Dean còmhnadb 
ris, Dhe, agus thoir dha neart chum giùlan 
le mis' a bhi dh'easbhuidh air, mar a's iomchuidh 
do athair a' chinnich thaghta. Tha mis' an so, a 
Dhe nèimhe agus na talmhainn. 'S eiginn dhomh 
dol gu bàs mar d'thèid thusa san eadraiginn. 
Ma tha thusa faicinn iomchuidh dhomh dol gu 
bàs, deònaich dhomh neart chum a ghiùlan gu 
misneachail, le strìochdadh iriosal ; ach, a Thigh- 
earna, m'as deònach leatsa beatha a tha co neo 
luachmhor a chaomhnadh, tha na meadhona a'd 
laimh fèin. G-nàthaich iad mar is fearr a fhreag 
ras iad do d' ghlòir fein." An so ghabh e 
iongantas le boillsge anabarrach soluis a shoill 



22 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

sich an slochd. Dealradh cho mòr 's gu'n rohh 
e air a shlugadh suas le suaimhneas neamhaidh. 
'Nuair a thraogh an t-soillse iongantach, air chor 
's gu'n robh e comasach air amharc, sheas òig- 
fhear àillidh fa chomhair. Co luath 'sa nochd 
an t-aoidhe neamhaidh e fein, labhair e mar so 
ri mac Iacoib. " Chuir mo Dhia fein, agus do 
Dhia-sa, mis a'd' ionnsuidh a dh'innse dhuit gu 
bheil e mion-eòlach air gach trioblaid agus 
cruaidh-chas a tha thu 'fulang. Cha'n e a mhain 
gur lèir do Iehobhah do thruaighe, ach tha mal- 
shluagh nèimhe uile fiosrach uime. Chrom iad 
a nuas a dh'fhaicinn a' ghniomh bhròin le mòr 
eagal air do shon, gus an robh toil De do d 
thaobh air 'fhoillseachadh. Ach chuir so cas^ 
air an eagal, agus dh'aisigtoil De sìth do mhòran. 
Is mise Abel an ceud fhear a chuireadh gu bàs. 
Thttit mise, a loseiph, le laimh mo bhràthar 
Cain, agus b'e là mo bhais là m' àrdachaidh. ! 
a Ioseiph, nam b' aithne dhuitse an sòlas a th' 
air 'ullachadh fa 'n comhair-san leis an ionmh- 
uinn an Tighearna, cha bu mhaith leat do 
bheatha bhi idir air a caomhnadh. Ach cha 
d'thainig t-àmsa fathast. Tha thu ri Israeil 
'àrach fo d' sgiathaibh. 'S fheudar dhuit bhi 
air do reic do'n Eiphit chum an deadh f hearann 
sin a riaghladh, agus a sholar lòin do shliochd a' 
gheallaidh. 'S èiginn duit falbh an diugh fein, 
oir tha Dia a' gnàthachadh eud do bhràithrean 
chum so a thoirt gu crìch. Amhàin cuimhnich 
an uair a bhios tu san Eiphit gu'm bi tu air do 
bhuaireadh, ach glèidh do ghnà a'd' bheachd gur 
e Dia nan Eabhruidheach a chuir ann thu. An 
sin cromaidh do bhràithre sìos duit. An sin chi 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 23 

thu t-athair, agus an sin tuitidh Beniamin air do 
mhuineal, agus silidh e a dheòir bhràithreil. Na 
biodh cùram ort mu thrioblaid t-athar. Fàg e 
an taice r'a Dhia — ni e a chòmhnadh. An uaij 
a shoirbhicheas leat biodh deadh bharail agad air 
do bhrathair Eeuben, 's ann a chuir e'n so thu 
chum gu'm faigheadh e do shaoradh, ach cha'n 
f haic e tuille thu gus an coinnich sibh ann an 
cùirt Pharaoih. Fàgaidh mis thu, agus gu'n 
robh sìth do Dhe maille riut." 



AN DAEA EAEEANN. 

Bha Ioseph na shìne san t-slochd, gu tosdach 
smaointeachail an dèigh do'n taisbein neamhaidh 
'fhàgail, 'nuair a thainig Iudah chum beul an 
t-sluichd, agus ghairm e air Toseph, air 'ainm, 
agus leig e sios taod, agus dh'àithn e dha a chur 
fo dhà achlais, an sin tharruing iad a nios e, agus 
thug iad e dh'ionnsuidh cuideachd mhòr de 
cheannaichean, a bha dol o Ghilead do'n Eiphit, 
le mirr, ioc, agus luibhean cùbhraidh. Air dha 
bhi earbsach a focal an teachdaire neamhaidh, 
thainig e nìos as an t-slochd gun fhiamh gun 
sgàth, agus dh'aontaich e a bhi air a reic ri Albh- 
ah, ceannard na cuideachd, arson flchead bonn 
airgid. Thug eireachdas a phearsa agus meud 
a thoinisg air Albhah gu'n robh mòr mheas aig 
air Ioseph, agus thug e dha riaghladh a chàmh- 
ala, ris am fàg sinn e, am feadh a leanas sinn 
Eeuben a chum an t-sluichd far an d'fhàg e 
Toseph. Dh'èigh e, A Ioseiph ! mo bhrathair, a 



24 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

loseiph ! ach cha do f hreagair Ioseph ; ghlaodh 
e a rìs, ach cha chual e guth. Beub e 'aodach, 
agus spion e 'f halt, a' dol m'an cuairt air beul an 
t-sluichd leis a' chràdh anama bu mhò, ionnas 
a' miannachadh e fein a thilge 'sios ann chum am 
bàs f haighinn maille ris. Fadheòidh, an uair a 
sgìthich e e fein gun f heum air bith, chuimhnich 
e air an aisling mu dheireadh a chunnaic Ioseph, 
agus bha sgàth air gu'n deach' a coilionadh dìr- 
each mar chunnaic e i. An sin smaointich e am 
feudadh mo bhràithre a chur gu bàs gu foilleil 
gun a charaid a bhi san làthair. ! a bhràithre 
cealgach agus gràineil ! a dhaoine cruaidh-chridh- 
each agus fuilteach ! a dhòirt fuil an neo-chiont- 
aich an aghaidh dearbh chùmhnanta. Air dha 
bhi mar so gun fhios aige ciod a theireadh na 
dheanadh e, smaointich e ann fein, gu'm b'f hearr 
dha ionnsuidh gharg a thoirt air a bràithribh 
agus a chlaidheamh a chur troimh chridhe gach 
fir aca fa leth, agus gu'n tuiteadh e fein maille 
riu. An ceart uair bha e leagta ri so a chur an 
gniomh, an ath-mhionaid, chuir an spairn ghoirt 
sam biodh 'athair os ceann a chloinne air an 
casgradh air an doigh mhuladaich ud, cràdh mòr 
air. An sin dh'èigh e, " ! athair, athair, 's 
goirt a chaidh mo mhealladh ! Shaoil mi gu'm 
biodh e 'am chomas caileiginn de dhìoladh a 
dheanamh arson na corruich a chuir mi roimhe 
ort, le mac do ghràidh a shaoradh o laimh a 
bhraithre, agus a liubhairt duit gu saor slàn. 
Ach mo thruaighe ! tha mi air mo mhealladh ! 
Tha Ioseph caillte ! gu tur caillte ! Is goirt a 
drùigheas e air m' athair gaolach 'nuair a chluin- 
neas e nach 'eil Ioseph a làthair. mo Ioseph ! 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 25 

'S deònach a dhìolainn t-f huil air do luchd-casg- 
raidh. Ach mo thruaighe ! tha call a h-aon ni's 
leòir r'a fhulang do athair caomh. Is goirt a 
chràidheadh e a chridhe am pronnadh a dhean- 
ainn, nan tugainn comas do m' cheart chorruich. 
Ach m' athair, m'athair ! air do shonsa caomh- 
naidh mi mo bheatha fein agus am beatha-sa, 
agus f àgaidh mi dioghaltas an laimh Dhe." Le 
so a ràdh, chaidh e suas chum a bhràithre, le 
mulad agus fearg soilleir na ghnùis. 

A chealgairean, c'àit' a'bheil an gille ? CTàite 
'bheil Ioseph? Nach b'urrainn duibh fuireach 
uaithe car aon oidhche, chum gu'm biodh aig an 
fhleasgach mhi-fhortanach cothrom air ath- 
chuinge chur suas ri Dia ? Ach mo thruaighe ! 
dh'f halbh e ! agus mise, cion a theicheas mi ? 
Cionnus a fhreagras mi do m' athair arson an 
sgaraidh bhrònaich so ? Naeh goirt an cràdh a 
mhothaicheas an duine math 'nuair a chluinneas 
e nach maireann Ioseph ! athair ! Ioseiph, 
mo Ioseph cridhe V Le so a ràdh, bhruchd e mach 
le bras-shile dheur a' ruidh sios air a ghruaidh 
mar uisge soilleir o'n charraig ailbhinn. 'S 
cinnteach nach robh deòir ceatharnaich riamh ni 
bu chiataiche na rinn Keuben san àm-sa ! Bha 
cràdh-cridhe Keubein co anabarrach, 's gu'n do 
thaislich cridhe a bhràithre ; mhothaich Simeon 
fein caileiginn coltach ri agartas coguis car ùine 
ghearr. Bha balbh thosd air am feadh uile. 

As an t-sàmhchair so labhair Iudah ri Keuben, 
" A bhràthair, cuir casg air do bhròn, faigheadh 
do chiall buaidh air t-f heirg, agus èisd gu ciùin 
ris na dh'innseas mise dhuit. Tha nis dearbh 
chinnt agam gu'n deach sinn am mearachd leis 



2b BACHDRAIDH IOSEIPH. 

na rinn sinn, ach tha Ioseph fhathast beo." 
G-hrad f hreagair Eeuben, " Ma tha e beo, leigear 
dhomh 'f haicinn chum gu'm bi fois agam." " Mo 
thruaighe !" a deir Iudah, " ged a tha e beo, 
cha n-'eil e'n comas domh a leige dhuit 'f haicinn. 
Oir chomhairlich mise, eadhon mise, air ghaol a 
ghleidheadh beo, gu'n rachadh a reic ri cuideachd 
de cheannaichean Midianach, a thainig an rathad 
'nuair a bha thus' air falbh. Thachair so, agus 
cha ghabh e leasachadh, no rachadh a dheanamh. 
Agus tha nis am barrachd cinnt agam gu'm mair 
e beo, a dh'fhaicinn a' bhruadair a teachd gu 
crìch, agus gu'n sleuchd a bhràithre sios da. 
Tha, mo bhràithre, oir 's ceart a thainig bruadar 
na h-oidhche 'n raoir gu crìch, oir feudar gu fir- 
inneach a ràdh, gu'n do thuit e ann an slochd 
feadh nathraichean, eadhon ann an tigh 'athar. 
Tha mi faireachdainn ni-eiginn an taobh a stigh 
dhiom ag innse dhomh, gu'n dean an Dia sin a 
bheir breth chothromach, peanas ormsa le bàs 
mo chloinne fein, arson gu'n d' aontaich mi gu 
Ioseph 'eadar-sgarachdainn o 'athair agus a bhrà- 
ithribh. nam biodh e gun deanamh, agus 
gu'm biodh cothrom againn air a thoirt a ris a 
dh'ionnsuidh 'athar." 

Dh'aontaich iad uile leis na thuirt Iudah, ach 
Simeon a mhàin. Thuirt e, " gur e na bha cur 
duilichinn air, gu'n do leig iad as e, gu chuir na 
chomas ceannas a bhi aig' orra. 'Nuair bha e 
againn, b'amaideach dhuinn a chur fa sgaoil. A 
deir càch, " Cha b'àill leinn air an t-saoghal m'an 
iadh a ghrian gu'm biodh a' chùis mar b'aill leat, 
a Shimeoin." Ach leum Keuben mar dhealan- 
aoh, agus ghrad mhilleadh e Simeon, mar d'thug- 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 27 

adh Naphtali an aire do'n f heirg a bha 'g at ann 
an aodann Eeubein arson cainnt Shimeoin, agus 
leum e gu h-obann agus rug e air laimh air Eeu- 
ben, agus ghuidh e air sgàth Iacoib 'athar gu'n 
caisgeadh e 'f hearg. Air dhoibh a nis fàs ciùin, 
chuir iad an comhairle ri cheile cionnas a gheibh- 
eadh iad a rìs am bràthair caillte. Chord iad 
gu'n cuireadh iad teachdairean uapa gu moch sa' 
mhadainn gu dol an deigh nan Ismaeleach, agus an 
luach a thug Albhah arson Ioseiph a thoirt dà 
air ais, agus nam b'àill leis a bharrachd chum a 
leigeadh air ais. 'Nuair a shocruich iad air so, 
ghabh iad mu thàmh gach fear na bhùth fein. 
Cha d'rinn Eeuben ach laidhe sios, 'nuair a 
dhealraich glòir m'a thimchioll, agus ghairm guth 
neamhaidh air air ainm, "a Eeuben, a Eeuben, 
a cheud-ghin Israeil, èisd ri m' bhriathraibh, agus 
thoir aire do m' chainnt. Tha thu ri bròn arson 
Ioseiph, agus ni h-ann gun chion-f àth, le aobhar 
'fhograidh a thoirt fainear. Ach tuig so, gu 
bheil cùram àraidh aig a Dhia dheth, a tha maille 
ris ge b'e taobh a thèid e, 'sa bheir air gach ni a 
ni e soirbheachadh. G-heibh e caraid, athair 
agus bràithrean ann an tìr choigrich, far an gabh 
e tàmh gu tèaruinte, gus an tig a bhràithre, gun 
fhios doibh, agus gu'n dean iad ùmhlachd dha 
leis an irioslachd is mò. Grheibh thu f hathast e, 
a Eeuben, ann ad ghlacaibh. Agus aithnichidh 
na h-uile dhaoine e mar oid'-altruim an t-sliochd 
thaghta. Ach san àm cheudna, thoir an ro aire ort 
fein, a Eeuben, leis a' chùis a chleth air t-athair, 
air eagal gu'n dean buaireas do bhràithrean do 
ghearradh as roi'n àm ; oir tha cuid diubh eòlach 
air fuil a dhòrtadh, agus cha sòr iad àr dhaoine. 



28 EAOHDRAIDH IOSEIPH. 

G-abh mo chomhairle agus bithidh gach ni gu 
math. 

Mu bhrise na fàire dh'fhalbh iadsan a chaidh 
air tòir nam Midianach chum Ioseph a thoirt air 
'ais, ach dh'f hartlaich orra breith orra, agus phill 
iad air an ais gu sgìth airsneulach gu Dotan. 
Bha gach neach dubhach arson mar thachair; 
bha Simeon fein deacair nach d'f huair iad e ; 
'se Eeuben bu lugha iomaguin diubh, ni a chuir 
ioghnadh air na bràithribh uile, a chionn gu'm 
fac iad e ionnas air bàini beagan roimhe sin. 
Ach 's ann a thuirt e, Leigeamaid dhinn a bhi 
cumhadh Ioseiph. Tha'n t-òganach cràbhach air 
cùram a Dhe, nach trèig am feasd am feumach na 
airc. Smaointicheamaid air dòigh-eiginn a chumas 
suas misneach ar n-athar fo'n trioblaid, a tha ull- 
amh gu tuiteam air a cheann urramach. Iacoib! 
a sheann duine f hiachail, is goirt le m' chridhe do 
chor. Thig tuil-bheum bròin ort 'an ùine ghearr. 
Ach tha'n gealladh agad, agus cha trèig do Dhia 
thu. G-u'n robh e da rìreadh am fagas duit." 

"O'n a tha chùis mar so," a deir Aser, "air 
leam gur h-iomchuidh dhuinn meann no uan a 
mharbhadh, chum gu'n tùm sinn còta cadath 
Ioseiph anns an f huil an dèigh dhuinn a reubadh, 
agus gu'n cuir sinn e dh'ionsuidh ar n-athar, agus 
is dual da a shaoilsinn gu'n do chuir leògh- 
ann, no uilebheist eiginn eile as da, agus cha 
bhi amharus aig' oirnne. 'S èiginn duinn an 
fhìrinn 'aideachadh, no an gniomh a chleth le 
ceilg. Ma dh'aidicheas sinn e bheir sinn mal- 
luchd ar n-athar oirnn, agus le a chleth feudaidh 
sinn a ghràdh a mhealtainn : ged tha fios aig 
Dia gur beag a thoill sinn e." 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 29 

Chaidh comhairr Aseir a ghrad ghabhail, agu§ 
shònraich iad gum b' iad Simeon agus Lebhi a 
rachadh leis a chòta dh'ionnsuidh Iacoib ; cha 
b'urra do chàch bròn an athar 'f haicinn. Nach 
daimheil aon chionta do pheacadh eile ? Cha 'u 
'eil seòil aig mic Iacoib air an droch-dheanadaa 
'f halach, ach le breugan agus le ceilg. " 'Se ar 
beatha a chlann, ' se ar beatha a Shimeoin agus 
a Lebhi," a deir an caomh phriomh athair, " cion- 
Das a tha' chuid eile de m' chloinn, agus cia mar 
tha Ioseph ?" A deir iadsan, " Tha ar bràithrean 
uile gu math, ach arson Ioseiph cha 'n f haca sìdd 
idir e." " Cha'n f haca sibh idir e !" a deir esaD, 
" 'se so an cùigeadh là o 'n chuir mi air falbh e 
gu 'r faicinn, agus a dh'fhiosrachadh mu 'r 
slàinte. G-u'n deònaicheadh Dia nach 'eil cion- 
fàth air m' eagal. gun cluinneam nach d'- 
thainig sgiorradh air mo leanabh !" " Tha dòchas 
againn nach d'thàinig," a deir iad, " ach cha 'n 
'eil sinn fein saor o eagal uime, a chionn nach 'eil 
e aig an tigh. An uair a bha sinn a' teachd 
tre'n fhàsach, f huair sinn còta cosmhuil ri fall- 
uÌDg ar bràthar, ach aithDÌchibh sibh feÌD dì 
's fearr e 'Duair a chi sibh e. 'Se so au còta 
fhuair sinne, agus faicibh an e no nach e 
còta ur mic a th' ann." Mo chreach ! 's e gun 
amharus còta mo mhic a th' ann. Gun ag tha 
Ioseph air a reubadh as a chèile, a deir e ; agus an 
fhuil a' sìoladh as a ghnùis, thuit e an riochd 
mairbh, agus bha e ùine mhòr m'am b'urrainn 
iad a thoirt as an neul. Grhlac maoim an teagh- 
lach, leum Beniamin agus na h-igheanan gu' 
chòmhuadh, agus rinn iad iolach chruaidh, ag 
èigheach, ar n-athair ! ar n-athair ! Tha ar 



30 BAOHDRAIDH IOSEIPH. 

deadh athair a' dol eug. Bha Dinah san sgath- 
leumnaich air feadh a' bhùth, a' spionadh a fuilt 
anns an iomaguin bu mhò, ag èigheaeh, m' 
athair, m' athair, b' fhearr gur mis' a rachadh 
eug a d' ionad. Giod a nis a ni do nighean, do 
Dhinah gun charaid ? Na h-eas-urram d'a càir- 
dibh ; air a tionndadh a mach air feadh saoghail 
an-iochdmhor, a dh'easbhuidh dìon a h-athar. A 
Dhinah bhochd ! B' fhearr nach d' rugadh riamh 
ihu ! Mo mhalluchd air mac Hamoir. Gu ma h- 
olc dhàsan o ni uaill a òigh a thruailleadh. Bha 
aon de na boirionnaich a' suathadh a chas agus 
a leth-cheanna gus an d'thainig e g'a ionnsuidh 
fein. Air dha osna throm a tharruing, le seall- 
adh fìadhaich, thuirt e' 0' àit a bheil mi ? Oiod 
a's ciall de'n ùinich so, a nigheana ? C' arson a 
chuir sibh dragh orm ? Tha mi nis air mosgladh 
as a' chadal bu shocraiche san robh mi riamh. 
C' àite 'bheil mo Dhinah ? Innis domh ciod a 
dh'f hairich thu, 's mise t-athair, a Dhinah ; thig 
dlù dhomh a rùin 's gu'm pòg mi thu. Abair ri 
Ioseph e' thighinn gu grad, 's math leam 'f haicinn. 
Mo thruaighe ! bhuin mi nise ri m' lèir-chreach. 
Cha 'n 'eil Ioseph ann ! Chaidh a reubadh as a 
chèile. Thoir a chòta làn fala a' m' ionnsuidh. 
B'e sin a Bheniamin, còta do bhràthar Ioseph. 
Cha chaith e tuille e. Tharruing cuid de na 
fiadh-bheathaichean, leis am bu beòin le Dia 
daoine peacach f hiosrachadh, as a cheile e, agus 
dh'ith iad suas e. mo Ioseph ! a Ioseiph ! 
Bheirinn mo bheatha mìle uair chum do shaor- 
adh o 'n bhàs. Ach tha thus', a mhic air triall 
o thìr an t-soluis agus leanaidh mis' thu an ùine 
ghearr do thìr an dorchadais. Tha mi teachd a 



EAOHDRAIDH IOSEIPH. 31 

mhic. Leanaidh mi thu, thig mi suas riut san 
tìr chèin. G-reas ort a bhàis, dean obair ghearr 
dheth ; tha fadal orm aon uair eile mo mhac 
iadhadh a'm' ghlacaibh aosda. Ach mo Dhinah, 
mo nìonag bhochd, nam feudainn dhùraiginn 
fuireach fathast beo, a hìghdachadh do bhròin. 
Ach tha mi faghail a' bhàis : cha chomasach 
dhomh bhi fadabeo an dèigh mo Ioseiph." Thug 
Beniamin gràdhach, Dinah, agus na peathraich- 
ean eile gach oidheirp a b' urrainn iad air sòlas 
a thoirt do 'n t-seann phriomh-athair arson a 
challdaich ghoirt. Ach bu diomhain an oidheirp. 
Dhiùlt e co'-fhurtachd a ghabhail, ag ràdh, Ni 
h-eadh ach theid mi eug maille ri m' mhac. Thug 
Sunah bean Iudaih, Tamar bean Shimeoin, agus 
Silah bean Naphtali oidheirp air lionmhoireachd 
a shliochd a chur fa chomhair. An aon-mhac- 
deug a bha làthair, an gineil, agus fiuthair ri 
mòran tuille. Ach fhreagair an duine còir, 
Gha'71 iad sin mo Ioseph, agus thuit e thairis ann 
an greis eile de bhròn cràiteach. Mar so bha e 
ri tuireadh o là gu là arson a mhic, agus cha robh 
e'n innleachd a chuid cloinne co'fhurtachd a 
thoirt da. 

Tharruing Ioseph agus a' chuideachd dlù air 
Memphis, baile-mòr na h-Eiphit, far an robh 
na ceannaichean a los am bathar a reic. Agus 
fhuair Albhah, an t-Ismaelach mar an ceudna 
margadh arson Ioseiph. Mhothaich Albhah na 
h-uiread de theòmachd Ioseiph mu thimchioll 
a gnothaichean, agus bha e co ciatach mu 
'dhiadhachd agus mu 'dheadh thuigse, 's gu'm bu 
deòin leis a ghleidheadh mar sheirbhiseach, nam 
biodh Ioseph toileach fuireach maille ris : ach a 



32 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

chionn gu'n robh e fiosrach air a chor, leig e gu 
saorsa a thoile fein e. 

Air an fheasgar an dèigh dhoibh teachd do 
Mhemphis, ghairm e Ioseph d'a ionnsuidh, agus 
labhair e ris air an doigh so. " Oganaich, tha 
fìos gur ann a * thaobh farmaid a chaidh do 
sgaradh o thigh t-athar, agus do reic riumsa. On 
thainig thu fo m' churamsa, thaitinn do chainnt 
agus do ghiulan rium. M'as deòin leat fuireach 
maille rium, buinidh mi riut mar charaid 's 
cha'n ann mar sheirbhiseach ; oir, a Ioseiph, 's 
ionmhuinn leam thu, mar gu'm bu tu mo mhac 
fein. Ach theagamh gur coma leat dol air t'ais 
do'n tir sa bheil do bhràithrean an-iochdmhor a 
chòmhnuidh, agus mar tha mis' aineolach ciod 
a tha 'n rùn Dhè a dheanamh riut, bheir mi 
dhuit do roghainn, pilleadh leamsa, na fuireach 
san Eiphit. Ach m' as annsa leat tuineachadh 
san Eiphit, 's f heudar dhuit a bhi air do reic, a 
Ioseiph. Air do reic, a charaid, ged a tha mi 
deadh chreidsinn gu'n robh thu air do bhreth 
chum riaghladh." Fhreagair Ioseph gu modh- 
ail e, " Albhah urramaich, mo charaid, m' athair, 
ceadaich dhomh na h-ainmean cairdeil sin a 
ràdh riut ; cha'n urra' dhomh gu leòir de mheas 
a bhi agam air maitheas De, a sholair dhomh 
ann an coigreach an càirdeas a dhiultadh dhomh 
ann an tigh mo bhràithre. B' an-iochd na f huair 
mi uapa-san, ach 's fior chàirdeas, mo mhaighstir 
ionmhuinn, a bhuilich thus' orm. B'e mo 
mhiann a bhi maille riutsa, ach f huair mi rabhadh 
dìomhair o theachdaire nèamhaidh beagan m'an 
do reiceadh riutsa mi, a chuir mar fhiachaibh 
orm, o'n is deòin leatsa e, fuireach a'm' thràill 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 66 

san Eij.nit. Cha mhath leam an teachdaireachd 
a f huair mi 'innse f hathast ; ach thig an t-àm, a 
mhaighstir urramaich, 's an innis mi dhuit gu 
saor aobhar mo chur air fògradh. An sin chi 
thu nach e lughad mo mheas ort is cionfàth air 
mi dh'fhàgail do sheirbhis ro taitneich. Ear- 
alaicheam ort oidheirp a thoirt air mo reic co 
math's ged bu mhi do mhac fein, agus leig leam 
a bhi a' d' chomaine arson mo dheadh thuiteamais, 
ma bhios mi co fortanach an tir choigrich. Mar 
so ceanglaidh tu riut fein mi gu bràth, agus ni 
's tairise dhuit na dh'f haodainn a bhi le mi a 
bhi air thuarasdal agad." 

" Ni mise sin, a Ioseiph, a deir an deadh Is- 
maelach, " Bheir mi 'n aire gu'm builich mi thu 
co math 's a dh'fheudas mi. Ni mi àite athar 
dhuit san àm so. Ach 'nuair a dh'àrdaichear thu, 
mar a ni Dia, eadhon Dia Abrahaim chum na 
h-inbhe is àirde, na di-chuimhnich do charaid. 
Cuimhnich air Albhah bochd, agus air mo sgàth- 
sa, buin gu caoimhneil ri m' shliochd, ma thig 
iad am feasd a' d' f hreasdal. 'Ardaichidh mi do 
luach, mo charaid, co mòr 's a dh'f heudas mi, ach 
cha ghleidh mise peighinn deth, oir bhuannaich 
mi gu math le d' shaothair cheana." " Mo 
mhaighstir ionmhuinn," a deir Ioseph, " is fear- 
malairt thusa, agus 's ann o d' bhuannachd a tha 
do theachd-an-tìr, c'ar son a thilgeadh tu a bheag 
dheth air falbh air coigreach bochd neo-airidh ?" 
" Tha mi 'g innse dhuit a Ioseiph," a' deir e, 
" gu bheil an t Uile-chumhachdach na charaid 
duit, agus cha leig do Dhia le Albhah bochd a 
bhi'n call arson aon chaoimhneas beag a dheòn- 
aicheas mise dhuit. Bi toilicht' a Ioseiph ; ague 

c 



34 EAOHDRAIDH IOSEIPH. 

dean deas fa chomhair a mhargaidh mn mheadh- 
on-là am màireach ; agus gabh am beagan air- 
gid so chum èideadh snasmhor a chur umad : 
agus ni mise gach ni as urra dhomh chum dc 
leas." Le so a ràdh dh'fhalbh e, agus cha robh 
cothrom aig Ioseph air freagradh a thoirt 
Dhrùigh an fhialachd so co mòr air Ioseph 'g 
gu'n do bhris a ghal air, a' toirt moladh do Dhia 
a thog suas da, mar g'am b'ann athair eile anu 
am pearsa Albhah. " thus', a Dhe naomha,' : 
dh'èigh e, " Tha nis mothachadh agam air t-uile- 
làthaireachd, agus air do fhreasdal càirdeil mu 
ghnothaichean dhaoine. Tha mi moladh do 
ghliocais agus fo ioghna le d' mhaitheas dhomhsa, 
a tha neo-airidh air an earrann is lugha de 
d' thròcair; deònaich Dhe gu'n d'thoir thu gu 
crìch na thionnsgain thu air, agus soirbhich le 
oidheirpean onorach Albhah shuairce as mo leth- 
sa; agus soirbhich leam, agus bi maille rium, 
Athair agus a Charaid, anns an dùthaich so far 
a' bheil mi a'm' choigreach, agus 's ann duitse 
bhios glòir an iomlain. Arnen. 

Thainig an t-àm 's am b'èiginn do Ioseph e fein a 
nochdadh sa mhargadh. Thainig e ann an trusg- 
an eireachdail, a chuir àilleachd a phearsa an 
ceill gu ciatach. Cha luaithe thainig e fein agus 
a mhaighstir chum na fèille, na bha Potiphar, 
ard-cheannard ainmeil ann am feachd na h-Eiph- 
it, a' dol seachad, 's a thug e sùil air, no ghabh, 
e tlachd dheth. Nach goirt an gnothach, thuirt 
e ris fein, g'um biodh neach cho eireachdail na 
choslas, air a chur a'm port reicidh fo mheach- 
uinn gach spìocaire leibidich ? Ma shaoras air- 
giod e o thràilleachd ni mi e ; agus measaidh mi 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 35 

mi fèin sona gu'n robh cothrom agam air an 
neach a's maisiche chunnaic mi riamh a shaor- 
adh, Ciod e luach anfhleasgaich so, a charaid ? 

" Ma reicear e," a deir Albhah, " 's e ceud gu 
leth bonn airgid is luach dha ; ach cha reic mi è 
mur bi fios agam co ris, agus ciod an càramh a 
gheibh e. Oir is deòin, agus cha'n èiginn, a tha 
'ga chumail, 'san Eiphit." " 'Se m' ainmse, Poti- 
phar, ars e, " tha mi ann an càil-eiginn de mheas 
'san rioghachd, agus gu tric dlù air pearsa an 
righ." " Mata a dhuin' uasail, 's leat an t-ògan- 
ach air an luach is àill leat ; agus tha dòchas 
agam gu'm meas thu e mar neach a b'airidh air 
gnàthachadh a b'fhearr, a dh'èirich o ghamhlas, 
agus o f harmad a bhràithribh. Tha e 'm chomas a 
mholadh dhuit mar neach ionraic, deadh-bheusach 
dileas agus diadhaidh. " 'S leams e. A bheil 
thu deònach dol leam ?" Tha mise toileach a bhi 
'ra òglach iriosal dileas duit, mas deòin leatfein e. 
' So dhuitse a cheannaiche do chuid airgid. " Aon 
ni a b'àill leam a ràdh m'an dùin sinn an co'- 
cheangal, agus 's e sin, leis mar tha mi ri malairt 
do'n àite so, gu'n asluichinn ort gu'm faicinn air 
uairibh mo charaid Ioseph, oir 'se mo charaid e, 
ged a tha comas agam a reic san àm." G-u ma 
fada o Photiphar an t-òganach is caomh leis a 
chumail air ais o chàirdibh. 'Se do bheatha 
gach àm do charaid òg agus àillidh fhaicinn." 

Chaidh Ioseph a shocrachadh ann an teaghlach 
Photiphar, an dèigh do Albhah a cho'èigneach- 
adh chum an ceud gu leth bonn airgid, arson an 
do reiceadh e, a ghabhail ; agus gabh e cead 
teò-chridheach dheth rè seal. Cha robh e fada 



?6 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

ean teaghlach 'nuair a dhearbh e bhi dìleas, tairis, 
ni a choisinn meas da o'n teaghlach uile. 

Bha Potiphar o cheann ghoirid air pòsadh 
baintighearna mhaiseach à teaghlach urramach, 
d' am b' ainm Sabrina, a shònraich an righ fein 
da. Chum am barrachd greadhnachais a bhi 
aig pòsadh a' cheannaird ainmeil so, dh'òrduich 
an righ là seilge ann am fàsach Arabia, far an 
d' aontaich e fein a bhi' làthair maille ri Potiphar 
agus Sabrina. Cha b' fhada thog iad an 
fhaothaid an uair a dhùisg iad leòghann ana- 
barrach alluidh fìadhaich, aig an robh cuileanan 
na gharaidh, a thug a choslas air an duine bu 
chruadalaiche fuireach air 'ais. Bha 'n uile- 
bheist ag amharc gu tàireil stràiceil orra, le 
'shùilean a' lasadh na cheann, agus ùrla làn 
greann agus gurt, gus an do thuig e gu'n robh 
na gaothair ro lionmhor air a shon, an sin ghabh 
e'n ruaig, agus dh'oidheirpich e tearmunn a 
ghabhail ann an doire dlù goirid uaithe. Bha 
Sabrina air each luath Arabach ; a bha eòlach 
air a bhi sa' bheinn-sheilg, a dh'f hàg na coin, 's 
a bha co luath ris a' ghaoith fein ; ach chuir i i 
fein ann an cunnart anabarrach, ni a chuir oillt 
air na sealgairean uile, ach cha b'urrainn neach 
teachd suas rithe ach Ioseph na aonar. Bha 
esan a' f àlaireachd air steud-each luath meamn- 
ich a dh'fhuirich dlù d'a bhain-tighearna, agus 
bu mhath dh'ise gu'n d' f huireach ; oir air dh'i 
teachd dlù do'n doire, anns nach faigheadh an 
leòghann dol le dlùithead, thionndaidh e gu 
h-alluidh air a luchd-tòrachd. On a b'i Sabrina 
a b' fhaisge dha, cha 'n 'eil ag nach tuiteadh i 



EACHDttAIDH IOSEIPH. 37 

leis, mur grad leumadh Ioseph eadar i 'san 
cunnart. Bheuc an leoghann is raoichd ana- 
barrach, agus thug e ionnsuidh fhiadhaich air 
Sabrina, nach mor nach do thuit leis an eagal ; 
am feadh a leum Ioseph bh'arr an eich, reub 
e'n leoghann sa mhuineal, agus chuir e a shleadh 
gu làr troimhe. Bha Potiphar a nis air teachd, 
agus le uamhas arson a chunnairt san robh a 
bhean, agus le ìoghnadh ri misnich chruadalaich 
a sheirbhisich ùir agus ionmhuinn, cha b'urradh 
dha facal a labhairt gus an do thuit e air a 
muineal g'a pògadh, agus an sin air Ioseph, a 
brùchdadh a mach le tuil aoibhneis agus thàing- 
ealachd. Thug e air ball a shaorsadh do dh'f hear- 
teasraiginn a mhnà, agus chuir e os ceann a 
theaghlaich e, far an do ghiùlain e e fein air 
gach dòigh mar aon a thug seirbhis, ni h-e a 
mhàin do dhuine, ach do Dhia. 'S ainmig a chi 
sinn luchd-riaghlaidh dhaoine mòra 'gan giùlan 
fein co iomchuidh. Bha Ioseph ro àillidh na 
phearsa, agus thug a ghaisge agus a chruadal 
'an casgairt an leòghainn, air Sabrina tuiteam 
an trom-ghaol air, am feadh a bha esan neo- 
fhiosrach air, o dheadh-rùn, agus o onòir, a 
coilionadh a dhleasanais dh'ise agus d'a mhaigh- 
stir, ni ged a bha e fiachaicht' air a dheanamh, 
a chuidich r'a gaol a mheudachadh gu neo- 
cheadaichte. An uair a mhothaich sùil uile- 
lèirsinneach an De shiorruidh. d'an lèir gach aon 
ni, agus a tha fiosrach air ar sziuainte diomhair, 
oibreachadh cridhe Shabrina, agus a' cur roimhe 
gu'n seachnadh an t-òig-f hear àluinn am buair- 
eadh a bha ri dol fa chomhair, dh'àithinn e do 



38 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

G-habriel teachd d'a ionnsuidh, agus sanus a 
thoirt da air a chunnart, ach gun innse dha co 
uaithe a bha 'm buaireadh ri tighinn. 'Umhal 
do 'n ghairm nèamhaidh, thainig an t-aingeal gun 
mhoille chum luchairt Photiphair, mu mheadhon 
oidhche. Shèid e 'anail chùbhraidh air an 
leabaidh, agus air ball dh'fhairich Ioseph gàir 
theas an deadh-bheus a' direadh suas ri nèamh. 
Bu bhlasda 'n clò-chodal 'nuair bha'n t-anam 
cràbhach an geall air sòlais de ghnè neo-bhàsmhor. 
Air dha bhi do ghnà cùramach mu ghnothaichibh 
a mhaighstir, air leis gu'n robh e mar so 'ga 
ghiùlan fein, 'nuair a chunnaic e làmh ag 
iadhadh lìon òir mu thimchioll an àite san robh 
e na sheasamh, agus ghrad mhothaich e bhi air 
a ribeadh ann. Air leis gu'n robh an lìon cho 
làidir 's nach fac e aon dòigh air dol as, 's cha 
mhò a b' urra dha innse c'arson a bha e mar 
so air a chuairteachadh. Mheas e gu'n robh e 
na phriosanach san lìon òir so, agus chual e guth 
os àird, ag ràdh, " Ioseiph ! a's taghta de chlo- 
inn Iacoib, cuimhnich Dia nan Eabhruidheach. 
Grabh greim air neart an Uile-chumhachdaich, 
agus cuiridh aon ionnsuidh ghramail fa sgaoil 
thu." Le so a chluinntinn, thog Ioseph suas a 
chridhe ri Dia le ùrnuigh ghoirid so na h-inntinn. 
" Dhe m' aithriche, Abrahaim, Isaaic, agus 
Iacoib, air a sgàth-san a bhruthas ceann na nath- 
rach, 's a sgriosas riobadh an droch-spioraid, cuid- 
ich mi an aon uair so agus saor mi.'' An sin 
thug e ionnsuidh le uile neart, agus mhothaich e 
an lion a' brise co furasda sa dh'fhairich Samson, 
an deigh so, na cuird ùra leis an robh e air e 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 39 

cheangal a' gèilleadh. Dìreach 'nuair a thng 
e 'n oidheirp ud 'sa bha e as an rioba, mhosgail 
e, agus b'ait leis nach robh ann ach bruadar. 

Bha Dia Ioseiph maille ris anns gach ni a rinn 
e. Thug e dha gliocas sònraicht' agus crìonn- 
achd ann an stiùradh a ghnothaichean, ionnas 
gu'n do shoirbhich leis gach ni a rinn e, a thug 
air a mhaighstir earbs' à ghliocas agus à 'onair 
le lan mhuinghinn ; agus dh' earb e ris 'oigh- 
reachd gu h-iomlan a riaghladh. Saor o f harmad, 
mheal e am mòr shoirbheachadh so gun dubh- 
achas air bith, ach na dh' èirich o bhi air f ògradh 
o lacob agus o Bheniamin. Bu shona do Sha- 
brina, nam biodh a cridhe co saor o anamianna 
mi-laghail 's a bha cridhe Ioseiph. Ach mo 
thruaighe ! thug i caidreamh deòthasach da h-ann- 
toil chlaon, gus an d'f hàs e tuille 's làidir air a 
son. Thug nàir' oirre a togradh mi gheimnidh 
a chleth rè ùine mhòir, gidheadh, a dh' aindeoin 
a dìchill bha e soilleir 'na gnùis. Bha a fear neo- 
amharusach, a' gnàthachadh gach ni a dh'fheud- 
adh e chum a leigheas. Bha na lighichean a' 
cur gach ubag agus eòlas a bha nan ealadhain 
gu'n dùlan, chum feum a dheanamh dhi ; bha gach 
culaidh-shùgraidh agus àbhachdais a dh' fhaoidt' 
a dhealbh air an gnàthachadh, chum a gruaim 
a thionndadh gu subhachas. Cha ghabhadh i 
toilinntinn ann an cleasachd air bith mar biodh 
Ioseph m'a thimchioll. B'e'n t-aon àm toil- 
inntinn a bh' aice 'nuair a gheibheadh i esan a 
slmidhe leatha, agus eachdraidh a thoirt di nran 
tìr o'n d'thàinig e ; ni leis an d'aontaich esaD gu 
neo-smuaireanach. 

M'an àm so thachair cùis a mheudaich gu 



40 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

mòr a gaol. Chaidh Potiphar agus Sabrina air 
chuairt a dh'fhaicinn Ira, prionnsa de mhuinn- 
tir Libia, far an d'f huair iad aoidheachd f hial- 
laulh, car seachduin no dhà, ach an àm pilleadh 
dhachaidh thugadh ionnsuidh orra le creacha- 
dairibh a mhuinntir Arabia. An uair a chunnac- 
as an tùs iad, thuit Sabrina an riochd mairbh, 
ann an glacaibh a fir ; agus cha mhòr nach d'thug 
i suas an deò. Cho luath ri eun air iteig leum 
Ioseph as a charbad, agus leum e air muin eich 
a bha 'nan cuideachd, agus thug e prosnuchadh 
do na seirbhisich iad a bhi gu gaisgeil dìleas 
d'am maighstir. Thug na h-Arabaich aghaidh 
ghramail orra ; ach le eisimpleir agus earail 
Ioseiph chuir na h-Eiphitich an ruaig orra le 
h-àr mòr. Chuir Ioseph 'each g'a dhùlan, mharc- 
aich e suas ris an nàmhaid, agus le buille ga 
chlaidheamh, sgoilt e ga shùilean ceannard nan 
Arabach, agus maille ris-san mharbh e ioma 
fear dhiubh : lean òglaich Photiphair eisimpleir 
Ioseiph, agus chasgair iad leth nan creachadair- 
ean ud, am feadh a dh' iarr a chuid eile dhiubh 
iad fein a dhìon le teicheadh mar a b' fhearr 
a dh' fheudadh iad. Bha Sabrina a nis air 
teachd as a phreathal san robh i, ghrad chaidh 
Potiphar a chòmhnadh a luchd-muinntir ; ach m' 
an d'ràinig e, bha'n gnothach crìochnaichte, agus 
chaidh an ruaig air an nàmhaid. Chunnaic 
Sabrina o'n charbad treubhantas agus gaisge 
Ioseiph, mar bha e 'sgathadh sios a naimhde, 
agus bha gach creuchd a bhuilich e orra, mar 
shrad-bheothachaidh d'a gràdh. Bha aiteas air 
Ioseph a chionn gu'n robh cothrom aige air 
am maitheas da a cho'dhìoladh, le e fein a chur 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 41 

thuige an àm an teinn agus an cruaidh-chais. 
Le modhalachd ghabh e ri taing Photiphair, a 
nochd mar an ceudna d'a bhaintighearn e mar a 
caraid agus a fear-saoraidh. Bha a chainnt r'a 
bhana-mhaighstir gu dleasdanach, taingeil, agus 
teò-chridheach ; ni a thug oirre smaointeachadh 
gu'n robh e air a bhualadh le gaol co-ionann rithe 
fein, agus bha a rùn oirre, aig àm iomchuidh, 
gu'n aidicheadh i dhà e. Ach a rìs chuir i 
roimpe gu'm feitheadh i beagan ni b' f haide, 
dh' f heuchainnn an cuireadh e fein an cèill e. 



AN TKEAS EAKKANN. 

Bha Sirena gle eòlach air cuil-bheartan nam ban, 
na ban-ionnsaiche do Shabrina an àm a h-òige, 
agus bha i nis aice mar bhean-f hrithealaidh. B'ise 
mhàin a bha fiosrach air a diùbhrais; a chionn gu'n 
robh cinnt' aice gu'n robh i ullamh gu 'cuideacha 
anns gach ni a mhiannaicheadh i. G-habh i truas 
d'a cor, agus thug i misneach dh'i na h-anamianna 
mi-stuama, le cinnt a thoirt d'i, co fad 'sa b' urra 
dh'ise diomhaireachd cridhe an òganaich a thuig- 
sinn, gu'n robh e na thogradh coltach rithe fein. 
Bha e furasd' fhaicinn na shealladh agus na os- 
naich. Oir ged a shoirbhich gach ni le Ioseph, cha 
d'f heud e gun iomadh osna throm a tharruing a' 
cuimhneachadh air a bhraithrean ciontach, agus 
air bròn cràiteach 'athar, o'n robh e air 'fhògradh 
gun chionfàth. Gheall i gun d'thugadh i gach 
oidheirp chum a bana-mhaighstir a thoileachadh 
agus nach robh teagamh aice, le seòltachd a 
ghnàthachadh nach furaineadh i an t-òganach gu 



±Z EACHDRAIDH IOSEIPH. 

aontachadh leatha. 'Nuair a bha e aon là na 
sheòmar, a' cur gnothaichean a mhaighstir an 
òrdugh, thainig Sirena a steach, agus 'nuair 
a dhruid i 'n dorus, labhair i mar so ris : " A 
Ioseiph, co air bith a bhios nan tàmh, cha bhi 
thus' ann. Tha gun ag ar maighstir sonadh do 
leithidse do sheirbhiseach a bhi aige. Cha'n 
ioghna leam idk gu 'bheil na h-uiread mheas 
aige fein agus aig ar bana-mhaighstir ort." " A 
deiream riut, a Shirena, nach 'eil mi deanamh a 
bheag ach mo dhleasdanas," arsa Ioseph. " Tha 
aig mo mhaighstir urramach agus aig a chò- 
sheise, còir air mo sheirbheis a's fearr; agus 
bhithinn fada goirid air mo dhleasdanas do Dhia, 
dhoibhsan, agus dhomh fein, mar deanainn na 
dh'fheudainn chum an urram, am buannachd, 
agus an toil a chur air aghaidh." " Tha mi toil- 
icht," a deir i, " gu bheil do bharail m'an chùis 
sin cosmhuil ri m' bharail fein. Agus tha fìos 
agamsa, a Ioseiph 'gu bheil am barrachd spèis 
uaitse do d' bhana-mhaighstir dligheach, na 
theagamh air a bheil thusa fiosrach." " 'S 
aithne dhomh," thuirt e, " gu bheil mo bhana- 
mhaighstir maiseach, agus deadh-bheusach, agus 
gu bheil i toilltinn mo mheas a's àirde, ni a bhios 
mi ullamh gu ìocadh dh' i leis an tlachd is mò." 
" Tha i deadh-bheusach," a deir i, " ach leig 
dhomh innse dhuit a Ioseiph, nach 'eil àrach aic' 
air amharc ortsa le gaol agus carthannachd. 
'Sann a dh' innis i dhomhs' e le èiginn mhòir ; 
agus feudaidh tus' an cothrom a ghabhail air a 
caoimhneas, ni nach deònaicheadh i do aon neach 
'eil ach dhuitse ; cha deònaicheadh eadhon do'n 
righ fein." Thuirt Ioseph, " Tha mo mhaighstir 



EAOHDRAIDH IOSEIPH. 43 

agus mo bhana-mhaighstir a' buileachadh na h- 
uiread chaoimhneis orm, air a' bheil mise neo- 
airidh ; agus tha mi creidsinn gur math leo am 
barrachd a nochdadh ; ach bu chòir do'n neach a 
labhradh an aghaidh teistealachd mo bhana- 
mhaighstir a bhi a chaoidh na thosd." " Na bi 
cho cinnteach," ars ise, " tha mis' ag innse dhuit 
gu bheil i 'n gaol ort, agus gur fada leatha gus am 
bi cothrom aic' air 'innse dhut; ach chomhair- 
lichinn dhuit an diùbhras a ghleidheadh dhuit 
fein, ach glac an cothrom air thu fein agus ise 
'thoileachadh." An so thainig crìoch air a 
seanachas ; agus phill i chum a bhana-mhaighstir 
a bha le mi-fhaighidinn 'ga feitheamh. 

Chuir Sirena an cèill a seòltachd fein ; dh' 
aithris i a' chainnt a bh' eadar i fein agus Ioseph 
air a' mhodh a b' f hearr air leatha a thaitneadh 
e ri toil a bana-mhaighstir ; agus thuirt i gu'm 
b' ann o f haicill, 's nach b' ann o chion toil, a 
ghabh e air gun a tuigsinn. Ach thuirt i a dh' 
aindeoin na dh' fhaod e a dheanamh g'a chleth, 
gu'm b' fhurasd a thuigsinn air gu'n robh e co 
trom an gaol oirre-se 's a bha ise air-san. An 
aon fhocal, a deir i, " 'Sann eadaraibh fein a's 
èiginn do'n chùis a bhith, oir tha mi faicinn gn 
bheil e co faicilleach 's nach leig e fìos do aon 
neach ach dhuit fein. Agus cha'n fheud mi 
coir' fhaotainn da, 'nuair a chi mi co mealltach 
'sa tha chuid is mò de 'n t-sluagh. Tha fios agad 
nach 'eil e ach òg, 's nach 'eil e fhathast ach 
aineolach air caoimhneas ar leithid-ne; agus cò 
aig a bheil fios nach cum a nàire air ais e o ghràdh 
aideachadh ; a thuilleadh, theagamh gu'm bi 



44 BACHDRAIDH IOSEIPH. 

eagal air roi' d' dhiumb mar biodh tu co deònach 
's a bhiodh e fein." 

"0! Shirena," f hreagair bean Photiphair, 
" 's èiginn duit a thuigsinn, gur cruaidh an 
gnothach do thè againne, far a' bheil a' chùis 
laghail, ar deòin 'aideachadh ; ach gu mòr ni 's 
mò far am bheil an cuspair mi-cheadaichte, a 
chionn gu bheil e a' foillseachadh ar mi-chliu 
agus ar nàire. Ach rachadh agam air mo ghràdh 
dha 'aideachadh, nan saoilinn gu'n aontaicheadh 
an t-òig-fhear stràiceil leam ; ach, a Shirena ! 
ma dhiùltas e mi, tha mi caillte. Tha' phearsa 
eireachdail agus ionmhuinn, tha 'ghiùlan gu 
modhail suairce, agus 'inntinn saor agus neo- 
lochdach ; ach 's eagal leam gu bheil a dheadh- 
bheus do-lùbaidh." "0 a bhean uasal," a deir 
an t-seann bhan oileanaiche, " cha chomasach do 
dheadh-bheus air bith cur an aghaidh do sgiamh- 
achd-sa. Tuitidh e gu socharach leat, 'nuair 
a thuigeas e do ghràdh air." 

A' gabhail misnich o na thuirt Sirena, chuir 
i roimpe gu'n cuireadh i nàire agus banalas air 
cùl, agus gu'n deanadh i furan air Ioseph da 
h ionnsuidh. Chum so a dheanamh, dh' òrduich 
i a carbad chum dol a mach, gun a fear aig a 
bhaile, agus gu'n rachadh Ioseph leatha. An 
uair a bha iad air an t-slighe, le rugha na h- 
aodann, agus cìocras na sùil, thuirt i, le fann- 
ghuth liotach a chuir an cèill olcas a miann, " A 
Ioseiph, cha 'n urrainn duit a bhi neo-fhiosrach 
air mo thoil gu bhi a d' chuideachd, agus feud- 
aidh mi innse dhuit, mar drùigh mo ghràdh ort, 
eadhon mo ghaol-sa, 's trom dhomh a' cheud là 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 4.5 

a chunnaic mi t-aghaidh mhaiseach. Oir tha 
gaol agam ort a Ioseiph ; tha mo chiocras a 'toirt 
orm mo nàir a nochdadh ; tha mo chliù an earbsa 
riut ; tha dòchas agam gu'm bi thu co uasal 's 
a's gnàth leat." Air dh' i so a ràdh chrom i a 
ceann air 'uchd, agus shil i na deòir gu frasach, 
a dh' oidheirpich i fholach, ach bu diomhain 
di. Fo ìoghnadh ris an aidmheil fhollaisich 
so, bha e rè real m' am b'urra dha focal a ràdh. 

An ùine ghearr, le caoineadh reachdmhor air 
a taobhsa, agus le tùirse cridhe air a thaobhsa, 
le cruaidh-spàirn eadar truailleachd agus deadh- 
bheus, le guth fann bristeach thuirt e, "Bith- 
ìdh do chliù do ghnà saor o alladh aig d' òglach 
neo-airidh, neach is e 'uaill a's mò a bhi dìleas 
rau gach ni a dh' earbar ris. Ach m'an innis 
mi mo bharail mu'n chùis so, an toir do mhòrachd 
cead domh labhairt mu ni air am fiosraiche 
cloinn Sheim, no gineil Ham." An dèigh dha 
cead fhaghail, le fiuthair gu'n saoradh e e fein 
o'n èiginn san robh e, agus gu'n oibricheadh 
e caochladh barail na bhana-mhaighstir, chaidh 
e air aghaidh mar so. 

"'Nuair a chruthaicheadh ar ceud-sinnsir, 
Adhamh agus Eubh, bha iad saor o gach claon- 
thogradh chum uilc : cha robh aon smuain 
thruaillidh nan aigne. Mhair an t-sàmhchair 
shìochail so aca co fad 'sa ghlèidh iad an neo- 
chiontas. Ach thuig iad o'm fiosrachadh goirt, 
gu'm be toradh a' pheacaidh gnà-eagal agus sìor 
bhuaireas. Bu deònach le 'r Cruthadair math- 
asach ceud-sinnsir a chinne-daonna a chur ann 
am pàrras, far an do shealbhaich iad earraoh 
gun chaochladh, agus gach luibh thaitneaoh, 



46 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

Is leatsa, Adhamh, na tha do shùil a' faicinn, 
agus na dh' fhàsas as an talamh, a cleir an t-Uile- 
chumhachdach. Tha comas agad feum a dhean- 
amh de uile thoradh na talmhainn. Tha mi 
toirmeasg aon chraobh dhuit, agus cha 'n 'eil 
ach aon chraobh, nach dean thu uiread agus bean- 
tainn rithe. Tha gun amharus a geugan, a' 
lùba' fo 'n mheas a tha taitneach do 'n t-sùil. 
'Si so, Adhamh, a' chraobh thoirmisgte. 'S iad 
sin a meas, 'se 'm bàs duais 'itheadh. Bi, a 
dhuine, air t-fhaicill roimhe, na tig am fagus 
da, Adhamh, oir air an là a dh' itheas tu dheth 
gheibh thu gu cinnteach bàs. Bha Eubh, 
màthair a' chinne-daoine, mi-fhaicilleach, agus 
ann an droch uair bhuair an nàmhaid i gu 
itheadh de 'n mheas thoirmisgte, agus b' eagal- 
ach na bha na cho-lorg. A chionn gu'n d'ith 
i fein deth, thug i oidheirp air a fear a mheall- 
adh, agus tharruing i esan leatha, an aghaidh 
solus a choguis. Le so a dheanamh ghlac 
uamhasan anabarrach an coguisean ciontach, 
agus cha b' fhios doibh cion a theicheadh iad 
chum am bàs a thoill iad a sheachnadh. Thainig 
am feasgar, chaill an iarmailt a ciùineachd, na 
beathaichean an callda gnàthaichte, chaill na 
blàithean an deadh bholtrach, agus bha dreach 
nàduir air chaochladh coltais. 'San anmoch 
'nuair a bha 'ghrian a' dol fodha san àird an iar, 
thainig an Cruthadair mòr fein a nuas do'n 
ghàradh, chum an toirt gu cunntas mu na rinn 
iad. B' uamhasach an caochladh. Cha 'n 'eil 
iad a nis comasach air seasamh mar b' àbhaist 
doibh le muinghinn agus dànachd cloinne 'na 
làthaireachd naomha; bu lugha na sin a bha 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 47 

fadal orra arson teachd an aoidhe nèamhaidh 
mar bu ghnà leo : ach theich iad gu mi-chiatach 
o làthaireachd an Cruthadair, chum iad fein 
fhalach uaithe-san, a bha iad o chionn ghoirid 
a' meas mar am beannachadh bu mhò. Cha 
mhò thainig an t-Uile-chumhachdach e fein leis 
a chaoimhneas agus an ionmhuinneachd a b' 
àbhaist da, ach le corruich air a ghnùis àghmhoir. 
Cha robh dlùths an doire comasach air am 
falach o shùil uile-lèirsinnich an De shiorruidh 
a tha 'gan diteadh aig a' mhòd chothromach, 
ag èisdeachd r'an leth-sgeul bochd, agus a tha 
toirt na binne muladaich a mach. sin cha 
'n f heud aon neach beantainn ri meas toirmisgte 
gun pheanas. Tha thusa, mo bhana-mhaighstir, 
mar a chraobh thoirmisgte. Tha t-àilleachd 
soilleir do gach neach ; ach tha iad neo-chead - 
aichte do gach duine, ach a mhàin do m' mhaigh- 
stir. 'S esan na aonar a dh' f heudas dlùthachadb 
riut gu laghail. 'S esan amhàin a dh' f heudas 
do shealbhachadh. Nan dèanainnse gu h- 
eacorach foill air mo mhaighstir, agus mi-chliu 
a thoirt air a chèilidh ghràdhaich bhithinn a' m' 
shlaightire, agus mi-dhleasnach do'n mhaighstir 
a' b' f hearr, agus a' m' cheannairceach an aghaidh 
Dia m' aithriche, air an cuirinn corruich uamh- 
asach ; agus bheireadh tusa fein do mhalluchd 
orm, 'nuair smaointicheadh tu gu ceart air, 
arson a' ghniomh ghràineil a dheanamh. Is 
caomh leam thusa mo bhana-mhaighstir urramaich 
agus dheanainn do dhion, agus ni h-e eas-urram 
a tharruing ort. Is toigh leam mo mhaighstir 
gràdhach, agus cha deanainn foill air. Ih 
ionmhuinn leam Dia, agus cha chuirinn corruioh 



48 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

air. Ceadaich dhomh, mata a bhean uasaì, a 
ghuidhe ort gu'ri cuir thu smachd air an-togradh 
neo-cheadaichte a mhilleas do mheas agus do 
shuaimhneas ; ni ma bhuanaicheas tu ann a 
chlaoidheas tu le agartas goirt coguis, agus bith- 
idh tu buailteach do'n chunnart is mò." 

" Ioseiph !" a deir cèile Photiphair, " is inn- 
leachdach an naidheachd a dhealbh thu, chum 
an t-urram thairgeadh dhuit a sheachnadh. 
Is faoin na leth-sgeil a tha neònachas creidimh 
agus deadh bheus a' dùsga suas annad. Ciod 
an eucoir a bhiodh ann do d' mhaighstir. Is 
leis-san mi gach àm ; ullamh a ghnà gu 'thoil- 
eachadh. Cha 'n ion duinne aon eagal a bhi 
oirnn, co fad 's a theid againn air a chleth. Tha 
mi a rìs ag innse dhuit, a ghaoil, a Ioseiph, gur 
toigh leam thu." 

" A bhaintighearna," thuirt an t-Eabhrui'each 
tha agam ann an teaghlach m' athar, a thaobh 
m' aon pheathar, culaidh-brosnachaidh chum mo 
chumail air m' ais o neo-ghloine a chur an 
gniomh." Cluinneamaid e," a deir ise, "creid- 
idh mi gur faoin-sgeul eiginn diadhachd a th' 
ann a rèir na dh' aithris thu roimhe." 

" Is sgeula fior a th' ann, a tha bhi cuimh- 
neachadh air a' togail mòran mulaid domh a 
mhaireas gu là mo chriche. Bha mo phiuthar, 
gu h-òg, eireachdail, deònach air tuille de'n t- 
saoghal f haicinn na chitheadh i an tigh a h-athar, 
agus a chaidh chum oighreuchd coimhearsnaich, 
air àm san robh iad a' cumail cuirme shònruichte 
mar urram do dhèe an tìre. Am measg na mòr 
chuideachd a thainig cruinn, bha Sechem, prionnsa 
nan Hibheach, agus Tamar, a phiuthar. Bha 



BACHDRAIDH IOSEIPH. 49 

Dinah gu h-òg faoin, agus bha luchd-comhaid- 
eachd spleadhach aice de sheirbhisich m'athar, 
agus bha i fein gu rìomhach na h-uidheam. 
Dh' amhairc Sechem gu mìog-shuileach oirre, 
agus thuit e 'n trom ghaol oirre, a' cur roimhe air 
gach cor a faighinn. Bha a phiuthair, Tamar 
òg agus maiseach, ach as eug'ais na banalachd 
sin a tha cur a cliù air boirionnaich. Thuit i 
ann an dlù eòlas air mo phiuthair Dinah, a bha 
neo-eòlach air coinneamhan leannanachd ; ghabh 
i cuireadh a dhol a dh' f haicinn na bana-phrionnsa 
Tamar, do bhaile Shecheim. Chaidh an là a 
bhuileachadh ann an fearas-chuicleachd neo-lochd 
ach, ach a mhàin uair air 'n uair bha caileiginn 
ann a bha cosmhuil ri baoth-shùgradh. Mu 
chromadh na grèine bha Dinah toileach pilleadh 
dhachaidh, ach chaidh dàil a chur ann o àm gu 
am, leis a phrionnsa agus leis a bhana-phrionnsa, 
gus fa dheire gu'n do thuig i bhi air a mealladh, 
agus gu'n robh cionf àth aice aithreachas a ghabh- 
ail d'a cèilidh agus ga toil gu muinntir na tìre 
f haicinn. Cha d'aom i le guidhe agus le brìod- 
al, ach thug e air èiginn i, chum gèilleadh d'a 
anamianna mi gheamnuidh, agus chaidh rè seal a 
cumail na priosanach mar thoileachadh ris a' 
phrionnsa an taobh a stigh d'a lùchairt. Bha e 
ghnà an trom ghaol oirre, agus bha 'anam an 
geall air an òg-mhnaoi. Bha e co modhail, 
shuairce, agus co ionmhuinn na ghiùlan rithe, 
an deigh dha a truailleadh, 's nach mòr nach 
d'thug i maitheanas da, agus bha càileiginn de 
ghaol aic' air. Bha a ghràdhs' a' f às ni bu treise 
gach là, agus air dha a thuigsinn nach biodh e 
beò as a h-eug'ais, agus nach leigeadh an speits 

D 



50 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

a bh' aige dh'i a gnàthachadh air mhodh mi-iom- 
chuidh ghuidh e air Eigh Hamor, 'athair, a 
faighinn da r'a pòsadh. Dh' aontaich 'athair 
sin a dheanamh, le innse da chuid maithean 
miann a mhic, agus an sin chaidh e dh' iar- 
ruidh toil Israeil. G-hairm m' athair an sin a 
chuid mac a chur a chomhairle riu mu thim- 
chioll tairgse Hamoir ; agus 's e rùnaich iad, 
mar gèilleadh ìochdarain an righ sin do ghnà nan 
Eabhruidheach, nach aontaicheadh iad am piuth- 
ar a thoirt dà, ach gu'n saoradh iad as a laimh 
i le faobhar arm, no gu'n tuiteadh iad fein san 
oidheirp. 'Nuair a chaidh so innse do Hamar 
agus do Shechem cha d' ob iad gèilleadh do'n 
chumhadh. Chaidh cuirm mhòr a shùnrach- 
adh gu bhi air a coimhead leis gach inbhe 
do 'n t-sluagh, arson pòsadh Shecheim agus 
Dhinaih : air a cheud là chaidh gach firionnach 
nam measg a thimchioll-ghearradh mar cho'- 
bhàidh ris na h-Eabhruidhich, agus air dhoibh 
a bhi fo leòn, thuit iad gu rèidh-bheartach 
nan cobhartach do dhioghaltas mo bhràithribh. 
Thagh Simeon agus Lebhi àireamh shònruichte 
de oglaich m' athar, agus chaidh iad fo 'n làn 
armaibh, air an treas madainn de 'n chuirm, a 
steach do 'n bhaile agus b' eagalach am pronn- 
adh a rinn iad. Chuala righ Hamor agus a 
mhac glaodh sgreataidh a phannail, dhùisg iad an 
cuid airm, ach mun d'fheud iad dol nan uidh- 
eam, chaidh an casgairt aig geata na lùchairt. 
Loisg iad am baile, agus mharbh iad gach fir- 
ionnach a bha ann. 'S ann a thachair an casg- 
radh muladach agus an losgadh so o ghràdh 
neo-cheadaichte Shecheim. Nan gnàthaicheadh 



BACHDRAIDH IOSEIPH. 51 

e riaghailtean deadh-bheusach, agus gu'n iar- 
radh e air tùs Dinah air a h-athair, cha 'n 'eil 
teagamh nach faigheadh e i. Ach cha 'n 'eil peac- 
adh neo-ghloine r'a f hulang ann an tigh Iacoib. 
Anis, mo bhana-mhaighstir ghaolach, thoir fainear 
an t-eadar-dhealachadh a th' eadar Potiphar, 
ceud cheannard feachd Pharaoih, agus gineil 
Iacoib. Ma bha iadsan comasach air baile mòr 
rioghachd a sgrios, mar dhioghaltas an èirig am 
piuthar a thruailleadh, ciod nach deanadh mo 
thighearna, nam biodh aon neach co an-dàna 's 
gu'n truailleadh e a leaba phòsda, agus gu'n 
d'thugadh e eas-urram do mhnaoi a ghaoil ? 
G-u ma fad' a robh e o Ioseph smuain co foilleil 
'àrach an aghaidh mo mhaighstir." 

Dh' f han i na tosd rè a chuid eile de 'n rathad ; 
ach bha a h-inntinn fo bhuaireas le gràdh, eagal, 
agus dioghaltas gamhlasach ; ach 's ann mar bu 
mhò a chunnaic Ioseph ise fo bhuaireas, bu diong- 
mhalta chum e a chridhe fein o ghèilleadh leatha. 
'ISTuair a thainig iad dachaidh, ghrad chaidh i 
d'a seòmar a chur a comhairle r'a banaltrum 
Sirena, a dh' fheuch ciod tuill' a b'fhearr a 
dheanamh ; agus chaidh Ioseph gu trom dubhach 
d'a sheòmar fein a dh'asluchadh dion Dè Iacoib. 

B'i barail Shirena gur e eagal, no nàire bu 
chionf àth air diùltadh Ioseiph, ri tairgs' a chuir- 
eadh na h-uiread urram air seirbhiseach tuaras- 
dail ; ag ràdh gu'm bu leòir a h-aogas a chuir buair- 
eadh eadhon air seann duine : agus chomhairlich 
i dh' i aon oidheirp eile a thoirt m' an leigeadh i 
dh' i a chùis. Bha là breith Pharaoih am fagus, 
agus b' èiginn do 'n cheann-feadhna dol a 
dh' ionnsuidh an righ, a ghuidhe saoghal fada dha, 



52 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

agus chum còmhnadh a dheanamh air an àm; 
ach dh' f hàs Sabrina ro thinn anns a' mhadainn, 
agus cha b' urradh dh' i dol leis. Cha luaithe 
dh' fhalbh a fear le 'clmideachd, na chuir i 
Sirena a ràdh ri Ioseph a coinneachadh na seòm- 
ar. Thainig e gu mall deacair, agus sheas e 
tamull uaipe, am feadh a bha ise na suidhe gu 
tosdach, 's a sùilean a' dearcadh air 'aghaidh-san 
a bh'air lasa le nàire. " An d'thàinig thu ma 
dheireadh," thuirt i, " òganaich mhi-thaingeil, a 
dheanamh tàir agus a thoirt tàmailte do d' bhana- 
rnhaighstir a thug mòr ghràdh dhuit. Thig ni 's 
dlùithe dhomh, chum gu'n labhair mi gu saor 
riut, oir 's èiginn gu'm bi thu fein agus mise ni 
's eòlaiche m' an dealaich sinn. 'S mòr a 
b' f hearr dhuitse, agus a b' iomchuidh do d' chor, 
aontachadh leamsa gun sòradh, 'nuair a dh' iarr 
mi roimhe e, ge nach biodh ach a thaobh urram 
do m' inbhe agus dian-bhraisead mo ghràidh ; 
agus gun a leige dhomh na h-uiread nàir f hulang 
's gu'm b' èiginn domh iarruidh a rìs, agus aon- 
tachadh aithris ann am briathraibh a tha mi 
chiatach do bhoirionnach banail a dheanamh. 
Ach tha mi toileach do ghiùlan a ghabhail san 
t-seadh a's fearr, agus ni mi gach mathalachd a 
dh' fheudar air a shon, agus cuiridh mi as an 
rathad gach ni a dh' f heudadh bacadh a chur air 
ar sòlas. Theagamh, a Ioseiph, nach robh fios 
agad an ann a rìreadh a bha mi, agus gur ann a 
thairg mi mi fein duit chum do dheadh bhens a 
dhearbhadh. Ach a nis bi làn chinnteach gur 
h-ann a rìreadh a bha mi, mar a dh' f heudas mi 
bhi nis 'ga iarruidh, a dhearbhadh. Ach inn- 
sidh mis am barrachd dhuit a Ioseph, agus 's cùis 



EACHDRAIDH I08EIPH. 53 

a dheanadh mòr choire dhomh fios a bhì aig aon 
neach air ach sinn fein. G-habb mi orm a bhi 
gu. tinn, a dh' aon-obair gu fuireach aig an tigh 
maille riutsa. Feudaidh tu nis 'fhaicinn gu'n 
d'thèid agam air dealachadh ri cuideachd uais- 
lean agus phrionnsachan arson na speis a th' 
agam dhuitse a Ioseiph. Cha 'n 'eil suim agam 
de mhòr-chuis agus do ghreadhnachas cùirte an 
coimeas ri d' chuideachd shòlasaich-sa. Agus 
am bi mis a' caoidh agus a' cumhadh gun dòchas 
ri toil-inntinn f haighinn uait, 'nuair a dh' fheud- 
adh tu, m' aon ghràdh, cobhair a dheanamh orm ? 
Na can tuille rium mu dhiadhachd no mu riagh- 
ailtean teann deadh-bheus. Cha 'n 'eil ach cùis 
fhaoin ann an deadh-bheus, nach builich aon 
sòlas, ach a chlaoidheas an cridhe le eagal. 
Agus ciod a th' ann an diadhachd ach bruadar, 
mar tha caithe-beatha ar cuid sagart a' dearbh- 
adh ; oir ge b' e co mòr 's a ghlaodhas iad an 
aghaidh peacaidh nan amanna 'nuair a bhios iad 
'sa chrannaig, cha 'n 'eil ann leis an annsa sòlais 
ann an uaigneas na iad ? Am b' urrainn do 
Dhia-sa, a Ioseiph, tlachd a ghabhail ann an thusa 
a bhuntainn gu neo-shuairce riumsa aig a bhei] 
na h-uiread ghaoil ort. Bu chuspair fuath e ni 
bu mhò na cuspair aoraidh. Thoir an aire, a 
Ioseiph, nach cuir thu as leth do Dhe do chion 
toil dhòmhsa ; gu ma fearr leat aideachadh gu 
bheil thu 'n gaol air caileig theisteil, agus air a 
sonsa, nach fheud thu do bhana-mhaighstir a 
thoileachadh. Ach nach feud thu bhi leatha- 
ge agus leamsa cuideachd ? Ach och mo chreach ! 
tìia do chliù an earbsa ris. Feuch c' àit' a' 
bheil mo chliùsa annam fein irisleacha dhuit-sa ? 



54 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

ach ciod è meas ? cha 'n 'eil ann ach cùis f haoin 
neo-sheasmhach. G-u cinnteach 'se meas cràdh 
na h-aitim leis an ionmhuinn sinn a lughdachadh." 
" Och a bhana-mhaighstir !" thuirt e le osann 
nach mòr nach do sgàin a chridhe, "ciod is 
fiù sòlais dbiombuan a bheir agartas goirt nan 
co'-lorg? Cha'n fheud ath-dheanamh bhi air, 
cia air bith co goirt 'sa bhios an t-aithreachas. 
Cha dean a bhi'm folach fo chroch-èididh na 
leapach so, ar dion o eagal agus o mhì-chliu 
gu'm faighear a mach sinn. Dh'fheudainn gun 
amharus aontachadh leat ann an cur easurram 
air mo mhaighstir, agus car ùine ghearr toilinn- 
tinn a ghabhail ann an toileachadh feòlmhor. 
Ach mo thruaighe ! ciod e so an coimeas ri toil 
eachadh coguis neo-lochdach ? Tha uiread thoil 
inntinn, no theagamh am barrachd, agad ri 
fhaotainn gu ceadaichte o d' fhear-pòsda, 's a 
b' ion duit fìuthair a bhi agad uamsa gu mi 
laghail. Agus c'àit am faighear fear gaoil no 
comuinn chum dlùthacha ris is ion-mhiannaichte, 
na mo mhaighstir? Cuimhnich co mòr 'sa 
chuireadh na tha thu 'g iarraidh do dhi-mheas 
ort, gu'n cuireadh tu thu fein an coimeas ri d' 
òglach neo-inbheach, d'am feud thu gach ni 
ceadaichte àithneadh ? Cha'n f heud mi gniomh 
co suarrach a dheanamh, 's a dheanadh dochair 
do m' dheadh mhaighstir, a bheireadh eas-urram 
do Dhia m'aithriche, agus a bheireadh tàmailt 
mhor air teaghlach m'athar. Ts fad' a ghabh 
mo Dhia-sa o bhi coltach ri iodholaibh fìodha 
no cloiche ; oir chì esan ar gniomhara is dìomh- 
aire; cluinnidh e ar cagraich a's lugha, agus 
dearbhaidh e air smuainte is doimhne. Na 



BACHDRAIDH IOSEIPH. 55 

h-earalaich mi gu 'dheanamh ; oir cha'n f heud 
mi an t-olc mòr so a chur an gniomh ann am 
fìanuis mo Dhe." Sguir e'n sin, agus fhreagair 
ise 's i làn àrdain. 

Bu leòir dhuit, cùl a chur le modhalachd ris 
an tairgs' a thug meud mo ghràidh dhuit orm 
a dheanamh, gun mo nàir' a mhaoidheadh orm. 
Tha so a' cur an ceill dalmachd maille ri cruas- 
cridhe ; ach f àgaidh mi gu d' roghainn fein, co 
dhiubh a ghabhas tu gu caomhail ri d' shonas 
fein, agus a dh'fhàgas mise a tha'n trom ghaol 
ort toilichte le d' aontachadh ; no gu'm fuiling 
thu mo dhioghaltas, oir dioghailte bithidh mi ; 
cha 'n 'eil an t-eireachdas sin a dh'asluich 
prionnsachan an diomhain, ri cùl a chur ris 
gun pheanas? Cha 'n 'eil, a dhuine! agus na 
smuainich air. Ni mi, gu cinnteach, casaid ort 
ri d' mhaighstir, gu'n d'thug thu oidheirp orm, 
agus an sin cha dean bòilich mu dheadh-bheus, 
no a ràdh gu bheil thu neo-chiontach, do shoar- 
adh o pheanas." 

Ioseiph ! cha d'thugadh riamh oidheirp air 
subhailc mar thugadh ortsa. Cha d'thug òg- 
anach riamh buaidh air buaireadh mar thug 
thusa. Cha do dhnìigh aon chuid guidhe, deòir, 
na bagraidhean air a taobhsa, no bàighealachd 
no eagal air do thaobhsa, ort rùn-suidhichte do 
chridhe 'atharrachadh, no a thoirt ort gèilleadh 
do dhian-earail anamianna chiontach. Oig-fhir 
ghasda ! cionnas a bha do chridhe fiachail duilich 
arson càramh do dheadh mhaighstir ; agus arson 
droch rùn do bhana-mhaighstir ? Cha robh gach 
cunnart a bha 'g iadhadh umad an comas do 
dheòir a chumail o shruthadh gu bras ; am feadh 



56 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

a bha Sabrina na suidhe gu dian a' dearcadh 
ort, le sùilean a 'lasadh le gaol agus le gamhlas. 

A bhean neo-shona ! tha i smuaineachadh 
gur h-ann a bha deòir Ioseiph a' sileadh arson 
gu'n do dhiùlt e i; agus leagta ris a ghniomh 
nàrach a dheanamh, rug i air, 'ga tilge fein air 
an leabaidh, ag ràdh, " Thig a Ioseiph, mealla- 
maid an t-àm taitneach, am feadh 's a tha do 
chridhe caomh ag aontachadh/' 

" Cha d'thèid," a deir an t-òganach danarra, 
cha 'n 'eil aon chuid gainntir no croich nan 
aobhar eagail leam ; ach tha bhi ciontach ri 
cuspair toirmisgte ; a' deanamh eucoir air mo 
mhaighstir, agus a' cur corruich air mo Dhia, 
gu f ìrinneach a' cur eagail orm ; agus tha mi'n 
cunnart an iomlain, am fad 's a tha mi 'd chuid- 
eachdsa : Ach 's beag orm an gniomh, agus 
teichidh mi o bhuaireadh." Le so a ràdh, thionn- 
daidh e gu grad m'an cuairt, g'a shaoradh fein 
uaipe, a' teicheadh a mach as an t-seòmar. 
Dh'fhàs a h-anamianna co do-cheannsachaidh, 
's gu'n d'thug i oidheirp air a tharruing air an 
leabaidh, 's an uair a fhuair e uaipe dh'fhuasgail 
am bràist a bha ceangal a thrusgain, ni a dh' 
f hàg e aice, agus theich eo'n chunnart. 

Dh!fhalbh esan gu cruadalach ann an subh- 
ailc ; agus bha ise gu truagh air a bioradh eadar 
a mealladh dòchais, agus an t-eagal gu'm faight' 
a mach i ; ach ghrad chuir i roimpe esan a 
chur a dholaidh, a bha co fìachail 's nach d'rinn 
e eacoir dh'ise, ged a dh'iarr i fein e. Dh'èigh 
i gu h-àrd, mar gu'm biodh i 'n cunnart ana- 
barrach, agus ghrad thainig a bhan-altrum 
Sirena, a thuig mar bha 'chùis, d'a h-ionnsuidh 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 57 

Fhuair i i na suidhe air an leabaidh, agus 
falluing Ioseiph làimh rithe agus i 'bras shile 
dheur. " ! Shirena ciod a nì mi," ars' ise, 
" tha'n t-Eabhruidheach a' deanamh tàir air 
mo ghràdh, agus theich e'n ceart uair uam leis 
na h-uiread ghràin 's a dheanadh e roi' nathair- 
nimhe. Eaibh gu luath ; gairm na seirbhisich 
agus glacaibh è ; oir mionnaichidh mi gu'n 
d'thug e oidheirp mo thoirt air èiginn. G-abh 
leam an aon uair so, a chiallain a Shirena, agus 
ni mi caoimhneas riut tuille gu bràth." — Fhuair 
an teaghlach sanus, chaidh Ioseph a ghlacadh 
agus a ghleidheadh gu teàruinte gus an do thill 
Potiphar mu f heasgar : chaidh e gu grad far 
an robh a bhean a dh'fhiosrachadh m'a slàinte, 
far an d-f huair e i anns a mhi-riaghailt bu mhò, 
'si air bàini le h-anamianna gun bhi air an 
sàsachadh. Air a bhualadh le iongantas, dh' 
f hiosraich e gu caomhail ciod a dh'fhairich i. 

"Ciod a dh'f hairich mi !" ars' a bhana-chealgair 
so, " dh'àraich sinn suas nathair a chum ar lot, 
slaightire chuireas as duinn, ma cheadaicheas 
sinn da bhi fo dhruim aon tighe ruinn. Bha'n t- 
Eabhruidheach beag-narach, a' di-chuimhneach- 
adh a thruaighe 'nuair bu deòin leatsa ghabhail 
a' d'ionnsuidh, agus an caoimhneas a nochd sinn 
da o thàinig e ; cha robh e toilichte le riagh- 
ladh gach ni a bhi aige, ach bha fìuthair aige ri 
co'roinn do d' leabaidh cuideachd. Laidh mi 
sios a ghabhail beagan fois mu mheadhon là, agus 
thainig e gu dàna mi-mhodhail a' m' ionnsuidh, 
agus chuir e ghnothach gràineil 'an ceill. Thug 
mi beum dha arson a neo-gheamnuidheachd, agus 
dh' òrduich mi as m' fhianuis gu grad e, no 



58 BAOHDRAIDH IOSEIPH. 

gu'n leiginn a ghiùlan ris duitse ; ach an àit' e 
dh'f halbh, 's ann a rug e orm, agus b' aill leis 
mo thoirt air èiginn, gus an do dhùisg mi na 
seirbhisich le m' ghlaodhaich. 'Nuair a thuig 
e nach gèillinn da, 's a chual e mi'g èigheach' 
ghreas e air falbh le 'leithid do chabhaig, 's gu'n 
d'f hàg e'f halluing na dhèigh ; ni tha na dhearbh- 
adh cinnteach air a dhroch oidheirp. Dh' 
aidich thu gur toigh leat mi, mo thighearna, 
agus m' as toigh, bheir thu aichmheil a mach 
arson na tàmailt a thug e dhomh, leis a pheanas 
is cràitiche a dheanamh air an dearg-shlaightire. 
Cha 'n 'eil e'n comas domh 'f haicinn mu thim- 
chioll an tighe. 

Le mòr thaitneach ri teistealachd a mhnà, 
agus le iongantas ri dànachd an Eabhruidheich 
dh'àithn e loseph a thoirt ceangailte na làthair, 
agus le guth smachdail thuirt e ris. A bhalaich ! 
Is mòr am beud gu bheil do choslas o'n leth a 
muigh an aghaidh do dhroch cridhe. Tha mise 
r'a choireachadh gu'n d'thug mi riamh fasgadh 
no caidreamh dhuit a' m' thigh, agus gu'n d'thug 
mi riaghailt mo ghnothaichean do d' leithid de 
chealgair. Ach bheireadh do mhealltaireachd 
ghràineil an car asda-san nach mòr a's fearr na 
thu fein : is math a dh'f heudadh do choslas diadh- 
aidh mo chridhe neo-lochdachs' a mhealladh, a 
tha an-fhiosrach air ceilg no drochbheart. An 
teuma' tu, a mhèirlich, an làmh a bheathaich 
thu, agus an lotadh tu esan a dh' àraich thu ? 
Nach bu leòir leat gu'n do chuir mi na bh'agam 
fo d' làimh neo-airidh, ach dh'f heumadh tu oidh- 
eirp a thoirt air mo choileapach a thruailleadh ? 
'S èiginn duit, an ionad na leapach riomhaich 



EACHDBAIDH IOSEIPH. 69 

ris an robh t-fhiuthair, deanamh le priosan 
dòineach : agus ni gleadhraich do chuibhrichean 
an gnothach an ionad briodal caomh do ghràidh 
neo-laghail. Thugaibh air falbh an tràill chum 
ionad a' pheanais, gus an smaointich mi ciod am 
peanas ro chràiteach a nìtear air." Chum an 
deadh-bheus ceudna a ghleidh Ioseph an àm a 
bhuairidh, o 'n ghniomh oilteil, o eagal a bhi air 
roi' bhagradh a mhaighstir ; uime sin, f hreagair 
e gu tulchuiseach duineil. 

" Tha mi 'dùlanachadh ghainntirean, agus 
chuibhrichean, a mhaighstir, agus cha chuir am 
bàs fein sgàth orm ; ach mo thighearna, cha 'n 
urrainn mi t-f hearg a ghiùlan. Is measa fuath 
mo mhaighstir chairdeil agus ghràdhaich, a bha 
roimhe so na chaomh charaid dhomh, na mìle 
bàs. Ach cuimhnich, a Photiphair, tha Ioseph 
saor o 'n chiont' a chuireadh as a leth ; agus cha 'n 
'eil a choguis 'ga dhìteadh arson aon smuain 
mhi-iomhchuidh sa chùis so. Tha mi creidsinn 
ann an Dia. Agus 'an àm iomchuidh bheir Dia 
m' athar mi chum an t-soluis, agus chi mi 
'fhireantachd ann an dearbhadh mo neo-chiont- 
ais, agus an cur gu nàire mo luchd-casaid, ge 
b'e air bith co àrd 's a tha iad." Le sin a ràdh, 
ghrad thug iad do 'n phriosan e, le àithne d'a 
fhear-coimhid, a chasan a chur gu teann anns 
a' cheap, agus a dhruideadh suas anns an ionad 
bu duirche. 



6^ EACHDRAIDH IOSEIPH. 



AN CEATHEAMH EAEEANN. 

Chaidh àithne do G-habriel cùram a ghabhail 
de Ioseph a chaidh f hògradh o theaghlach 'athar, 
agus dh'oidheirpich e 'inntinn mhaoth a shocrach- 
adh an aghaidh ionnsuidhean aingidh. 'Nuair a 
chunnaic e nis mar thachair, dhìrich e suas, ni 
bu luaithe na'n dealanach, chum ionada uach- 
darach nam flaitheas, a dh'fhaighinn seòlaidh 
o'n àrd-riaghlair, mu na dheanadh e ri Ioseph. 
M'an àm so bha Eachel, màthair Ioseiph, 
agus Tirsa, bean Sheim, a' marcachd air neul 
òir, air chuairt sa chearna so de'n chruinne ; 
agus air dhoibh an t-òg àillidh fhaicinn ga 
thoirt do 'n phriosan, theirinn iad a nuas, agus 
sgaoil iad boltrach cùbhraidh 'sa ghainntir san 
robh e, chum a bhròn a lughdachadh, "0! a 
Thirsah," a deir a bhean a bh'aig Iacob, " cia 
domhain agus do-rannsuchadh dhuinne slighean 
an Uile-chumhachdaich, am feadh a bhios sinn 
ann an staid dhorcha bhàsmhoir? Cò a dh' 
fheudadh, o'n chor 's abheil e san àm, a shaoilsinn 
gu'm biodh mo Ioseph na cheannard air a bhràith- 
ribh o'n deachaidh 'fhòghradh ! Cò a bharal- 
aicheadh gu'm b'e 'm priosanach taitneach ud a 
b' f hear-dìona do'n ghineil thaghta ? Chràidh na 
fir-bhogha gu goirt thu, a mhic, ach dh'f han do 
bhogha 'na neart ; bithidh do ghairdeana air an 
deanamh làidir, le Dia t-athar, Iacob, agus 
cromaidh do naimhdean sios duit. Iacoib ! 
a dhuin' ionmhuinn agus urramaich. Is goirt 
an cràdh a bhiodh air co chridhe brònach, nam 
b'f hiosrach thu mòr àinhghar mic do ghràidh ? 



EAOHDRAIDH IOSEIPH. 61 

Ach tha thu 'meas gu'n robh a dhòruinn o chionn 
fada thairis. Chuir am hàs a shaoil thu a f huair e 
ni bu lugha de mhulad ort, na dheanadh mar tha 
e san àm. G-abhadh creidimh agus foighidinn 
sealbh air cridhe m'aon ghràdhaich gus am faigh 
e buaidh air a naimhdibh." " mo Kachel ! mo 
nighean ionmhuinn," arsa bean Sheim, "tha 
sinn do ghnà a'faicinn cò air bith a tha'n Dia 
naomh agus uile-ghlic a' sònrachadh gu bhi 
comharraicht' ann am feumalachd, gu bheil e 
'gan àrach suas ann an sgoil ghoirt an àmhghair. 
Bheir an cruaidh-chas a tha m' àilleagan cridhe 
a' fulang air co'-mhothachadh a bhi aige riusan a 
bhios ann an airc : agus an uair a thig thu a 
Ioseiph gu riaghladh na rioghachd, bheir do 
chuibhrich san àm air do mhòrachd a bhi ni 's 
ciataiche dhuit. Teagaisgidh na casaidean brèige 
a chuireadh ort, dhuit a bhi ni's faicilliche, agus 
ni's neo-chlaon-bhreithich an àm bhi sgoltadh 
ceartais. Buanaich ann an deadh-bheus, a mhic. 
G-abh ann an seadh ceart an t-oilean searbh a 
tha t-athair neamhaidh a'buileachadh ort. Crùn- 
aidh a chrìoch an obair, agus lìonaidh e do chridhe 
le taingealachd, agus do bheul le moladh." Air 
an dòigh so labhair an dà mhàthair ri chèile, a 
rèir nòs spioraid dhealaichte, a' gluasad gu f òill 
air an carbad neulach, a' fàgail boltrach na 
beatha nan dèigh. 

Bha Corion, fear-coimhid a phriosain, air cur 
Ioseiph na iarnaibh, dhruid e'n dorus agus ghabh 
e mu thàmh, thuit e na throm chadal, o'n robh e 
air a dhùsgadh leis an aisling a leanas. Air leis 
gu'n robh e ann am magh farsuing, a'beachdach- 
adh air maise nàduir. 'Nuair bha e'g imeachd gu 



62 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

f òill, chunnaic e uan òg, air a ruagadh gu teann 
le dà mhadadh-alluidh, a ruidh g'a ionnsuidh, 
agus thuit e sios aig a chosaibh, mar ag asluchadh 
dion. G-un fhiamh gun eagal thainig a ghalla 
na deann ruidh chum an t-uan neo-chiontach a 
chasgradh, am feadh a tharruing e a chlaidheamh 
chum an t-uan a thearnadh. Ann am meadhon 
na co'strigh so eadar e fein 's an uilebheist 
f hiadhaich, dhùisg e fo'n bharail gu'n robh prios- 
anach eiginn fo chùram a bh'air a chiallachadh 
leis an uan, air a ruagadh le naimhdibh, a bha'n 
dian thòir air 'f huil, aig an robh fìuthair ri tear- 
uinteachd agus cairdeas ann am priosan, a dhiùlt- 
adh dha far am b' ion da fìuthair a bhi aige ris. 
Cha b'ann de'n mhuinntir an iochdmhoir a bha 
Corion, leis an gnàth bhi ri faire 's a'coimhead 
dorsan nam priosan. Bha cridhe bàigheal aige, 
comasach air truaighe a cho-chreutairean a cho'- 
mhothachadh. Bha teanndachd agus geur-chruas 
a dhreuchd do ghnà air a chur an gniomh leis 
san le laimh chùramaich, agus le truacantas a b' 
iomchuidh air aon de shliochd Adhaimh. 

B'ann o dheachda G-habriel a bha'n aisling, 
chum Corion a bhrosnachadh gu bhi suairce ri 
Ioseph, am feadh a bha aingeal-dion, G-abriel, a' 
dol as a leth-san chum nam flaitheas. Bha 
'bhuaidh sin aig air an fhear-choimhid f haicill 
each, air eagal gu'm meudaicheadh e trioblaid 
an neo-chiontaich, agus bha e ro shèimh ris na 
priosanaich uile. 

Bha'n ath-oidhche anabarrach dorcha, gun 
solus o ghealaich no o reul. Mar bha Corion na 
sheasamh air a thùr, chunnaic e a' tearnadh o na 
spouraibh, aon ro mhaiseach agus àluinn, air a 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 63 

chuairteachadh le glòir, a bha pailt murrach air 
sealltuinn air, agus na dhèigh bha lannair dheal- 
rach, a chuir an cèill gu'm b' ann o neamh a 
thainig e. 'Nuair a thainig e 'm fagus, 's a 
chaidh e seachad air a steach do'n phriosan, 
f huair e uiread bheachd air 's a bha e comasach 
air a ghabhail. Air sgàth Ioseiph, bha'n t-aing- 
eal càirdeil deònach air sealladh beag dheth a 
thoirt do Chorion, ach gun tuille 's a chòir a 
leigeadh ris da, an t-eagal le mòran a leige ris 
da gu'n cuireadh e as a chiall e. Tha, a deir 
Corion le iongantas, aon de'n t-slògh neamh- 
aidh, a tha dìon an neo-chiontaich, a' frithealadh 
air glaodh an f heumaich, ag aontachadh teachd 
a dh'fhiosrachadh a phriosain dhuaichnidh 
so. Tha e air dol direach do sheòmar Ioseiph. 
Tha'n t-òig-fhear neo-chiontach de na tha iad 
a' cur as a leth ; cha'n aontaich na dèe a ciont- 
ach 'f hiosrachadh. 'Se so an t-uan a theich a' m' 
ionnsuidh chum a thèarnadh. ! a f hleasgaich 
ghràdhaich, cho fad 's a's urrainn mise cha tachair 
riut ach caoimhneas san àite so. Bheir mi 
dhiot do chuibhrich, agus bheir mi dhuit ionad 
iomchuidh chum còmhnuidh ghabhail ann. 

Sheas G-abriel ann an gainntir Ioseiph, ag 
osnaich ri faicinn mac Iacoib ann an geimhlibh 
trom cuibhrichte. Thug e gu h-uaigneach dha 
deoch o thobar na beatha, a neartaich e gu 
giùlan leis 'an t-soillseachd neamhaidh leis an 
robh e air a chuairteachadh. " Na biodh eagal 
ort a Ioseiph," ars' an teachdaire nèamhaidh, 
" Is mise G-abriel, air an tric a chuala tu iomradh. 
G-abriel a tha na sheasamh ann am fianuis an 
Tighearna. 'Se so a cheud uair a chunnaic 



64 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

thusa mi, ach 's fad o bha thu air mo chùram. 
Is mis' a chuir Abel do charaid a thoirt sòlais 
duit 'n uair a bha thu san t-slochd. Sheas mi 
làmh riut le mòr thaitneachd,/ 'n uair a sheas 
thu an aghaidh briodal do bhana-mhaighstir ; 
agus bha gairdeachas orm gu'n d'thug thu 
buaidh air buaireadh co eagalach. Cha 'n ann 
o chiont air do thaobh-sa, a Ioseiph, a dh'èirich 
do thrioblaid san àm. Saorar uapa thu. Ach, 
! 's goirt an t-agartas a bhiodh agad ort fein, 
nan rachadh a cheadachadh dhuit peacadh co 
mòr a chur an gniomh an aghaidh do Dhe ! 
chaileiginn de rabhadh a fhuair na spiorada 
malluichte mu rùn Dhe do d' thaobh, dh'inn- 
trinn iad an co'bhoinn chum do sgrios; agus 
ghabh dithis bu teòma dhiubh na chèile os 
laimh t-aimhleas a thoirt mu'n cuairt. Bhros- 
naich Belpheger agus Adramelech am bràithre 
suas a' d' aghaidh, agus mar rachainnse san 
eadraiginn, rachadh t-f huil a dhòrtadh a chasg- 
adh am miosguinn. 'S beag a shaoil iad gu'n 
robh na meadhona leis an robh a rùn orra cur 
an aghaidh innleachd nan gràs, air an òrduchadh 
gu'n cur air an aghaidh ; agus am feadh a bha 
iad a toileachadh am mì-ruin gamhlasach fein, 
's ann a bha iad a' cur air aghaidh do leas. 
Dhùisg iad suas anamianna do-chasgaidh ann 
ad bhana-mhaighstir ; agus an uair nach d'f heud 
i an sàsachadh, dh'iompaich e a gràdh gu fuath 
agus confhadh. Is iadsan a chuir an cridhe 
Photiphair an rùn cabhagach chum do sgrios. 
An fheadh so fhuair iad a chead geur-lean- 
mhuinn a dheanamh ort, a Ioseiph. Ach cha'n 
fheud iad dol ni 's faide. Cuir t-earbs' ann an 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 65 

Dia t-aithriche. Biodh a h-obair dhiongmhalt 
air foighidinn ; oir 'nuair a dhearbhar thu thig 
thu mach mar òr fior-ghlan. Na biodh doil- 
gheas ort arson t-athar, oir chi thu e fhathast 
ann an tìr chèin ; agus dùinidh tu a shùilean 
aosmhor, an dèigh dhuit am beannachadh ath- 
aireil f haotainn o bhilibh cairdeil fein. Bithidh 
an ùine ghearr a thoil r'a dheanamh aig Poti- 
phar, air chor's nach buin e ri d' bheatha ; chi 
thu e fhathast agus cuiridh tu fàilt air mar 
charaid ; oir aidichidh Sabrina a cionta. Fàgaidh 
mi thu a Ioseiph, ach bi thusa cuimhneach air 
Dia t-aithriche, agus dean seirbhis da le cridhe 
iomlan. Dh'aom mis' am fear-coimhid gu bhi 
caoimhneil riut. G-u'n robh sìth a choi-cheang- 
ail shiorruidh maille riut." Le so a ràdh, 
chaidh e mar sgàile as a f hradharc, agus cha'n 
f haca Ioseph e ni 's mò. Ach, ! an sòlas 
a chuir binn-ghuth an aingil air cridhe a phrios- 
anich. G-ed a bha e ann am priosan bha e, 
air leis, air a thogail suas dlù do neamh. Co 
luath sa shoillsich an là, chaidh Corion air 
feadh uile sheòmraichibh a' phriosain, 's an uair 
a thainig e far an robh Ioseph, sheas e le ùmh- 
lachd mhòr na làthair ; agus co luath 's a 
dh' f heud e, labhair e, ag ràdh, " 'S deacair leam 
gu'n deachaidh do ghnàthachadh co olc. B'f hearr 
leam gu'm b'aithne dhomh do mhòr luach 
roimhe so, agus cha bhiodh na cuibhrich ghràin- 
eil sin a' cur mi-dhreach air do chosaibh." Le 
so a ràdh, thug e dheth iad, thug e suas e d'a 
sheòmar fein, agus ghnàthaich se e leis an t-suairc- 
eas bu mhò. 

Air a cheart là sin thainig teachdaire o iomall 



66 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

na rioghachd, a dh'innse gu'n rohh na h-Etio- 
pianaich, a bha nan daoine gaisgeil, air toirt 
ionnsuidh air a' chuid sin de'n iompaireachd, a 
b'f haigse dhoibh ; air an aobhar sin chaidh Poti 
phar 'òrduchadh air ceann an airm a chur stad 
air na creachadairean ud ; ni a thog 'aire o 
loseph, 'sa chum air falhh fad o Mhemphis e ; 
agus rè na h-ùine sin bha Ioseph 'an làimh, air a 
dhearmad agus air a dhi-chuimhneachadh. Ach 
bha'm freasdal cairdeil ceudna a choimhid e ann 
an tigh Photiphair, 'ga ghleidheadh anns a' phrios- 
an, agus shoirbhich leis gach ni a rinn e. 

Am measg nan iomadai priosanach a bha ann 
an laimh arson cionta, bha Florilla priomh ghille- 
cupain an righ, agus Labona 'àrd-f huineadair. 
Air do Chorion am fear-coimhid cùram nam 
priosanach uile earbsa ri Ioseph, bha e gu tric 
g' am faicinn> agus dh'fhàs e eòlach umpa. A' 
dol sa mhadainn a dh'fhaicinn Fhlorilla agus 
Labona, an dèigh dha bhi dlù air bliadhna sa 
phriosan, mhothaich e gruaim dhubhach air an 
gnùis. A deir e riu, " Mo chàirde, ciod a 
dh'f hairich sibh ? Is lèir a bhlà air ur gnùis gu 
bheil ur cridhe brònach. Am feud mi 'f heòraich 
ciod is aobhar dha ? Ma tha e ann am chomas 
feum a dheanamh dhuibh ni mi e." "Mo 
thruaighe !" a deir an gille-cupain, " 's ann 
amhàin o na dèe neo-bhàsmhor a thig cobhair 
oirnne. Tha ar cor-ne os ceann cumhachd duine. 
Chunnaic gach fear againn aisling a tha cur 
nithe cudthromach air mhanadh ; ach cha'n 
urrainn duinne thuigsinn ciod a th'ann." 

Thuirt Ioseph riu, nach b'ion feairt a thoirt 
gacb àm aii buardair, agus gu'm b' ann o Dhia 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 67 

a bha eadar-mhineachadh a mheud dhiubh anns 
an robh brìgh ri teachd. " An innis sibh dhomhs' 
ur bruadair," a deir esan, " oir dh' eadar-mhìnich 
mise bruadair roimhe so ? Agus geallaidh mi 
nach meall mi sibh. Ach dheanadh e còmhnadh 
dhomh nan d-thugadh sibh, maille ris na h-ais- 
linge, caileiginn de chunntas domh m' ar caithe- 
beatha, agus diolaidh mis a chomain duibh le fios 
mo bheatha fein innse." " Is mis'," a deir an gille- 
cupain, " aon mhac Arba, Elamach, a fhuair bàs 
'nuair bha mise ro òg ; a dh'f hàg mi air cùram 
bhràthar mo mhàthar, Atgar ; bha'n t-seirc 
bhàigheil a dh' fhiosraich mi an tigh m' athar, 
air a thionndadh gu reasgachd agus mi-shuairceas 
ann an tigh bhràthar mo mhàthar ; agus ge nach 
robh mi ach òg thugadh orm gun do mhothaich 
mi an t-eadar-dhealachadh a bh'eadar caomhal- 
achd phàrantan, agus cileadaireachd a charaid 
bu dìlse. Air dha bhi 'n seilbh am maoin m' 
athar, ni a bha e ri ghleidheadh gu cùramach as 
mo leth-sa, ach bha e co measail uime 's gu'n do 
shanntaich e cùis a dheanamh dheth dha fein ; 
agus leig e dhomhs' a thuigsinn gur h-ann an 
earbsa ris-san a bha mi ri bhi air mo thogail. Le 
mothacha' bhi agam nach diongadh e a bheag 
dhomh, gearan a dheanamh far am b'e bràthair 
mo mhàthar a b'àrd-riaghlair, air leam gu'n rach- 
adh neart th'ar ceart ; air an aobhar sin chuir mi 
romham gu'n giùlaininn gu foighidneach leis gach 
ana-cothrom a bha teachd a'm' charamh. Cha 
b' fhada gus an d'èirich Cushi, ceann-feadhna a 
bha sa choimhearsnachd an aghaidh righ Elaim, 
agus bhris e le chuid sluaigh air a rioghachd. 
Chaidh mise leis an f heachd air òrdugh bhrathar 



68 EACHDRAIDR IOSEIPH 

mo mhàthar ; agus smaointich mi gur ann chum 
gu'n tuitinn ann a thachair sin. Ach feudaidh tu 
shaoilsinn nach robh mòran de shùnnd cogaidh 
orm as leth tìre far an d'rinneadh na h-uiread 
fhoirneart orm. Cha robh 'n t-arm againn ann 
am misnich no a'm' foghlum co'-ionann ris na 
Humims fo Chusi. Bha uaislean nan Elamach 
air fàs meath-chridheach le sòghalachd, agus bha 
na h-ìochdarain air an sàrachadh. Uime sin 'n 
uair a thainig iad ri uchd an nàmhaid, cha d'rinn 
iad ach beag tapadh, agus chaidh an ruaig orra 
gu luath. Thuit mòran diubh san ruaig, agus 
ghlac na Humims iomadai dhiubh nam priosan- 
aich, am measg an robh mise. Chaidh mo thoirt 
do Mhemphis agus mo reic ri aon de luchd-riagh- 
laidh Pharaoih ; agus feudaidh mi a ràdh chum 
cliù mo Thighearna, gu'n d'fhuair mi tuille 
caoimhneis agus fìalachd uaithe, ged nach robh 
annam ach tràill ann an cùirt an righ, an fhuair 
mi riamh o bhràthair mo mhàthar, far am bu 
chòir do'm mhaoin fein caileiginn de mheas a 
ghleidheadh dhomh. 

Ach cha do mheal an cealgair an-iochdar 
ach ùine ghearr, m' oighreachdsa, no idir 'oigh- 
reachd fein, oir cha robh na h-Elamaich nan 
urrainn seasamh 'an aghaidh nan Humims, cha 
b' fhada gus an do cheannsaich e'n rioghachd 
gu h-iomlan, agus roinn e i air a luchd-lean- 
mhuinn. Bha mis air mo chur san dreuchd bu 
neo-mheasaile bha mu lùthchairt an righ ; ni 
a bha ni bu taitniche leam na bhi 'm chòmh- 
nuidh fagus air caraid a rinn na h-uiread eucoir 
orm. Cha robh m' àrdachadh ach màidheineach 
o aon ionad gu àit' eile, gus am bu deònach leis 



BACHDRAIDH IOSEIPH. 69 

an righ mo dheanamh saor, agus mo thoirt dlù 
dha fein. Bha mi rè ùine mhòir a'm' ghille- 
cupain, ach bhuail èucail bhuaireasach an righ, 
a mheas na lighichean a thachair o phuinnsean 
a bhi air a thabhairt da; agus a chionn 
gu'n robh gach deur fìona a dh'òl e a' teachd 
tre 'm lamhaibhse, agus gur h-ann o'm' charaid 
Labona a thainig gach biadh fuinte a bh' air 
bòrd an righ, chunnacas iomchuidh sinne chur 
do'n phriosan gus an rannsaicheadh iad a 
chùis. G-u ma fada uamsa a bheag a dhochair 
a thachairt do'n Tighearna mo righ. G-u'n 
gleidhe' Dia beatha Pharaoih gu bhi na bhean- 
nachadh do'n tìr ge b'e ni thig riumsa. An raoir 
chunnaic mi bruadar a tha cur iomaguin orm, 
oir air leam gu bheil brìgh shònruicht' aige. 
Air leam gu'm faca mi crann fiona air an robh 
trì meanglain, a thainig fo bhlàth, agus a ghiùl- 
ain fion-dhearcan ro thaitneach, agus ro lion- 
mhor. Air leam gu'n do ghabh mi na dearcan 
a bha làn abaich 's gu'n d'fhàisg mi iad ann 
an cupan rìomhach Pharaoih, agus gu'n do 
shìn mi dha am fìon a b'f hearr a chunnaic mi 
riamh. Dh'òl an righ do'n fhìon, agus le 
fèith ghàire, thuirt e gu'n robh dòchas aige 
gu'n gleidhinn do ghnà a leithid sud de fhìon 
da, leis an do dhùisg mi làn iomaguin m' an 
aisling. 

" A charaid," a deir Ioseph, tha thu a chionn 
gun d'òl thu de chupan an àmhghair, a' toilltinn 
an ainm ionmhuinn sin. " Feudaidh tu toilinn- 
tinn a ghabhail o d' bhruadar, oir tha Dia 
nèimhe, aig a' bheil suim do ghlaodh an fheum- 
aich, a' cur leamsa deadh bhrìgh uaithe. Fa 



70 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

d' chomhair bha fineamhuin thorrach ; tiodhlac 
o Dhia do dhaoinibh neo-airidh, a tha a 
toradh a' deanamh suas rèite, a' tarruing gu 
cairdeas, a' lughdachadh cùram agus bròin, agus 
a' tionndadh ar dubhachas gu aoibhneas. Na 
tri meanglain, is tri làithe iad, a bheir ma'n 
cuairt nithe mòr chum do bhuannachdsa, oir 
air an treas là, bheir an righ as a' phriosan thu, 
agus aisigidh e thu chum na h-inbhe a b'àbhaist 
duit, gu deadh-ghean do mhaighstir, agus gu 
co'chomunn gaoil ri d' mhnaoi agus ri d' chloinn. 
G-uidheam ort, gu'n cuimhnich thu ormsa. 
Dh'fhuiling mi eacoir, a tha co'ionann ri aon 
ni a dh'f huiling thusa ; agus 's ann gu neo- 
chothromach a tha mi air mo dhruideadh san 
ionad so, a chionn gu'n do ròghnaich mi mo 
chliù fein, agus urram mo mhaighstir air thois- 
each air toileachadh mi-stuama na feòla. Is furasda 
dhuitse, 'nuair a gheibh thu geanmaith do 
mhaighstir, labhairt umam-sa, agus m' fhaotainn 
as an àite so." 

An uair a chuala Labonah an còcaire, a 
bhrìgh mhath a thugadh à bruadar a chom- 
panaich, an dòchas gu'm biodh a shamhuil aig 
'aisling fein, dh'aithris e mar a leanas do Ioseph. 
" Air leam gu'n robh tri basgaidean agam air 
mo cheann, làn de bhiadh do Pharaoh ; anns a' 
cheud soire bha aran a rinneadh o smior a 
chruineichd ; 'san dara soire, bha gach gnè de 
nithe blasda ; agus anns an treas soire bha nithe 
sòghail o'n fhuineadair, nithe bu toigh le m' 
mhaighstir. Ach a dh'aindeoin na dh'fhaod 
mi dheanamh, thug na h-eòin uam na bha san 
t-soire a b'àirde." 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 71 

" Is duilich leam do chor," a deir Ioseph, 
" agus b'f hearr leam gu'm bithinn comasach 
air sòlas a thoirt duit : Ach mo thruaighe I tha 
•lo chor air a shùnrachadh. Na basgaidean, is 
tri làithe iad, ach mun teirig na tri làithean sin, 
bheir an righ òrdugh do cheann a sgathadh 
dhìot, agus an sin crochar do chorp air croich, 
agus ithidh eòin an adhair t-fheòil o d' chnàmh- 
aibh, agus cha chomasach dhuit do chunnart a 
sheachnadh. Cha'n aithne dhomhsa ciod a rinn 
thu a tha toilltinn a leithid so, ach 's i so toil 
neo-mhearachdach an Fhreasdail. Ceadaich 
dhomh earalachadh ort gu'n dean thu t-aid- 
mheil ri Dia nèimhe, gu'n asluich thu maith- 
eanas arson do pheacaidh, agus gràs chum 
t-ullachadh fa chomhair an ath-shaoghail, oir 
cha 'n 'eil ach dà là agad ri bhi sa bheatha so. 
G-ed tha do chor-sa cho olc, tha aige-san tròcair 
agus saorsa phailt dhoibh-san a ghairmeas air." 

"Tha mi faicinn," arsa Labonah, "nach 'eil 
breitheanas agus ceartas a' cadal, ach gu bheil 
iad air uairibh a' deanamh greim air a chiont- 
ach, 'n uair a shaoileas e bhi tèaruinte. Tha 
mi, gu'n amharus, saor o gach droch rùn, a 
thaobh Pharaoih. G-idheadh chuir mi corruich 
air, 'nuair a chaidh mo ghlacadh gun aobhar, 
agus thuirt mi gu h-obann gu'm b' f hearr leam 
gu'n tachradh na chuireadh as mo leth, chum 
gu'm biodh agam ni-eiginn a b' airidh air 
cuibhrich agus bàs. Ach cha robh 'n so ach 
frionas feirge, ged, a reir lagh na h-Eiphit, a 
mheasar airidh air bàs e. Ach mo thruaighe ! 
ged a tha mi neo-chiontach sa chùis sc, 's fhada 
o na thoill mi 'm bàs a tha mi nis ri f hulang. 



72 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

Ionnas ge b'e co neo-chothromach 'sa tha bìnn 
Pharaoih a'm' aghaidh, tha breth nan dèe ceart. 
Is Libianach mi a thaobh breith. Dh'fhàg 
Obed m' athair, oighreachd mhòr eadar mis 
agus mo bhràthair bu shine. Bha Osmin, mo 
bhràthair, gu glic caonndach, leis an do mheud- 
aich e gu mòr a mhaoin, a ghlèidh dha meas o 
na h-uaislibh, agus urram o'n cheathairne. 
Air mo shon fein, cha robh mo dhèigh air aon 
ni ach toileachas-inntinn ; agus b' iadsan bu 
mhi-bheusaiche bu dearbh-chompanaich leam. 
Leis an dòigh sin struigh mi mo mhaoin, agus 
ghuidh mi gu'm biodh mo bhràthair spìocach as 
an rathad, chum gu'n sealbhaichinn fein 'oigh- 
reachd. Bu mhath leam gu'n tigeadh sgiorradh 
air chum snàthain a bheatha a ghearradh ; ach 
b' fhada bha mi mun da dhùraig mi fein a 
dheanamh. Ach fa dheireadh, le comhairle 
droch bhorionnaich, thug mi dhà deoch mharbh- 
tach a thruaill a chuid fala co mòr 's gu'n d'èug 
e. G-habh mis an sin seilbh air 'oighreachd, do 
bhrì gur mi a b' oighre air. Bhuilich mi 
tamull a' mealltuinn toradh saothair mo bhràthar, 
agus m' eas-ionracas fein, 'nuair a thainig mi 
gu mi-f hortanach gu bhi ciontach do ni a thug 
orm an t-iomlan fhàgail, agus teicheadh chum 
tearuinteachd do thìr aineoil. 

Air dhomh bhi mòr aig bean duine chumh 
achdaich sa choimhearsnachd, bha do sgiorradh 
orm gu'n d'fhuirich mi ni b' fhaide na bu ghnà 
leam leatha, a chionn nach robh dùil aice gu'n 
tigeadh a fear dhachaidh, ach ciod a b' ìoghna 
leinn na e thiginn far an robh sinn gun fhios 
duinn. Mo thruaighe 1 cia daimheil aon chionta 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 73 

do chiont eile. Chum an gnìomh nàrach a chleth 
agus gu chumail o m' tharruing gu ceartas, 
dh'èirich mi air bàini, thug mi lamh air mo 
chlaidheamh, agus chuir mi na chridhe e, mun 
robh ùin' aige smaointeachadh air an eas-urram 
a chuireadh air. Co luath 's a rinn mi 'n 
gnìomh an-iochdmhor ud, theich mi gu grad 
chum mo sheòmair fein. Anns an treas faire 
de 'n oidhche, bha mi fo ioghnadh le solus 
dealrach a shoillsich gach oisinn de m' sheomar. 
Leis mar nach bu ghnà leam a leithid 'fhaicinn, 
ghlac eagal mòr mi, sheas m' fhalt air mo 
cheann, agus bha duaichneachd mo chionta 
gu soilleir fa m' chomhair. — Dh'fhàs an solus 
ni bu shoilleire, agus chunnaic mi Osmin air a 
sgeadachadh ann an èideadh nèamhaidh, na 
sheasamh ri - taobh mo leapach, agus thuirt e 
mar so rium. " A dhuine thruaigh, a Labona, 
am bi do làmh mhi-chneasta am feasda sgìth le 
fuil neo-chiontach a dhòrtadh ? Nach bu leòir 
leat gu'n do mheall thu m' oighreachdsa le mi 
fein a mhortadh ; ach b' èiginn duit bean do 
choimhearsnaich a thruailleadh ? Agus cha 
d'fhoghainn leat gu'n do chuir thu eas-urram 
air fein, agus a bhean a mhì mhodhachadh, ach, 
mar shloightire fuileachdach, spàrr thu do 
chlaidheamh na f huil neo-chiontaich ? Nach 
'eil eagal an Dè mhòir ort, air am beag ana- 
cothrom agus foirneart, agus nach feud aon 
mhortfhear neo-aithreachail còmhnuidh a ghabh- 
ail maille ris ? Nach f heud thu fois a ghabh- 
ail o strògh agus o mhacnus, gu smuain- 
each' air a chunntas theann gus an èiginn duit 
an ùine ghearr teachd ? Am fearr leat sior- 



74 BACHDRAIDH IOSEIPH. 

ruidheachd de chràdh do-labhairt fhulang, na 
do mhi-bheus a thrèigsinn ? Is bochd an rogh- 
ainn a thog thu, a Labona, ach is soilleir gur e 
sin do roghainn-se. Eirich a dhuine thruaigh 
chiontaich, agus tàr as do thìr aineoil, far nach 
ruig dioghaltas duine ort; ach cuimhnich gu'n 
lean dioghaltas Dè thu do'n ionad sin, agus 
bheir e gu peanas follaiseach thu, araon anns a 
bheatha so agus anns an ath-bheatha, mar gabh 
thu aithreachas, agus mar trèig thu do dhroch 
dheanadais." Le so a ràdh, dh'f hàg an tannasg 
mi ; agus co luath sa thraoigh m' eagal, chruin- 
nich mi m' airgiod agus mo sheudan r'a cheile, 
agus ghrad thainig mi do 'n Eiphit; far an 
deachaidh mi tre ioma deuchainn, mun d'thainig 
mi chum na h-inbh a bh' agam. Bha mi tuille 
's fada gun fhaicinn, gu'n glèidh onoir agus 
ionracas iadsan a bhios air an stiùradh leo ; agus 
cia air bith co taitneach 'sa bhios toileacha mi- 
cheadaichte san àm, 'se is deireadh dhoibh bhi 
searbh mar dhomblas." 

G-u moch air an treas là thainig carbad chum 
a phriosain, anns an robh seann duine eireachd 
ail, a bha 'f halt liath na dhualaibh cleachdach aii 
a ghuaillnibh ; thainig e le òrdugh sònruichte 
chum Florilo a shocrachadh san dreuchd bu 
ghnà leis. Bha maille ris an t-seann duine 
urramach so, ban-tigheam' òg a thug cridhe 
Ioseiph am bruid air a cheud sealladh. 'Si 
bh'ann a mhaighdean àillidh, Asenat, aon 
nighean prionnsa Oin, a bha fòs na àrd-shagart 
ànn an Helipolis. Einn màldachd a gnùise 
còmhnadh ri maise a pearsadh a chur a mach. 
8ha a gruaidhean mar chaorann làn abaich, 



EAOHDRAIDH IOSEIPH. 75 

agus a sùilean gu meallach gorm. Bha a falt 
dualach na chiabhan amalach a 'teàrnadh sios 
gu 'crios, a còmhdachadh nan usgraichean 
ciatach a bha m'a muineal bòidheach. Lot a 
cheud sealladh dh'i cridhe Ioseiph, agus mhoth- 
aich e guin nach d'fhairich e riamh roimhe. 
Ach a nis ghabh maise na rìbhinn greim air a 
chridhe, agus bha a dealbh àillidh a ghnà fa 
chomhair a shùl. Ach bu bheag 'f hiuthair gu'n 
sàsaichte a ghaol ; bha e fein na phriosanach, 
fo chasaid thruim, agus bha ise ann an inbh 
àrd, fada os a cheann. Mo chreach ! thuirt e, 
'se so a chuireas as do m' uile dhòchais, agus mo 
thruaighe ! 's èiginn domh giùlan le cnuimh 
nach gabh leigheas. 

Air do Fhlorilo bhi air a shocrachadh na 
dhreuchd, thainig freiceadan air àithn an righ, 
a thoirt Labona chum na croiche, far an deach- 
aidh eadar-mhìneachadh Ioseiph gu h-iomlan 
a dhearbhadh. Ach dhi-chuimhnich Florilo a 
ghealladh do Ioseph. 

Thraoigh bàini Shabrina : thionndaidh a mi- 
run gamhlasach gu caomh charthannachd agus 
gu aithreachas seirceil. Thug a smuainte aith- 
reachail achmhasan d'a gairge mhi-thlusail ; agus 
bha a cridhe gu sgàineadh le bhi smaointeachadh 
gu'n d'thug a dioghaltas buaireasach air gaol a 
cridhe bhi na laidhe ann an gainntir dhòinich, 
am feadh nach b' urrainn d'i a bheag de cho'- 
fhurtachd a bhuileachadh air, no idir suaimh- 
neas a thoirt di fein. Air an dòigh so bha ise 
ag iarguin gu neo-shòlasach, am feadh a bha 
Potiphar a' cur gu bàs agus a' creachadh nau 



76 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

Etiopach, 's a bha Ioseph air a dhearmad ann 
am priosan. 



AN CUIGEAMH EAEKANN. 

Thainig a nis ceann crìch air fulangais Ioseiph : 
air a cheart oidhche mun do shaoradh e, chunnaic 
an righ dà aisling a dh' fhairtlich air a luchd- 
fàisneachd an eadar-mhìneachadh. Air leis gu'n 
robh e ri taobh na h-aibhne Nile ; far an robh 
uile-bhèistean na mara ag àbhachdas ri chèile dlù 
do thir ; chunnaic e seachd daimh ro mhòr, agus 
reamhar a' teachd a nìos as an abhainn, ag 
ionaltradh air an fhaiche nòsair : nan dèigh 
thainig f òs a nìos seachd beathaichean grannda 
caola, tana ann am feòil : chaidh iadsan a dh'ion- 
altradh air an f haiche cheudna, agus dh'ith iad 
gu grad suas am feur gu h-iomlan. Chaidh cleth- 
ghort' annta, agus thug iad ionnsuidh air na 
seachd daimh reamhra, agus dh'ith iad suas iad 
mar an ceudna ; agus gidheadh dh'f huirich iad 
gu caol, truagh, mar bha iad. Le sealla co 
iongantach, dhrùigh e co mòr air inntinn an 
righ 's gu'n do mhosgail e na bhreislich, agus 
dh'f halbh a chadal uaithe. Eadar sin 'sa mhad- 
ainn chunnaic e bruadar eile, agus feuch ! bha e 
ann am meadhon machair thorraich, a' gabhail 
ìoghnaidh ri fiùghantus nàduir, an uair a chun- 
naic e 'g eiridh suas ann an gradaig, seachd 
diasan cruithneichd làn agus abaich, a b'fhearr 
u chunnaic e riamh ; agus air ball nan dèigh 
dh'èirich suas làmh riu, seachd diasan caola agus 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 77 

seargta, anns nach robh bheag ach moll agus 
f àsan ; agus 's e 'n ni a chuir ìoghnadh air gu'n 
d'ith na diasa caola suas na diasa làna, agus gu'n 
do bhuanaich iad co caol 'sa bha iad. B' 
amhuil sin bruadair Pharaoih, agus nochdadh 
am brìgh dha na chadal, ach air dha dùsgadh le 
iomaguin, dhì-chuimhnich e am brìgh, agus cha 
robh cuimhn' ach a mhàin aig air na bruadair. 

G-u moch sa mhadainn chuir e fìos air daoine 
foghluimte a bhaile, a bha ainmeil ann an eòlas 
na h-Eiphit. Thainig gach fear dhiu air 'èididh 
na uidheam shònruichte. Ach bu diomhain an 
lòiseam ; oir cha robh na h-iodholan balbh ga'n 
robh iad a' toirt aoraidh, comasach air brìgh nam 
bruadar 'fhoillseachadh. G-hnàthaich gach sag- 
art a dhòigh fein air fàisneachd, agus cha do 
f hreagair a h-aon diu d'a chèile, cha mhò thait- 
inn iad ris an righ, a thuig gu math nach do 
chòrd a h-aon diubh ris an eadar-mhìneachadh 
e chunnaic e na chadal, ged nach b' urrainn 
e chuimhneachadh. Bha gach oidheirp a thug 
na sagairt gun fheum, agus las corruich Pharaoih 
an aghaidh am mealltaireachd ; agus thainig 
fàilne Fhlorilo gu chuimhne, agus chaidh esan 
le cabhaig a dh'ionnsuidh an righ, ag ràdh. 

" righ mair beò gu bràth ! Tha mi gu h- 
iriosal ag asluchadh maitheanais, arson mo mhòr 
chionta, agus gus a so nach do chuimhnich mi 
mo mhearachd. Feudadh do mhòrachd a chuimh- 
neachadh, gu'n do thuit an t-àrd-f huineadair agus 
mise fo d' dhiùmb, agus gu'n do chuireadh an 
làimh sinn. Tharladh air aon oidhche gu^n do 
bhruadair gach fear dhinn bruadar a chuir mòr 
iomaguin oirnn, a chionn nach robh neach aun & 



78 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

nochdadh dhuinne am brìgh. Bhruadair mise 
gu'n robh fìneamhuin ghasda fa m' chomhair a 
ghiùlain tri meanglain àluinn air an robh blàith- 
ean, agus bagaidean mòra de fhion dhearcan : 
ghabh mi cupa mo righ a' m' laimh, dh'f hàisg mi 
na dearcan ann, agus thug mi do m' thriath e r'a 
òl, dh'òl do mhòrachd dheth, agus thaitinn am 
f ìon gu math riut. — Chunnaic am fuineadair mar 
an ceudna aisling, agus feuch ! air a cheann bha 
tri basgaidean, agus bha san aon a b'àirde gach 
gne de bhiadh deasaichte do Pharaoh, agus 
'nuair a bha e 'gan toirt a dh'ionnsuidh an righ, 
thug eunlaith an adhair air falbh iad, agus cha 
robh e na chomas am bacadh. Air an ath 
mhadainn, 'nuair a bha sinn gu dubhach deur- 
ach, thainig fleasgach àillidh Eabhruidheach, 
anns an robh spiorad nan dèe naomha, a chaidh 
a chur gu neo-chothromach sa phriosan, agus 
dh'eadar-mhìnich e ar bruadair a rèir mar 
thachair. Dh' aisig e mise gu deadh-ghean mo 
mhaighstir : ach chroch e Labona truagh. M'as 
toil leis an righ e rachadh fìos air an òganach, 
agus 's dearbh leam gu'n eadar-mhìnich e dà 
aisling an righ." 

Ghrad dh'àithn an righ Ioseph a thoirt as a 
phrìosan. Chaidh a sgeadachadh le trusgan 
iomchuidh, agus bha e ullamh gu seasamh am 
fianuis an righ, oir dh'f hoillsich Gabriel a char- 
aid e fein da, agus dh'aithris e an dà aisling 
agus am brìgh, agus thug e seòladh iomchuidh 
dha mu riaghladh na h-Eiphit. An uair a thain 
ig e gu h-ùmhal chum na righ-chathrach, bha 
gach sùil a' beachdachadh air àilleachd a phearsa, 
& chaidh gu mòr am meud le rugha nàire thain 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 79 

ig na ghnùis. Chrom e e fein an làthair an righ, 
agus dh'f heith e gu ciùin r'a iarrtuis. 

Co luath 's a chunnaic Pharaoh aghaidh Io- 
seiph, bha ni-eiginn ann a bhrosnuich a chàir- 
deas : ghlac e gu cridheil air làimh e, ag ràdh, 
" Tha aon de m' òglaich ag ràdh gur duine glic 
thu ann am foillseachadh nithe diomhair, air a' 
bheil dearbhadh aige o 'f hiosrachadh fein. Bha 
bruadair agamsa mar an ceudna, tha am brìgh 
doilleir agus deacair, gidheadh tha iad a' cur 
nithe mòr air mhanadh." An so dh'aithris e a 
bhruadair, agus dh'earalaich e air Ioseph gun 
sgàth bhi air, agus an f hìrinn innse cia air bith 
co neo-thaitneach 's a bhitheadh i. 

Le sealladh socair, gidheadh le giùlan flathail, 
a nochd mòrachd 'inntinn, f hreagair e, " Thug- 
adh Pharaoh glòir do Dhia nèimhe, a dh'aon- 
taich na mhòr thròcair, an ni a tha e dol a thoirt 
gu crìch air thalamh, a dheanamh aithnichte 
do'n righ. Bha na bruadair, a righ, nan dithis, 
ach is aon bhrìgh dhoibh. Tha na ceud seachd 
daimh agus na seachd diasan arbhair, a' cialla- 
chadh an aon ni, agus a' cur an cèill do Pharaoh 
gu'm bi seachd bliadhna ann de anabharra pail- 
teis de gach gnè phòir, nach facas riamh a leithid ; 
mar bha ri f haicinn leis na ceud seachd daimh, 
agus leis na ceud seachd diasan làn agus biadh- 
char. 'Se tha na seachd daimh chaola ainnis, 
agus na seachd diasan seargta a' ciallachadh 
seachd bliadhna de ghorta agus de ghainne ana- 
barraich; nach facas a leithid, oir cha bhi aon 
chuid cur no buain ann ; agus mar dh'ith an 
spreidh chaol thana suas an sprèidh throm reamh- 
ar ; agus na diasa seargta na diasan biadhchai 



80 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

abaich, tlia e'leigeadh ris nach fàs anns na seachd 
bliadhna pailteis na dh'f hòghnas fad nan seachd 
bliadhna gorta, mar deanar an cùram is mò a 
ghabhail de thoradh na talmhainn. Smaointich- 
eadh an tighearna an righ air a' chùis, gu 
bheil àrd uachdaran an domhain a' togail suas 
dhaoine àraidh chum riaghladh os ceann an co'- 
chreutairean, chuin gu'm bi iad mar aithrichibh 
dhoibh, chum solar a dheanamh arson an sìth, 
an tèaruinteachd, agus an lòin. Cha d'f hoillsich 
Dia, a shocraich do righ-chathair, ! Pharaoih, 
so dhuit, chum t-inntinn rioghail a chràdh, ach 
chum gu'n gabhadh tu cùram dligheach de ana- 
bharra nan ceud seachd bliadhna, chum gu'm bi 
thu comasach air uireasbhuidh do shluaigh a 
shàsachadh rè sheachd bliadhna na gorta, chum 
nach bàsaich iad leis an acras. Àir an aobhar 
sin, 's i mo chomhairle-sa, gu'n sealladh an righ 
a mach arson duine tuigseach ionraic, a bhios 
freagarrach, agus thoir ùghdarras da sa chùis so, 
chum gu'm bi an gnothach ni 's neo-dhraghala 
do'n righ. 

Dh'amhairc an righ, le ìoghnadh, air Ioseph 
rè na h-ùine bha e labhairt, a' gabhail iongantais 
ris na h-uiread ghliocais a bhi aig neach co òg, 
agus co luath 'sa sguir e a labhairt, leum e o 
'righ-chathair, agus rug e air na ghlacaibh le fior 
dheòthas càirdeil, agus thubhairt e, " 'Si so a 
bhrìgh, agus is tus' an duine a nochdadh dhomh 
a'm' chadal, chum comhnadh a dheanamh rium 
san obair mhòir so. Tha mi, uime sin, a' gabh- 
ail riut mar aon a chuireadh o Dhia nèimhe, chum 
an sluagh a shaoradh. Agus a dhaoin' uaisle" a 
<i«ir e r'a chomhairlichibh, "c'àit am faighear 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 83 

aon aig a' bheil uiread ghliocais agus chrìormachà 
'sa tha aige-san." A nis thainig Florilo, a bha 
rè na h-ùine so, gu tosdach ag èisdeachd le tait- 
neachd, a dh'ionnsuidh Ioseiph, agus chuir e f àilte 
chàirdeil air, ag asluchadh maitheanais arson a 
dhearmaid, agus gu'n robh dòchas aige nach cuir- 
eadh Ioseph e as leth lughad a spèis da. Thuirt 
Ioseph ris nach d'thainig àm an Tighearna gus 
a so. 

An sin thug an righ àithne gu'n cuireadh iad 
èideadh rìomhach air Ioseph. Dìreach 'nuair 
chaidh e mach o fhianuis an righ, thainig aon 
de 'n luchd frithealaidh a steach, a thuirt gu'n 
robh Potiphar ag iarruidh guth uaigneach de 'n 
righ mu chùis chudthromaich. " Thigeadh e 
steach," a deir an righ, "oir is duine math e." 
Chaidh an righ do sheòmar uaigneach le Poti- 
phar agus thuirt e ris an righ. " M'as cead le 
d' mhòrachd, mun deach mi air cheann an f heachd 
an aghaidh nan Etiopach, chuir mi riaghlair mo 
thighe am priosan, arson gu'n d'rinn mo bhean 
casaid na aghaidh gu'n d' oidheirpich e a h-èig- 
neachadh ; bha e'm aire labhairt ris an tighearna 
mo righ, gu'n rachadh a chur gu bàs ; ach buidh- 
eachas do Dhia nach do thachair sin ; oir chuir 
àithne theann an rìgh agus leas mo thìre na 
h-uiread chabhaig orm 's gu'n d'rinn mi dearmad 
air mo ghnothaichean fein. An uair a thainig 
mi dhachaidh, dh' aidich i gur casaid bhreig' a 
bh' ann ; agus ghuidh i orm gu'm faighinn a chur 
fa sgaoil, agus co'leasachadh a thoirt dà arson an 
eucoir a rinneadh air. G-huidhinn an caoimh- 
neas sin o d' mhòrachd, agus bhithinn gu mòr a' 
d' chomain nam bu deòin leat a ghabhail fo 

F 



©2 EACHDRAIDH I08EIPH. 

d' dhìon ; oir tha e ro ghlic agus deadh-bheusach. 
Bu deònach a ghabhainn-se e mar mo charaid 
agus mo chompanach a'm' thigh fein ; ach cha 'n 
f haighear a ghabhail ann. 

Dh'èisd an righ ris gu furachair, agus thuig 
e gur h-ann mu Ioseph a bha e labhairt, ghairm 
e steach e na làthair. Ach bu mhòr ìoghnadh 
Photiphair 'nuair a chunnaic e a charaid, Ioseph 
a dhroch gnàthaich e, air a thoirt a stigh chum 
an righ air a sgeadachadh ann an corcur, le slabh- 
raidh òir m'a mhuineal. Sheas e rè seal gun 
chomas gluasaid ; an sin le guth fann thuirt e, 
" 'Se a th' ann." Agus leum e d'a ionnsuidh, a' 
cur f àilte chridheil air. Bha na h-uiread ìogh- 
naidh air Ioseph 'nuair a thuig e'n caochladh 
mòr, agus thuirt e, " Tha gairdeachas orm, a 
mhaighstir, fàilt a chur ort aon uair eile mar mo 
charaid ; agus gu dearbh cha d'thug mi cionf àth 
atharrachaidh dhuit." " Tha mi fiosrach air sin, 
a Ioseiph," thuirt e, " agus m' as toil leis an righ 
e, innsidh mise dhuit cionnas a dh'iompaicheadh 
mo chàirdeas gu bhi mar b'àbhaist da. 

" Thuirt thu rium, a Ioseiph, air an oidhche 
dhona sin a chuir mi do 'n phriosan thu, gu'm 
foillsicheadh an Dia sin d'an d'thug thu fein agus 
t-aithriche aoradh, do neo-chiontas, agus gu'n 
deanadh e cionta do luchd casaid aithnichte. 
Einneadh e, mo charaid, chaidh t-fhàisneachd 
a choilionadh. Dhìol do bhana-mhaighstir 
bhochd gu goirt arson a h-amaideachd ; tha i 
na h-aobhar truais dhuit ; biodh i uime sin 
saor o t' fhuath. Bha a ban-altrum mhalluichte 
ni bu mhò r'a coireachadh na bha ise. Ach 
bhe» 5 m barrachd coire agamsa na bh' acasan 



EAOHDRAIDH IOSEIPH. 83 

araon. Cionnas a dh' fheudainn a shaoilsinn 
gu'm b' urra boirionnach amharc air àilleachd 
do phearsa gun ghaol a thoirt duit. Bha aiteas 
orm do nochdadh dh'i, agus bha mi toilichte 
'nuair a shealladh i gu caomhail ort, gun smaoin- 
teachadh air a chunnart a chuir mi fa chomhair 
mo mhnatha bochd. 'Sann bu chòra dhomh do 
chumail gu tur as a sealladh. Ach leig mi 
sgaoilte ris an lìon i, agus cha 'n ìoghna leam gu'n 
do ghlacadh ann i. Bha duilichinn orm a faicinn 
a snaidheadh as, agus a maise 'ga f àgail, bha a 
h-èibhneas air a thionndadh gu bròn. Chaill 
i a togradh gu toileachadh, culaidh-shAgraidh, no 
rìomhadh ; bha a cadal luaineach agus ioma- 
guineach ; agus 's minig a chuala mi i an uaigneas 
a' gearan gu'n robh i duilich arson an dochair a 
rinn i air a fear. Air eagal a bròn a mheud 
achadh, bha mi a seachnadh fìosrachadh m'an 
aobhar ; gus an do chuir i fìos orm an raoir g'a 
seòmar, far an robh i na laidhe gu tinn le 
fiabhrus. " mo thighearna !" thuirt i, " an 
d'thoir thu maitheanas do chreutair truagh a 
bha neo-airidh air an earbs' a chuir thu ann- 
am ? Mur biodh an t-Eabhruidheach ni b' 
fhearr na mise, bha do leaba air a truailleadh 
gu mòr." " An e, nach 'eil e ciontach ?" a 
deir mise, " Cha 'n 'eil, mo thighearna," ars' ise, 
" cha 'n 'eil e ciontach ; tha a dheadh-bheus neo- 
ghluasadach. Cha d'thugadh deòir, earailean, 
no bagraidhean, feachdadh à 'inntinn stèigheil. 
Chuir e 'mhuinghinn ann an Dia, agus thug e 
buaidh. Tha mis a'm' aonar ciontach. Thuit 
mi, gu neo-thoileach, an gaol air a' cheud uair a 
ehunnaic mi e. Air dhomh bhi fiosrach co 



84 BACHDRAIDH IOSEIPH. 

ciontach 'sa bha so, rinn mi na dh'fheud mi 
chum a chleth, ach a dh'aindeoin na b'urra mi 
a dheanamh, dh'fhairtlaich orm cur as da, gus 
an d'f hàs e co neartmhor 's nach robh mi com- 
asach a ghiùlan. Thug mo bhan-altrum mis- 
neach dhomh sa chùis, agus leig mi srian le 
m' an-tograidh, 'ga fhuran gu comain a thoirt 
dhomh an èirig mo ghraidh. Ach thug a 
mheas air a Dhia agus air a mhaighstir, buaidh 
air m'eireachdas, agus air gach furan a rinn 
mi air ; agus leis co danarra 'sa bha e, thug e 
dearbhadh dhomh gu bheil ni-eiginn ann an 
diadhachd agus ann an subhailc a bharrachd 
air ni 's aithne dhomhsa. f hir mo chridhe ! 
an lugh thu mo chionta mu'n d'thèid mi eug? 
Agus ! 's toileach a dh'asluichinn maitheanas 
air-san air an do chuir mi 'n eucoir, mur bithinn 
fo eagal gu'n d'thugadh sealladh dheth buaidh 
orni." 

"Bheir, a Shabrina, a deir esan, "bheir mi 
maitheanas duit le m' uile chridhe ; tha 'n t-aid- 
eachadh saor soilleir so na chomharradh cinnt- 
each gu bheil thu duilich air a shon. G-abham 
riut, a ghaoil mo chridhe, agus cuiridh mi 
Ioseph fa sgaoil, agus bheir mi rithist do 'n 
teaghlach e." " Cha tabhair am feasd," a' deir 
ise, " cha 'n 'eil a chridh' agam 'f haicinn tuille ; 
oir ged nach 'eil mi a nis a' mothachadh a bheag 
ach càirdeas ceadaichte, cha dùraig mi mi fein 
a chur an cunnart ni 's mò. Dean thusa, a 
ghaoil, na ghabhas deanamh air a shon, ach na 
faiceam-sa tuille e. An uair a bhios mise marbh, 
dean do roghainn ris ; ach saor do bhean bhochd, 
lag o bhuaireadh." G-heall mi gèìll a thoirt 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 85 

d'a li-iarrtas, agus dh'àithn mi dh'i fois a ghabh- 
ail. Air dh'i an luchd a hh' air a h-inntinn 
'aideachadh, chaidil i gu socair rè na h-oidhche, 
agus cha 'n fhaca mi o chionn fada i co suaimh- 
neach 's a bha i 'n diugh 'n uair chaidh mi g'a 
faicinn, m' an d'thainig mi a dh'f heitheamh air 
mo thighearn an righ. 

Ach tha mi faicinn, a Ioseiph, nach cead- 
aicheadh an Dia san robh t-earbsa do Photiphar 
do thaisbeanadh do 'n righ ; ach cò air bith a 
rinn e, bithidh e na charaid dhomhs' am feasd. 
Fhreagair Pharaoh, Chliùthaich Ioseph e fein 
dòmhsa, agus mheudaich do naidheachdsa gu 
mòr mo mheas air. Tha e cur an cèill na tha 
eireachdas a' cur air a mhanadh ; agus ceadaich 
dhomh a ràdh, gu bheil e gu mòr a' meudach- 
adh cliù mo chinn-fheachd eug-mhaisich, gu'n 
robh thu co deònach co'leasachadh a thoirt do 
Ioseph, san eucoir a rinn thu gun f hios duit air. 
Theirig dhachaidh a dhuine mhath, agus innis 
do Shabrina aithreachail, gur e Ioseph an dara 
fear a's àirde ann am meaa agus 'an urram san 
Eiphit. Grheibh thu tuille-fiosrachaidh m'an 
chùis uair eile. 

Neartaich a cheart subhailc a thug air Ioseph 
giùlan le fhulangasaibh a thug a neo-chiontas 
air, e chum a mholadh o aon gu aon a chluinnt- 
inn gun uabhar gun àrdan. Cha d'rinn a 
thrusgan rìomhach, no a mhòr mheas mùghadh 
air irioslachd agus air màldachd 'inntinn, ris 
nach robh farmad aig neach air bith. 

Thug Pharaoh àrd-ghairm a mach, leis an 
do shocraich e Ioseph na àrd riaghl'ear air tìr 
na h-Eiphit uile, agus thug e àithne d'a iocfc 



86 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

drana air fad, iad g'a chòmhnadh anns gach 
ni a ghabhadh e os laimh, no ge b'e ni a dh' 
iarradh e. G-hnàthaich Ioseph e fein co co- 
thromach, chrìonna, mhathasach, 's gu'n robh 
a' chuid bu phailte do 'n t-sluagh ait arson 
gu'n robh riaghladh na tìre aig neach co tuig- 
seach. 

Air dha an stiùir a ghlacadh, 'se cheud ni 
a rinn e an caomhnadh bu mhò a shocrachadh 
an cùirt an righ, chum gu'm biodh an t-ionmhas 
comasach air còrr gach bliadhna de shìol a 
cheannach, agus tighean-tasgaidh iomchuidh a 
thogail chum a chumail, 'nuair a rachadh a 
cheannach. Bha mìle de mhagh còmhnard dlù 
air Memphis air a shònrachadh fa chomhaii 
uan tighean-taisg. Thàinig an t-earrach, agus 
bha gach ni cur air a mhanadh gu'm bioclli 
bàr.r tarbhach ann, agus thug an talamh, ni 
h-ann air dòigh ghnàthaichte, ach air mhodh 
anabarrach, a thoradh seachad. Mu dheireadh 
na bliadhna thug Ioseph gairm f hollaiseach gu'm 
faigheadh iad, aig tighean taisg an righ, luach 
àraidh arson an t-sìl a bheireadh iad ann. Thug 
a ghairm anabharra sìl o gach cearna, co luath 's 
a dh'èirich an abhainn, 's gu'm faigheadh iad a 
thoirt ann ; agus chaidh so a dheanamh gach 
bliadhna rè sheachd bliadhna, gus an do lìon e 
suas gach ionad taisg a bh'aige. 

Thug Pharaoh an righ a stigh e aon là d'a 
sheòmar, agus thuirt e ris. A Ioseiph, tha 
cionfàth agams' agus aig an Eiphit uile air do 
mheas mar ar fear-saoraidh agus ar fear-coimhid, 
a chaidh a thogail suas fa chomhair àm ar n- 
àmhghair. Leis mar bu deònach le d' Dhia-sa 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 87 

do chur d'ar n-ionnsuidh, 's iomchuidh dhuinne 
gach ni a dh'fheudas sinn a dheanamh chum 
gu'm bi toil-inntinn agad. Shònraich mise 
bean duit, a Ioseiph. Na biodh ioghnadh ort : 
's ann ri aon de na bain-tighearnan is àirde san 
Eiphit a thaobh breith, maise, agus deadh 
bheus, a tha mhiann orm do phòsadh. Nam 
biodh nighean agam fein a b' airidh ort, bu 
deònach a bheirinn duit i ; ach mar nach 'eil so 
ann, dh'iarr mi a mach air do shon, aon leis 
am faodadh an righ a's mò a bhi toilichte. 
G-uidheam ort, arsa Ioseph, nach bi cabhag ort 
m' an chùis mun cuir thu 'n cèill gnothach co 
cudthromach. Nach bu mhòr an tàmailt do 
aon de bhana-phrionnsan na h-Eiphit a bhi 
pòsda ri coigreach neo-inbheach, a bha aon uair 
mi-fhortanach. Na can tuille, ai's' an righ, oir 
tha e cheana socraichte. Is onoir do'n bhana- 
phrionnsa is urramaiche t-f haotainn. 

Cha do ghabh Ioseph ris an tairgse mhòir 
so leis an aoibhneas a shaoileadh neach. Bha 
'n nighean mhaiseach neo-aithnichte a chunnaic 
e 'n uair bha e sa phriosan a ghnà na aire ; 
bha ise socraichte na chridhe, agus cha robh 
'rùn air gabhail ri tè eile. Cha bu mhath a bha 
fios aige cionnas a ghiùlaineadh e e fein sa 
chùis, ach chuir e roimhe nach gabhaidh e ach 
a' cheud aon air an do ghabh e gaol. Bha 
Prionnsa Potipherah san àm an cnirt Phar- 
aoih, agus chuir an righ an cèill da g'um b' 
iomchuidh a thigeadh e dha a nighean, Asenat, a 
phòsadh ri Ioseph àrd-riaghl'ear na h-Eiphit. 
Thaitinn a' chùis gu math ris an àrd-shagart 
urramach, agus air iarrtus an righ chaidh e 



88 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

dhachaidh a chur a chomhairle ri Asenat a 
nighean. Ach ciod bu mhò a chuir de ìogh 
nadh air no nach f huilingeadh i iomradh chluinn 
tinn air a ghnothach. G-uidheam ort, Athair, 
thuirt i, 's na deòir a' sileadh sios nam braon- 
aibh mòra, nach cuir thu dh'aindeoin mi a 
phòsadh fìr do nach 'eil spèis idir agam, agus o 
na chuala mi a rùn, a tha na chuspair air m' 
fhuath. Ciod, Asenat, am fuath a dh'fhaodas 
a bhi agad do àrd-riaghl'ear na h-Eiphit, m'am 
bheil an righ agus an sluagh co ionmhuinn ? 
A nighean amaideach, 'se urram is mò is urrainn 
an righ a bhuileachadh ort ; agus tha mi 'g iar- 
raidh gu'n aontaich thu gun dàil a ghabhail, no 
gu'n innis thu gu saor soilleir dhòmhsa do chion- 
fàth na aghaidh. Mo thruaighe ! thuirt i, cha 'n e 
àrd-riaghi'ear na h-Eiphit am fear is urrainn mis 
a dheanamh sona, agus cha deòin leam pòsadh gus 
an saoil mi gu'm bi toilinntinn agam a'm' fhear. 

Bha Asenat na h-aon de 'n chuideachd, aig 
banais Photiphair agus Shabrina, a chaidh a 
shealg uilbheistean an fhàsaich, 'sa chunnaic 
gaisge agus treubhantas Ioseiph, an uair a shaor 
e a bhana-mhaighstir o'n leòghann chìocrach. 
Thug a cridhe òg agus maoth an aire do choilion 
eireachdas a bh'air a phearsa; ach thug i am 
barrachd aire d'a thapadh agus d'a fhoghain- 
teachd. An aon fhocal, thuit i an trom-ghaol 
air, agus chuir i roimpe nam pòsadh i am feasd 
gu'm b'e Ioseph a roghainn. Ach do bhrìgh nach 
fac i e rè ùine mhòir, bha gnè fhuath aic' air 
gach fear eile ; agus ge b' àrd cliù an àrd-riaghl'ir, 
cha d'rinn i riamh uiread agus amharc air. 

Chuir an righ agus a h-athair rompa, gu'm 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 89 

faiceadh i Ioseph ; ged a bha 'm barrachd de 
dheadh nàdur annta 's gu'n cuireadh iad aon 
diubh a dh'aindeoin. Ach an uair a thachair 
iad, bu chiatach le Ioseph gu'm b'i Asenat a 
cheart òigh a chunnaìc e 'nuair a bha e sa phrios- 
an ; agus arson an do chuir e cùl ris gach boir- 
ionnach eile. Cha bu lugha an t-ìoghnadh a bh' 
air Asenat le beachd a ghabhail air pearsa an 
àrd-riaghrir, an uair a thuig i gu'm b' esan an 
t-Eabhruidheach d' an tug i gaol a h-anma. Cha 
d'thainig dithis riamh am fìanuis a chèile leis an 
tuille gràin, agus cha robh càraid riamh bu tait- 
niche a bh' air am mealladh. Agus an tus', a 
chiall mo chridhe, air an robh mo dhèigh o chionn 
fada, a chuir an righ roimhe a phòsainn ? a deir 
Ioseph. A ghaoil m' anma, cha 'n urrainn duit 
a smuaineachadh na bh' agam a dh'f huath a' d' 
aghaidh ; ach gu ma beannaichte gu'n robh Dia 
nèimhe, a tha toirt miann mo chridhe a' m' ionn- 
suidh. Agus am feud e bhith gur tusa e shaor 
Sabrina, ars' Asenat ? O'n latha ghreadhnach 
sin, b' e 'n t-Eabhruidheach òg, treubhach, gaisg- 
eil, a ghoid uam mo chridhe. Nach beannaicht' 
am freasdal so, a tha coilionadh mo mhiann an 
agnaidh mo thoile ; oir b' f huathach leam thu, a 
loseiph ; bu bheag orm an t-àrd riaghl'ear air son 
m' Eabhruidheich ghràdhaich. Thugamaid cliù 
do ghliocas agus do mhaitheas De, a chuir as d' 
ar n-eagal air mhodh co taitneach. Chaidh am 
pòsadh air an ath latha 'an làthair an righ. Bha 
gairdeachas mòr air an t-sluagh air a shon, agus 
ghuidh gach neach deadh shoirbheachadh do 'd 
chàraid òig. 



90 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

Am feadh a shoirbhich le Ioseph ann an riagh 
ladh na h-Eiphit, hu deònach le Dia Iudah deas- 
labhrach f hiosrachadh le mhealltaireachd roimhe 
so a thoirt gu 'chuimhne. Phòs Er, a mhac, 
'nuair a thainig e gu aois iomchuidh, Tamar, a 
bha gu h-òg, maiseach, agus dèadh-bheusach. 
Bha Er gu h-aingidh an-diadhaidh, gun suim 
aige de àitheanta Dhè Abrahaim, agus cha robh 
na rùn ach anamianna neo-ghlan a shàsachadh, 
agus a bhi 'ga luaithre ann an toileachadh feòl- 
mhor. Thug Iudah agus Sunah, a phàrantan 
oidheirp air neo-stuamachd a chaithe-beatha a 
smachdachadh, le deadh chomhairle agus deadh 
eiseimpleìr ; ach chuir e gu h-ea-cèillidh cùl r' an 
comhairle, agus dh'fhurain e bàs ann am mear- 
achd a shlighe. Bha 'inntinn calg-dhireach an 
aghaidh inntinn Ioseiph ; b'e deadh-bheus tlachd 
Ioseiph, ach b'e dubhailc agus dò-bheart sòlas an 
f hir eile. Thachair air là àraidh gu'n deach' Er 
air ghnothach tamull air falbh, agus an uair a 
bha e dol seachad air doire dlùth uaigneach, gu'n 
do leum leòghann beucach a mach as agus reub 
e as a chèile e. 'Nuair nach do thill e aig an 
àm shuidhichte, chaidh teachdairean a chur a 
mach chum 'iarraidh, agus fhuair iad e gu dòin- 
each air a bheubaineachadh leis a bhèist alluidh 
ud. 'Sann an sin a thuig Iudah ciod an inntinn 
a bh' aig 'athair 'nuair a thug iad còta ca'dath 
no breacain a mhic d'a ionnsuidh làn fala. An 
sin thainig tagradh dùrachdach a bhràthar arson 
a bheatha gu' chuimhne leis gach ni drùighteach 
a bha na charamh. A.gus maille ri call a mhic, 
bha chuir-iomchuir chràiteach so aige gur 



BAOHDRAIDH IOSEIPH. 91 

breitheanas cothromach a bh' ann o Dhia, arson 
gu'n d'aontaich e le bhràithre ann an toirt triob- 
laid air Iacob taghta. 

Chum nach biodh ainm a mhic bu shine caillte 
ann an teaghlach Iudaih, chaidh Tamar a thoirt 
do Onan, chum gu'n togadh e suas sliochd d'a 
bhràthair a dh' eug. Ach bha cridhe Onain an 
tòir air leannan eile, agus bha fios aige ged a 
bhiodh sliochd ann nach b'ann airson a shloinne 
iad ; uime sin thug e 'n aire nach biodh iad ann, 
ge nach do chuir e tur-chùl ri toil-inntinn na 
leaba phòsda. Thug an ni a rinn e oilbheum do 
'n Ti is àirde, agus a chum luigheachd a thoirt 
dha 'an èirig a mhi-ghniomha, dh' òrduich Dia a 
bhualadh marbh le meall dealanaich o shoireach- 
aibh na feirge. 

a Iudaih ! cionnas a dhrùigh an dara buille 
o laimh Dhe ort ? Cionnas a leugh thu do pheac- 
adh ann ad pheanas ? Do dhà mhac air an toirt 
uait le bàs 'an trèin an neirt. Bha 'n cràdh- 
cridhe aig Tamar gu'n d'adhlaic i a dithis f hear 
m' an robh i ach an àird' a sunnd. Cha robh 
ach Selah gu ainm an teaghlaich a chumail suas, 
agus e gu h-òg maoth. Cionnas a bha eagal air 
'athair gu'n rachadh Selah an dèigh a bhràithrean, 
agus gu'm fàgta gun sliochd e. Cha do chum 
aon ni ach eagal roi Shimeon agus Lebhi e o làn 
aidmheil air a chionta a dheanamh ris a phriomh- 
athair urramach. Ach chum an eagal-san air 
ais e, gu h-àraidh o nach cual e ciod a rinn na 
h-Ismaelich ri Ioseph. 



92 EACHDRAIDH IOSEIPH. 



AN SEATHAMH EAEEANN. 

Bha na h-uiread dhearbhaidh aig Pharaoh mu 
ghliocas agus mu ionracas Ioseiph, 's nach do 
chuir e tomhas air a chumhachd ; ge b' e ni a 
rinneadh 'an tìr na h-Eiphit, 's esan a rinn e, 
agus shoirbhich leis gach ni a rinn e. 'Se 'uidh- 
eam bu tinne air uidheam Pharaoih fein, agus 
's ann a mhàin air an righ-chathair bu mhò 
Pharaoh na esan. Chaidh e feadh na rioghachd 
uile 3 sholair e tighean-taisg, shocraich e daoine 
anns gach mòr-roinn a cheannach gach gnè shìl, 
ni cha 'n e 'mhain a bha chum buannachd nan 
Eiphiteach, ach gach rioghachd eile mu'n cuairt. 
Leis mar bha a dhleasdanas agus a shòlas a 
ruidh san aon sruth-chlais, chruinnich e na 
h-uiread shìl rè nan seachd bliadhna pailteis 's a 
dh' fhògnadh do 'n Eiphit rè a dhà uiread de 
dh' ùine, ged bu toil le Dia a ghort a bhuanachadh 
rè na h-ùine sin ; agus bhrosnuicheadh e chum 
so a dhèanamh le 'fhiùghantachd nàdurra, chum 
gun rachadh aig' air cobhair air airc ^^^0^' eile. 
Cha robh duine riamh a fhuair uiread urram o 
na h-Eiphitich 'sa fhuair Ioseph, 'n uair a chun- 
naic iad gach ni a' teachd gu crìch mar thubhairt 
e. Agus mheas iad gu'n robh e ro mheasail aig 
na dèe ; agus cha chreideadh mòran diubh nach 
bu dia beag e fein, air teachd a nuas an riochd 
duine chum an rioghachd ghràdhach a choimhead. 
Oir cha robh teagamh air bith aig na h-Eiphitich, 
nach b'iad fein an t-aon sluagh a b' ionmhuinne 
le Dia. Nach bu chomharraichte am mùghadh 
a mhothaich Elisah o shluagh Israeil, an uair a 



EAOHDRAIDH IOSEIPH. 93 

roi'innis e m'an ghorta a thachair r'a linn-san. 
Mheasadh gu'n do chuir e dragh air Israel, agus 
b'èiginn da teicheadh arson a bheatha. 

Bhuanaich Ioseph air ceannach sìl fad nan 
seachd bliadhna pailteis ; ach b' i nise toil an 
Fhreasdail nach do shil an t-uisge co mòr 'sa 
b' àbhaist da air beanntaibh Abisinia, a chleachd 
làn mòr a chur san abhainn Nile ; ionnas nach 
d'èirich i idir co àrd 'sa b' àbhaist di. Uime sin 
cha robh ach droch cinneas ann, agus bha na 
dh' f hàs coltach ri diasan seargta Pharaoih, gur 
gann a b' f hiach iad am buain. Mhothaich iad 
a nis gu'n robh 'ghainne air tòiseachadh ann an 
tir Chanaain ; agus dh' iarr na h-Eiphitich lòn 
fa chomhair an teaghlaichean air an àrd f hear- 
riaghlaidh. 

An uair a thuig am priomh-athair aosda gu'n 
robh 'n t-acras a' bagradh a theaghlaich, ranns 
aich e gu cùramach c'àit am faighte sìol arson 
airgid ; agus air dha a chluinntinn gu'n robh siol 
san Eiphit a mhàin, chruinnich e a shliochd agus 
labhair e riu air a' mhodh so. Tha sibh, mo 
chlann, a' faicinn gur deòin le Dia, arson peacaibh 
dhaoine, an ceud agus an t-uisge deireannach nan 
àm a chumail air an ais. Cha 'n 'eil e air a 
cheadachadh do na tuiltean mòra thu snàmh sna 
neulaibh, frasadh a nuas a dh' uisgeachadh an 
fhuinn thartmhoir. Tha sibh a' faicinn nach 
'eil aon chuid cur no buain ann, cha mhòr nach 
do theirig ar lòn, agus tha 'ghorta gu soilleir a' 
teachd 'nar caramh. Ach c' arson a tha sinn 
mar so ag amharc air a chèile ? G-nàthaichea- 
maid na meadhona chum ar cumail suas am fad 
's a dh' fheudas sinn. Cha bhàsaich sinn gus 



94 EACHDRAIDH I08EIPH. 

ain fairtlaich a' chùis oirnn. Chuala mi gu bheil 
pailteas lòin san Eiphit, ged a tha gort' a' buadh- 
achadh 's na h-uile cearn eile do 'n domhan ; 
agus gu bheil an t-àrd fhear-riaghlaidh na 
dhuine fialaidh, 's nach cuir e aon neach air 
falbh falamh. Falbhaibh, uime sin, a chlann, 
rachaibh sios do'n Eiphit, agus ceannachaibh 
teachd-an-tìr dhuinn le airgiod, oir ciod am feum 
a ni airgiod duinn 'nuair a ghearrar uainn lorg 
an arain. Mar so tèarnaidh sibh ur mnài agus 
ur clann o dhol bàs le gorta. — Kachaibh air falbh 
uile ach Beniamin. Is iomchuidh gu'm fuirich 
esan a thoirt an aire air na gnothaichean aig an 
tigh. Cha robh aig an duine mhath de shliochd 
Racheil a nis ach Beniamin, agus cha dùraigeadh 
e a chur an cunnart turuis co fada. 

Dh' aontaich mic Israeil gu h-ealamh leis an 
iarrtus, agus dh' imich iad air an là-màireach 
do 'n Eiphit. Mun d'ràinig iad Memphis, mu 
mheadhon na h-oidhche san tigh-osda, bhruadair 
Simeon gu'n robh e aig Dotan maille r' a 
bhràithribh, a' cur an cinn r'a chèile cionnas a 
chuireadh iad Ioseph gu bàs ; an uair a chuir 
iad romp' a dheanamh, air leis 'nuair a bha iad 
'ga leige sios do'n t-slochd, gu'n d'thainig làmh 
neo-fhaicinneach a nuas o nèamh, gu'n do spìon 
i Ioseph o'n chunnart san robh e, 's gu'n deach' 
a thoirt as am fradharc. Agus an uair a chaidh 
Ioseph a thogail suas, gu'n do thuit Simeon san 
t-slochd san robh e los a bhràthair a chur. Chlisg 
e leis an eagal, agus dhùisg e mu'n d'ràinig e 
ìochdar an t-sluichd. G-e bu chruaidh a chridhe 
thug cunnart a bhruadair so air gu'n do mhoth- 
aich e cràdh inntinn Ioseiph air là a thrioblaid. 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 95 

Agus ge bu mhòr a chruadal agus a mhisneach, 
bha e fo eagal gu'n robh 'n aisling a' cur mi- 
shealbh eiginn air a mhanadh. Uime sin bha 
chuid eile de 'n turus ro neo-shunndach leis. 

Le spiorad fàisneachd bha fios aig Ioseph gu'n 
robh a' ghorta mòr, 's gu'n d'ràinig i tìr Chanaain ; 
agus smaointich e, a measg na mòr bhuidhinn a 
thainig a dh'iarraidh sìl, gu'n tigeadh a bhràth- 
re fein mar an ceudna ; uime sin chuir e 'n cèill 
an dreach d' a fhear-riaghlaidh, agus clh'àithn 
e, nan tigeadh iad, nach rachadh an riarachadh 
gus an rachadh an toirt d'a ionnsuidh. A rèir 
na h-earail sin 'nuair a thainig iad a dh'iarraidh 
sìl, chaidh an seòladh a dh'ionnsuidh riaghl'ear 
Ioseiph, a thuirt riu nach bu chomasach freag- 
radh a thoirt doibh gus an tigeadh an t-àrd riagh- 
i'ear dachaidh. Ach, o nach robh e ach a' 
gabhail sràid leis an righ, gu'n tigeadh e an 
ùine ghearr, agus iadsan a dh'fhuireach dlù do 
laimh. Einn iad sin, agus chunnaic iad am 
barrachd mòr-chuis agus rìomhaidh mu uidheam 
an righ agus Ioseiph na chunnaic iad riamh 
roimhe. 

'Nuair chaidh 'n toirt am fìanuis Ioseiph dh' 
aithnich e gu math gach aon diubh, ach cha robh 
'n aithne bu lugha aca air-san ; agus ged a 
bha e gu sèimh caoimhneil, cha b' urra dha gun 
mì reasgaichead na aghaidh a chuimhneachadh. 
Thug am faicinn a thrioblaid uile na aire. 
Chrom iad sios da leis an urram bu mhò, a feòr- 
aich ciod a b'àill leis riu. Thug so mar an 
ceudna a bhruadair na aire, agus gu stràiceil dh' 
fhiosraich e dhiubh ciod an gnothach ris-san, 
agus shocraich e a shùil gu dil air Simeon. 



96 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

Fhreagair Iudah air a shon fein agus arson 
chàich. Le cead do mhòrachd, tha sinne o thìr 
Chanaain. Air dhuinn a bhi air ar cùradh leis 
a ghorta 'nar tìr fein, chuala sinn gu'n rohh siol 
r'a sheachnadh san Eiphit, agus niu fhialachd 
an àrd riaghl'ir ; thainig sinn a nuas a cheann- 
ach bìdh dhuinn fein, d' ar mnathan, agus d' ar 
cloinn bhig, chum nach d'thèid iad eug leis a' 
ghainne. 

Na h-innis dòmhsa a' deir e, gu coimheach 
riù, gur luchd malairt sibhse. Tha ni-eiginn 
'nar n-aogasg a tha dearbhadh nach daoine neo- 
inbheach sibh ; oir a thaobh bhur coltais dh' 
fhaodadh sibh a bhi 'n ur mic do righ. 'Se m' 
amharus gur daoin' uaisle sibh, a thainig o thìr 
ghaisgeil eiginn, chum lomnochd na dùthcha 
arannsachadh. 

Cha 'n e, mo thriath, a deir athair nan Iudh- 
ach ; cha luchd-brathaidh sinn, ach daoine 
fìrinneach ; a tha tre bhochduinn ar dùthcha 
fein air ar co' èigneachadh gu lòn iarraidh ann 
an tìr is mò tha air a beannachadh leis an 
Fhreasdal. Tha sin 'nar coigrich do ghreadh- 
nachas lùchairt, agus cha 'n 'eil cuid againn 
de ghniomhara gaisgeil. G-e b' e air bith is coltas 
duinn, feudaidh do mhòrachd a chreidsinn gur 
ann mu chuallachadh, agus mu bheathachadh 
sprèidhe a fhuair sinn ar n-àrach; oir cha 'n 
ann an cùirt righ a bheathaicheadh sinne, ach 
'nar n-àirich mu thimchioll sprèidhe ; agus cha 
robh gnothach againn do 'n Eiphit ach a cheann- 
ach bìdh d' ar teaghlaichibh, arson a' bheil 
sinn toileach aon luach is àill le m' thighearn 
uirraidh ìocadh. 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 



97 



Oha 'n ann mar sin a tha, a deir Ioseph, Cha 'n 
ionann d' ar coslas-sa 's do bhuachaillibh. Cha 
mhò tha do dheas-chainnt a nochdadh gur h-ann 
a gleidheadh nan caorach a bhà thu. Cha bhiodh 
sibh iomchuidh air bhi nar luchd-brathaidh an 
aghaidh ar tìre mar biodh sibh co carach 's 
gu'n ceileadh sibh e le mealltaireachd agus le 
ceilg. Tha mi 'g innse dhuit gur h-ann le droch 
rùn a thainig sibh do 'n tìr. 

G-un ma fada uainn e, a thighearna, a deir 
Iuda, a bhi ciontach de 'n mhealltaireachd m' 
an do labbair thu. G-u cinnteach is buachaill- 
ean sini e, mar bha ar n-aithriche rè ioma linn. 
Is sinne gineil Abrahaim, mu an cuala, theag- 
amh, do mhòrachd iomradh. Is deichnear 
bhràithre sinne, mic aon duine ann an tìr Chan- 
aain. Tha fear, eile aig an tigh le'r n-athair, 
agus mo thruaighe ! — tha fear nach maireann, 
nach àirmhear a nis a' measg a bhràithre. 

Ro mhath, arsa Ioseph, tha sibh a' tagradh 
'ur neo-chiontachd a thaobh cealgaireachd. Ach 
cha ghabh mi 'ur focal air a' chùis ; agus ma 
dhearbhas sibh sibh fein nar daoine fìrinneach 
bithidh mis a' m' charaid duibh ; agus bith- 
idh comas agaibh dol air ur n'-ais agus air ur 
n-aghaidh, agus ur malairt a dheanamh air feadh 
na h-Eiphit uile ; ach ma gheibhear a mach gur 
mealltairean agus luchd-brathaidh sibh, cuirear 
gu cinnteach gu bàs sibh. Leis a so dearbh- 
aidh sibh gur daoine fìrinneach sibh. Each- 
adh fear agaibh dhachaidh do thigh ur n-athar, 
agus thugadh e 'an so 'ur bràthair a's òige m' an 
do labhair sibh, 's an sin creidimh mi gu bheil 
sibh ag innse na fìrinn. Mar dean sibh so, 

G 



98 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

dearbhaidh e gu bheil ur rùn gu h-olc, agus cc 
cìnnteach 's a tha Pharaoh beo is luchd brath- 
aidh sibh. 

Cha 'n eadh, mo thighearn, air chor air bith, 
f hreagair Iudah, gu h-iriosal, gidheadh tha aon 
aobhar arson nach feud sinn gèill a thoirt do 
àithne do mhòrachd. Agus cha 'n ann air eagal 
gu'm faighte nar mealltairean sinn ; ach air 
eagal gorta ar teaghlaichean. Oir cha d' fhàg 
sinn de bhiadh ach gann aig an tigh na dh' 
fhòghnadh, le deadh bhanas-tighe, gus an 
ruigeamaid dachaidh. Nan deanamaid mar dh' 
àithn mo thighearna, an sin gheibheadh tigh ar 
n-athar uile bàs a chion lòin m' an ruigea- 
maid, agus bhiomaid ciontach de 'm fuil. Uime 
sin mur toilich ach sin mo thighearna m 'ar 
timchioll, is fearr dhuinn pilleadh dhachaidh, 
agus a bhi sealltainn air an olc a dh' èir'eas 
doibh; oir cha 'n urrainn duinne bhi beo an 
deigh tigh ar n-athar a bhi air a sgrios. 

Thug Ioseph òrdugh do'n fhreiceadan a bha 
'ga choimhead iad a chur an deichnear bhràithre 
ann an laimh, far an do ghlèidh e iad rè thri 
làithean ; ach thug e sparradh teann d'a àrd 
fhear muinntir an aire mhath a thoirt doibh, 
nach biodh aon ni feumail 'gan dìth, no dhìth 
air an seirbhisich no air an càmhuilean. Gu 
moch air an treas mhadainn co luath 's a shoills- 
ich a' ghrian an talamh, dh'òrduich e iad uile na 
làthair. Agus thuirt e riu, Thug mi fainear do 
gach ni a labhair sibh, 'nuair a chunnaic mi 
roimhe sibh ; agus leis mar a dh'f heudas 'ur 
sgeula bhi fior, cha chuirinn an seann duine an 
cunnart, m'an do labhair sibh, no idir 'ur mnài 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 99 

agus ur clann a chur fo chomhraicli na gorta ; 
oir tha eagal De orm, agus cha 'n 'eil faireachd- 
uinn no daonnachd an aineol orm. Iarram aon 
chumhadh oirbh, ni leis an èiginn duibh aon- 
tachadh, agus 'se sin, gu'm fuirich fear agaibh 
ceangailte anns a' phriosan, an geall ri sibh a 
philleadh ; agus theid a' chuid eile dhibh chum 
ur teaghlaichibh leis na dh'fheudas sibh a 
ghiùlan do shìol; agus 'nuair a thig sibh a ris 
bithibh cinnteach gu'n d'thoir sibh leibh ur 
bràthair a's òige ; ni ma bheir, theid esan a dh' 
fhàgar an geall 'fhuasgladh dhuibh, agus pillidh 
sibh uile ann an sìth chum ur n-athar. Ach 
mar pill sibh, dìolaidh am fear a dh'fhagas sibh 
air le 'bheatha. 

! a deir Iudah, cionnas a bheir aon olc olc 
eile na cho'lorg ! Thuit Er agus Onan fo bhuille 
a' cheartais sin a tha dìoladh àmhghair Ioseiph. 
Tha fear eil' a nis air iarraidh, agus cò aig a 'bheil 
fios c'àit an sguir e? Tha cionta fala ar bràthar 
'gar ruagadh, agus a' fàgail gach freasdail searbh 
neo-shòlasach. Tha ar Dia 'gar fàgail gu tag- 
radh an diomhain, a chionn 'nuair a chunnaic 
sinn cràdh 'anma, nach nochdamaid bàigh dha, 
ged a ghuidh e oirnn e le deuraibh goirt. À 
Thighearna, tha do dheanadas-sa cothromach, is 
sinne a mhàin a tha ciontach. 

Nach d' rinn mise na dh'f heud mi, a deir Reu- 
ben, chum ur cumail o'n ghniomh nàrach agus 
ghràineil ? Grhnàthaich mi gach cainnt a b' 
urra mi, chum gu'n caomhnadh sibh beatha 
an leinibh ; ach bu diomhain mo shaothair. 
Agus 's ann a chum gu'm faighinn 'aiseag gu 
saor slàn do ghlacaibh 'athar a gheill mi a leige 



100 EACHDRAIDH I08EIPH. 

sios do'n t-slochd ; agus dheanainn e an ath 
oidhche, mar bithinn air mo bhacadh leis mar 
reic sibh e ri coigrich, agus nach b'aithne dhomh 
cia 'n taobh a thug iad e. Ach cha'n 'eil 
teagamh agam nach do ghabh freasdal De cùram 
dheth, 's gu bheil e nis ann an dùthaich is càir- 
deile na mhothaich e ann an tigh a chàirdean, 
am feadh a tha sinne, a luchd-geur-leanmhuinn, 
gu ceart-bhreitheach air ar ruagadh le laimh 
dhioghaltais De Iacoib. 

Tha mi, a deir Simeon, gu saor ag aideachadh 
nach do mhothaich mi agartas mo choguis arson 
mar rinn sinn air mo bhràthair, gus o chionn 
chùig oidhchean, gu'n do thuig mi cràdh a 
chridhe ann an aisling. Agus o na mhothaich 
mi 'n sin, cha 'n 'eil mi saor o eagal gu bheil 
ni-eiginn ro chràiteach a' feitheamh orm ; oir, 
air leam gu'n robh mi direach mar bha Ioseph, 
'nuair a chuireadh sios san t-slochd e ; o sin 
cha robh m'inntinn saor o smuainteach' air 
iomaguin an òganaich, no air mulad anabarrach 
ar n-athar bhochd 'nuair a nochd Lebhi agns 
mise an còta fuilteach dha aig Mamre. Ach ge 
b'e ni a dh'èireas domh, 's airidh mi air. Bu 
mhiann leam a bhi co strìochdta a' m' thrioblaid 
'sa bha mi adhartach 'an cur an gniomh na cionta. 

'S beag a bha f hios aig macaibh Iacoib, gu'n 
robh an t-àrd riaghi'ear a' tuigsinn an cainnt, 
oir chum a dhàimh riu a chumail an cleth, 's 
ann a labhair e do ghnà riu tre eadar-theangair, 
air an d'thug e dol amach, co luath 'sa thòisich 
iad ri labhairt ri chèile. A dh'aindeoin gach 
coimheachais a nochd Ioseph, agus an rùn- 
suidhichte chuir e roimhe, thuig e nach robh e 






EACHDRAIDH IOSEIPH. 101 

comasach stad a chur air an reachd a bha na 
bhràighe, ullamh gu sileadh o dhà shùil, 'nuair 
a chual e cainnt aithreachail a bhràithre ; uime 
sin chaidh e leth-taobh do ionad uaigneach, agus 
thug e saor chomas do ghluasad dìomhair a 
chridhe. Co luath 's a shocraich e thainig e d' 
an ionnsuidh, agus labhair e riu mu ghnothaichibh 
an tìr-dhùthcha, gus an robh an soireachan 
làn, 's an do luchdaicheadh an càmhuilean agus 
an asailean le sìol. Ach cha robh riamh a 
leithid de spàirn eadar fìor-ghliocas agus gràdh 
bràthaireil 's a mhothaich Ioseph na inntinn 
iomaguinich. Bha gràdh-bràthaireil 'ga bhrosnach- 
adh gu grad fhàilt a chur air a bhràithribh, 
ach dh'earalaich fior-ghliocas air gun fhailt a 
chur orra gus an dearbhadh e an gradh do 
Bheniamin. Bheir crìonnachd buaidh air tog- 
radh, far a' bheil giiocas a' riaghladh. 

Thachair mar chuir Simeon air a mhanadh, 
oir shocraich Ioseph air gu fuireach mar gheall 
e gus am pilleadh càch ; ged a bha e nis an 
aghaidh a thoile smuairean a chur ar Simeon, a 
chionn gu'n do thuig e gu'n robh aithreachas 
air mar rinn e. Ach b' èiginn da fear ac' a 
ghleidheadh, no e fein a dheanamh aithnichte 
dhoibh ; ni nach fac' e iomchuidh a dheanamh 
fhathast. Uime sin cbaidh Simeon a cheangal 
nan làthair, agus a thoirt do 'n phriosan ; am 
feadh a chaidh càch a mach o Ioseph agus 
dh'imich iad do thìr Chanaain. Cha 'n ann gun 
iomachuir chuir air a chèile m' an chruas san 
robh iad, agus air an an-iochd do Ioseph mar 
mhàthair-aobhair an iomlain. An uair a ràinig 
iad an tigh-òsda, 's a dh'fhosgail Isachar a shac 






102 BACHDRAIDH IOSEIPH. 

a thoirt bìdh d'a asail, f huair e na thug e dh' 
airgiod arson a shìl ann am beul a shaic ; le 
ioghnadh m' an chùis, dh'innis e d'a bhràithribh 
e. Le shamhuil de iongantas ruidh gach fear 
chum a shaic fein gu rannsachadh, agus feuch ! 
ann am beul a shaic fhuair gach fear 'airgiod 
fein gu h-iomlan. Gu tosdach wnaointeachail 
dh'amhairc iad air a chèile. Bha fhios aig 
gach fear gu'n robh e fein saor o'n chùis ; ach 
cha b'urra dha fios a bhi aige mu chàch. Mheas 
iad uile gu'n robh làmh Dhe orra chum uilc; 
ach cha b'urra dhoibh a smaointeachadh cionnas 
a philleadh an cuid airgid. Dhealaich an cadal 
riu air an oidhche sin, oir bha fiuthair aca gach 
uair gu'n d'thigeadh iad air an tòir, chum an 
toirt air an ais chum an uachdarain. Mu 
dheire smaointich iad gur foill a chaidh a ghnà- 
thachadh orra, chum an riobadh gu bhi nan 
tràillean. Agus air dhoibh deadh-fhios a bhi 
aca gu'n deanadh an cumail san Eiphit sgrios a 
tharruing air tigh Iacoib, chuir iad rompa nach 
gèilleadh iad mar chladhairean d'an luchd mì- 
ruin, agus gu'm b'fhearr leo bàsachadh far an 
robh iad, na bhi nan tràillean d' a leithid de 
mhealltaireachd, agus gu'n reiceadh iad am 
beatha co daor 'sa dh'f haodadh iad. Bha iad a 
nis deacair gu'n robh Simeon g'an dì, a chionn 
gu'n do dhearbh e a threubhantachd roimhe sin. 
Ach bu diomhain an eagal, agus b'fhaoin an 
rùin cheannsgalach. Oir thug Ioseph àithne 
dhìomhair d'a àrd fhear-riaghlaidh an airgiod 
uile a chur nan soireachaibh fa leth, 's a cheart 
riaghailt san d'f huaradh e ; air chor 's nuair a 
thainig a' mhadainn, cha robh neach air an tòir. 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 103 

Luchdaich iad an ainmhidhean, agus dh'imich 
iad air an turus, ag amharc an dràst agus a ris 
nan dèigh a dh'fheuch an rohh cunnart air 
bith am fagus; agus mar so chaidh iad air an 
aghaidh o là gu là, gus an d'ràinig iad an ionada 
còmhnuidh. 

Chunnaic an seann duine còir iad fad as a' 
teachd gu f òill, a chionn gu'n robh iad trom-luchd- 
aichte agus sgìth; agus aiteas air gu'm fac e 
iad a' tighinn dachaidh tearuinte le lòn d'an 
teaghlaichibh ! Ach 's grad a chaidh crioch air 
'aoibhneas 'n uair a chunnaic e nach robh Simeon 
ann ! B' èiginn doibh gach ni a thachair eadar 
àrd-riaghl'ear na h-Eiphit agus iad fein innse, 
agus gu'n d'iarradh orra Beniamin a thoirt leo an 
ath-uair a rachadh iad sios. 'Nuair a chual e 
sin dhT hàilnich a chridhe, agus thug e achmhasan 
mar so dhoibh arson an giùlain. Nach b'urra 
dhuibh, daoine thainig chum 'ur n-aois, agus nach 
robh riamh air 'ur meas neo-thuigseach, lòn a 
cheannach air ar son, gun dol a dh'innse m'ar 
teaghlaichibh ? Ciod am feum a bh' air sibh a 
ràdh gu'n robh bràthair eil' idir agaibh? Ciod 
an gnothach a bh' aig an uachdaran ris, agus cha 
mhò a dh'fheòraicheadh e mu thimchioll, mur 
labhradh sibh fein gu neo-thùrail uime. Cha'n 
fheud mi aontachadh gu'n d'thèid Beniamin 
ann. 'S ann mar bheadradh ruibhse gu'n do 
chaill mi Ioseph. Cha 'n 'eil truas agaibh ri m' 
shean aois, 'nuair a b'àill leibh Beniamin a thoirt 
uam mar an ceudna. Tha na nithe sin uile a'm' 
aghaidh-sa. 

Thainig Keuben gu h-ùmhal dlù dha, agus 
f hreagair e gu modhail 'athair. Na'm biomaid 



104 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

neo-chùramach mu mhulad agus mu thrioblaid 
athar co urramach, bu mheasa sinn na na brùid- 
ean fein. Na cuireadh Israeil cion caomh-iochd 
as ar leth, ma dh'aithris sinn tre eiginn an ni bu 
mhiann leis a chleth. Air mo shon fein deth, 
air leam gu bheil gnùis an uachdarain gu mòr a' 
cur an aghaidh a chridhe, m'as ion eagal a bhi 
oirnn roimhe. Tha nì-eiginn co gradhach agus 
co gaol-thàirneach ann, 's gur e air leam gu'n 
earbainn mo bheatha ris. Agus mar dhearbhadh 
gur i'n fhìrinn a tha mi labhairt, ma leigeas m' 
athair le Beniamin dol leinn, mar gheall sinn, 
gu'm fàg mi mo dhà mhac, Hanoch agus Palu 
mar gheall na èirig gus am pill e ; agus ma thig 
dochair air, dìoladh iad air a shon. 

Mo thruaighe, a Eeubein ! a deir an seann 
duine, tha thu labhairt mar dhuine gun fhios- 
rachadh. GJ-ed a bhiodh Beniamin air a chall, 
cha deanadh bàs mo dhà ogha ach mo lot ni bu 
chràitiche. Tha loseph cheana marbh, agus cha 
'n 'eil agam a làthair de ghineil Eacheil, ach 
Beniamin, arson an d'rinn mi seirbhis rè cheithir 
bliadhna deug d'ar sean-athair ; agus nan rach- 
adh e maille ribh, 's gu'n tigeadh sgiorradh air 
mar thachair air Ioseph, thigeadh an ceann liath 
so agams' a nuas le bròn gun tomhas chum na 
h-uaighe. Gha d'theid mo mhac Beniamin sios 
maille ribh. 

Mhothaich an t-athair aosmhor, Iacob, gu'n 
roch dà-thrian do'n lòn air a chaitheamh, agus 
chuir e 'n cuimhne a chuid mac gu'm b am 
dhoibh bhi smaointeach' air dol a rìs do'n Eiphit, 
a dh'f haighinn an tuille, chum nach rachadh as 
'doibh le gorta. Eachaibh, a deir e, a chlanu, 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 105 

do'n Eiphit agus ceannaichibh dhuinn beagan 
tuille bìdh arson an teaghlaich. Theid sinne, 
'athair, arsa Iudah, ma thèid Beniamin leinn ; 
ach mar d'thèid cha'n urra dhuinn dol ann : oir 
dh' eitich uachdaran na tìre an aghaidh sinn a 
dhol ann, mar d'thugamaid ar bràthair a b' òige 
leinn ; agus nan d'thugamaid ann e, gu'm biodh 
comas againn malairt a dheanamh ann an ear- 
rann air bith de'n Eiphit. Smaointich, uime sin, 
'athair ! ciod a ni sinn, oir bithidh a chlisge 
gainne againn. 

Thuirt an duine naomh, 'sa chridhe 'ga f hàsg- 
adh le bròn, C'arson a Iudaih, a bhuin thu co olc 
rium, 's gu'n d'innis thu do uachdaran na tire 
gu'n robh bràthair eil' agad, oir 'tha mi tuigsinn 
gu'm bu tus' a b' fhear-labhairt do'n iomlan. 

Mo thruaighe ! arsa Iudah, rinn an duine ar 
ceasnachadh gu teann mu thimchioll ar cor, ar 
dàimhich, aireamh cloinne ar n-athar ; agus 
dh'innis sinn an f hìrinn anns gach ni. Am b' urra 
dhuinne fios a bhi againn gu'n iarradh e ar 
bràthair oirnn ? Agus ged a bhiodh f hios againn 
gu'n abradh e thugaibh a nuas ur brathair d'am 
ionnsuidh, cha bhiodh a chridh' againn car no 
cealg a dheanamh sa chùis, oir an sin chuirea- 
maid corruich air ar Dia ; agus bhiodh mi-thlachd 
ort fein arson ar cionta. Ceadaich dhomh a 
ràdh, gu bheil m' athair caomh ann am mearachd 
a thaobh a churaim mu 'mhac Beniamin. Tha 
sinn uile 'nar mic dhuit cho math 'sa tha esan ; 
agus na h-uiread chòir againn air do chùram. 
Ach tha Simeon 'an geimhlibh an tir chèin, tha 
gorta a'bagradh oirnn fèin, air ar mnathan agus air 
ar cloinn. Cha'n f heud aon ni beatha Shimeoin 



106 EACHDRAIDH I08EIPH. 

a shaoradh, ach sin dhol do'n Eiphit le'r bràthair 
Beniamin ; agus cha 'n f heudar ar teaghlaichean 
maoth a chaomhnadh, ach le lòn as an tìr sin. 
Cuir leamsa e, agus bithidh mis a'm' urras air a 
shon, agus uamsa iarraidh tu e. Ma chuireas 
tu leinn e, falbhaidh sinn gun dàil ; ach mur 
cuir, cha d'theid sinn ann. Feudaidh sinn co 
math fuireach aig an tigh agus dol bàs le gorta 
maille ri'r mnathan agus ri'r cloinn, 'sa bhi air 
ar sgrios leis a' chlaidheamh ann an dùthaich 
choigrich. Smaointich mata, ciod a ni sinn. 
Mar biomaid màidheanach dh'f haodamaid bhi air 
pilleadh an dara uair. Agus thugadh Israel 
fainear gu'm bàsaich sinn uile, mur ceadaichear 
do Bheniamin dol leinn, agus cha 'n 'eil esan 
a' ruidh cunnart sam bith le e dhol ann. Cuimh- 
nich, athair, gu bheil Dia Bheteil, anns a bheil 
do mhuinghinn anns an Eiphit co math 's an tìr 
Chanaain. Tha e comasach air do Bheniamin a 
dhìon ge b' e àite sam bi e. 

Le so a ràdh dh'f han e na thosd, agus f hreag- 
air am priomh-athair gu smuaireanach. Is 
drùighteach a labhair thu, a Iudaih. Ni sinn 
guth air a' ghille agus leigidh sinn g'a thoil fein 
e : ma bhios e fein deònach, cha chuir mise na 
aghaidh, ach mar bi, cha chuir mi ann d'a an- 
toil e. A' bheil thu toileach, a Bheniamin, dol 
maille ri d' bhràithribh air turus eile do'n Eiph- 
it ? Tha iad ag ràdh nach d'thèid iad ann 
gun thu dhol leo, agus tha mise ro neo-thoileach 
do leigeil ann air eagal gu'm bi turus co fada 
goirt ort. Labhair gu saor do bheachd m'an 
chùis, a mhic. Fhreagair Beniamin, Cha b' 
airidh mi air Iacob a bhi na athair agam nan 






EACHDRAIDH IOSEIPH. 107 

seachnainn aon chunnart d' a' bheil mo bhràith- 
rean buailteach. Gru ma fada uamsa bhi'm 
shlaodaire diomhanach aig a bhaile, am feadh a 
tha iadsan gu saoithreachail aghartach a' coth- 
achadh air mo shonsa agus air son mo chloinne 
bige. Cha 'n e mhàin gu bheil mise toileach 
dol leò, ach tha mi ro dheònach dol ann ; agus 
labhrainn roimhe so uime, ach bu duilich leam 
mulad a chuir ortsa, athair ; tha toil agam àrd- 
riaghl'ear so na h-Eiphit 'f haicinn. Cha'n fhios 
domh cionnas a thachair e, ach o na chuala mi 
Reuben ag ìnnseadh uime, tha mi gun f hios c' 
arson, ro dhèigheil air. Agus an raoir bhruad- 
air mi gu'n do sheas mi na fhianuis maille ri 
m' bhràithribh, 's air leam gu'n robh nì eiginn 
co ro thaitneach ann 's nach b' urra mi gun 
ghràdh a thoirt dà. Ach 'nuair a thainig e 
chur fàilte orm, air leam gu'n do mhothaich mi 
a chàirdeas, ni's blàithe na aon ni dh'fhairich 
mi riamh. Air mo shon fein, thachair dhomh 
mar tha Eeuben am barail, nach 'eil an t-àrd- 
uachdaran na chulaidh eagail. Ro mhath, a 
mhic, a deir an seann laoch, le osna throm, 's 
èiginn dòmhsa gèilleadh. G-u'n d'thugadh Dia 
dhuibh nach meall an duine sibh. 

Ach, a chlann, thugaibh leibh airgiod du- 
bailte nar làimh, a bhàir air na philleadh 'nar 
sacaibh, agus ath-dhìolaibh e; theagamh gur 
ann gun fhios a rinneadh e le cuid de luchd- 
riaghlaidh nan tighean-taisg. Agus na rachaibh 
lamh-f holamh a dh'ionnsuidh an duine, do bhrì 
gu'n caisg tiodhlac fearg; ach thugaibh leibh 
tabhartas eireachdail de 'n toradh is fearr nar 
tìr; mar tha ìoc-shlaint, mil, spìosraidh, mirr, 



108 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

cnothan, agus almoine. Agus, ! Dhe Uile 
chumhachdaich, bi maille ri m' mhacaibh, agus 
deònaich dhoibh deadh-ghean ann am fianuis an 
duine. 

Dh'f halbh mic Israeil ; dh'f hoillsich an Tigh- 
earn e fein do Iacob ann an taisbein na h-oidhche, 
ag ràdh ris, A Iacoib, ciod a tha thu faicinn'ì 
Fhreagair Iacob, Chi mi craobh Almoin, ro 
bhòidheach, mìn, agus dùmhail, air an robh dà 
mheanglan-dheug, a tha air sgaoileadh a mach 
nan cunntas *gun àireamh de mheòir, agus iad 
uile a' giùlan toraidh ro àluinn. Fhreagair an 
taisbein, 's math na chunnaic thu a Iacoib. 'S 
tus' a chraobh àluinn almoin sin, uaitse thainig 
dà mheanglan-dheug, a bheir sliochd a mach mar 
ghaineimh na fairge thaobh lionmhoireachd. Na 
feòraich cionnas a dh'fheudas sin tachairt, a 
chionn gu bheii aon gheug air a gearradh o'n stoc. 
(xu ma leòir leat a thuigsinn, na chuir gliocas 
neo-chrìochnach roimhe, gu'n dean uile chumhachd 
a choi'lionadh ; fàg cùram Bheniamin air a Dhia, 
oir pillidh e t-ionnsuidh ann an tearuinteachd. 
Mar so labhair an sealladh, agus an àm dealach- 
aidh dh'fhàg e gàir neamhaidh ann an cridhe an 
aosmhoir, ionsamhuil mar mhothaich e aig Peniel, 
'nuair bha cumhachd aige mar cheannard ri Dia, 
agus a thug e buaidh. 



AN SEAGHDAMH EARRANN. 

Am do mhic Iacoib teachd do'n Eiphit, thug- 
adh an làthair an uachdarain iad, air an robh 
gairdeachas a chionn gu'm fac e a bhràithrean 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 109 

air pilleadh gu slàn fallain, agus Beniamin maille 
riu. Seadh, thuirt e riu, choi'lion sibh an cùmh- 
nant, air ur taobhsa, 's iomchuidh dhòmhsa gu'n 
coi'lion mise mo chuibhrionn fein deth ; bheir 
mi grad àithne gu'n d'thoir iad ur bràthair as a' 
phrìosan. An uair a chunnaic e cò'lath uile iad, 
dh'òrduich e d'a f hear-riaghlaidh beathach biadht' 
a mharbhadh agus cuirm phailt uidheamachadh ; 
oir, ars' esan, gabhaidh na daoine sin an dinneir 
maille riums' an diugh. Air dha riaghailt 
fhàgail air a theaghlach, agus dol mu thimchioll 
a ghnothaichean, dh'fhàg e a bhràithrean leo fein 
gu meadhon là. Thainig Tudah a nis a dh'ionn- 
suidh an f hir-riaghailt, agus ghabh e an lethsgeul 
mu'n airgiod a fhuair iad nan soirichean. 
mo thighearna ! tha sinne fo mhòr iomaguin sa 
cheart àm so, agus tha feum againn air do chàir- 
deas a nochdadh dhuinn, o'n a tha maoidhein 
mòr agad air an àrd f hear-riaghlaidh. 'Nuair a 
thainig sinn air tùs a nuas do'n Eiphit, ged a 
shaoil do thriath gu'n robh, cha robh gnothach 
air bith againn ach a cheannach bìdh d'ar teagh- 
laichean. Cheannaich sinn an sìol, agus shaoil 
sinn gu'n do dhìol sinn air a shon ; ach, ni a chuir 
duilichinn oirnn, 'nuair a dh'f hosgail sinn ar soir- 
eachan, gu'n d'fhuair gach fear a chuid airgid 
fein am beul a shaic. Cha'n urrainn duinn a 
thuigsinn cionnas a chuireadh 'an sin e. Ach 
air dhuinn a bhi toileach roinn gu cothromach 
ris gach neach, thug sinn leinn an t-airgiod a 
chuireadh oirnn gun f hios duinn, a thuilleadh air 
airgiod gu thoirt an eirig sìl a bheir sinn leinn 
san àm so. An deòin leatsa, mata, an t-airgiod 
a philleadh a ghabhail, agus a lughadh dhuinn ge 



110 EACHDRAIDH IOBBIPH. 

b'e dòigh air 'n do thachair e ? Thug sinn mar 
an ceudna a dh'ionnsuidh an 'ard-uachdarain 
tiodhlac beag de thoradh ar dùthcha, agus bithidh 
sinn a' d' chomain ma bheir thu dha e 'n ar n- 
ainm-ne. 

Thuirt an riaghlair riu, gu'n gabhadh e gu 
toileach mu laimh an tiodhlac do'n àrd-uachd- 
aran a liubhairt ; ach arson an airgid, cha ghabh 
mi e, oir làn dhìol sibh arson ur sìl 'nuair a 
fhuair sibh e. A thaobh an airgid, a fhuair 
sibh 'nar sacaibh, na biodh iomaguin oirbh air 
a shon. Is gibht a th'ann o' ur Dia, arson nach 
d'thig aon bheud 'nar caramh. Socraichibh 
ur cridheachan, agus na biodh cùram oirbh, oir 
tha 'òrdugh agams' innse dhuibh gu bheil 
fiuthair aig mo thighearna ribh na lùchairt 
chum ur dinneir a ghabhail maille ris an diugh. 
'B f hearr leo gu mòr an cuireadh so a sheachnadh, 
agus dinneir bu neo-shòghmhoire 'ghabhail san 
tigh-òsda ; ach cha'n f haigheadh iad cùl a chur 
ris a chuireadh, agus dh'aontaich iad dol ann. 

'Nuair chaidh am fear-riaghlaidh a mach, 'sa 
bha iad 'nan aonar, thuirt fear aca. Tha Simeon 
a chuireadh fa sgaoil ag amharc gu math air taobh 
an àrd-uachdarain, ach cha 'n 'eil tlachd agam 
de'n chuireadh so. 'S minic tha 'n rùn is meall- 
taiche fo sgàile cairdeis. Thug sinn air a thuigsinn 
nach bu luchd-brathaidh sinn ; ach tha eagal 
orm nach 'eil a dhi air ach lethsgeul eile fhaot- 
ainn chum ar cumail 'nar tràillean san tìr. 
'S èiginn domh 'aideachadh, arsa fear eile, gu 
bheil cuireadh a bhi againne ar dinneir a ghabh- 
ail maille ris an dara fear is àirde san rioghachd, 
ag amharc ro mhi-chiatach. Air mo shon fein, 



EAOHDRAIDH I08EIPH. $11 

a deir Beniamin, cha 'n 'eil mi fo eagal air bith 
m' an chùis. Tha mi faicinn nì-eiginn san àrd 
uachdaran a tha cur an cèill gur neo-chomasach 
dha bhi na mhealltair. Ciod i do bharails', a 
Shimeoin ? Tha 'm barrachd eòlais agadsa na 
th' againne mu nòs nan Eiphiteach. 

G-u fìrinneach a bhràthair, arsa Simeon, Cha 
'n aithne dhomh ciod a their mi mu'n chùis so. 
Is iongantach an ni mise nach d'rinn ach tigh- 
inn à priosan, gu'n gabhainn mo dhinneir ann 
an lùchairt. Gridheadh feudaidh mi a ràdh, 
nach d'fhuair mi mi-shuairceas air bith fheuch- 
ainn domh, ni 's mò na gu'n robh mi 'n 
làimh. Chunnaic sibh gu'n deachaidh mo 
cheangal 'n ar làthair, ach co luath 'sa dh' fhalbh 
sibh, chaidh mo thoirt do ionad a bha air gach 
dòigh taitneach, ach a mhàin gu'n robh mi air 
mo chumail ann. Bha gu leòir de bhiadh math 
air a thoirt domh, ach cha b' aithne dhomh, co 
uaithe thàinig e. Thainig an t-àrd-uachdaran 
fein gu tric ga m' fhaicinn, agus labhair e gu 
h-ionmhuinn rium mu thimchioll nan Eabhrui'- 
each, (oir 's aithne dha mu Abraham, ged is 
Eiphiteach e) mu'r n-athair agus mu Bheniamin ; 
agus gu sònruichte, mu thimchioll bàis Ioseiph. 
Agus 's tric a chunnaic mi, 'an am bhi labhairt 
mu na nithe sin, gu'n sileadh na deòir gun fhios 
o shùilibh. Cha 'n f haod mi ràdh gu bheil aon 
eagal orm roi' dhroch gnàthachadh, o 'n a choi'- 
lion sibhse ur cuid fein de 'n cho'cheangal. 

Mar bha iad mar so a co'riasanachadh r'a 
chèile, thainig Ioseph dhachaidh agus thug e 
àithn' an toirt a stigh do thalla na lùchairt. 
Thug a stiùbhard, mar dh' -arr iad, seachad ati 



112 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

iocshlaint, am mirr, &c. ni ris an do ghabh e le 
taitneachd f hollaiseach, a thug mòr thoileachadh 
d'a bhràithribh. An sin dh' iarr e orra suidhe, 
agus dh' fhiosraich e m'an slàinte. 

An robh sibh gu math, mo chairde, a deir e, on 
dh'fhalbh sibh ? An d'fhuair sibh ur deadh 
shean-athair gu math ? A' bheil ur mnathan 
agus ur clann nan slàinte ? 

Fhreagair ludah, agus thuirt e, Chaidh sinn 
gu math dhachaidh, agus f huair sinn d'òglach 
ar n-athair co math 's a b' ion fiuthair a bhi r'a 
leithid de sheann duine ; fhuair sinn fòs ar 
mnathan agus ar clann gu math. Ach tha eagal 
oirnn as ar n-athair 'nuair a philleas sinn, oir 
ràinig e 'chridhe dealachadh r'a mhac a b' òige. 

An e so ur-bràthair is òige m' an do labhair 
sibh ? a deir e, Gru'n robh Dia gràsmhor dhuit a 
mhic. Tha dòchas agam nach bi aobhar gear- 
ain aig t-athair a chionn do chur 'an so. 

Le sin a ràdh, cha b' urra dhà cumail ni b' 
fhaide air fein. Cha b' f hios da cionnas a chum- 
adh e o f hàilt' a chuir air a bhràthaìr ; Uime sin 
dh' f hàg e 'n seòmar, mu'n d'thugadh a bhràithie 
an aire d'a iomaguin, agus chaidh e do sheòmar 
uaigneach, far am feudadh e leige le bhròn sileadh 
gu frasach. Mar biodh chum an dearbhadh an 
robh an rùn gamhlasach aca do Bheniamin a bh' 
aca dha fein, chuireadh e gu luath fàilt' orra, 'gan 
aideachadh mar a bhràithrean. Ach, mar rinn 
e roimhe thug a ghliocas buaidh air a thogradh, 
agus cheil e a ghràdh dhoibh gus an tuigeadh e 
ciod an rùn san robh iad a thaobh Bheniamin. 

'Nuair dh' f halbh an luchd a bh' air 'inntinn, 
dh' ionnlaid e na deòir o 'aghaidh, chaidh e chum 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 113 

a dhinnearach le mic 'athar, a shuidh maille ris 
aig a bhòrd a rèir an aois, o Keuben sios gu Ben- 
iamin. Air bhi dhoibh san uidheam so, chuir e 
cuibhrionn a chum gach aoin aca, a' tòiseachadh 
aig Beniamin agus a 'sgur aig Lebhi, nach d'thug 
fhathast aon dearbhadh mu aithreachas. Ach 
bha cuibhrionn Bheniamin a chùig uithir ris na 
thug e do aon neach de chàch, a leigeil dha 
f haicinn gu'n d'fhuair e caraid ann an àrd-uach- 
daran na h-Eiphit. Mar sin dh' ith agus dh' òl 
iad gus an robh iad subhach na f hianuis. 

Ach a chum an gràdh do Bheniamin a dhearbh- 
adh, chuir e roimhe gu'n glacadh e e mar 
chiontach, a dh' fhaicinn ciod an drùghadh a 
dheanadh e orra. Chum sin a dheanamh thug e 
àithne d'a sheirbhiseach ag ràdh, cha 'n 'eil 
mi f hathast cuibhte 'sna daoinibh sin ; 's eiginn 
duit mo chòmhnadh ann an ìnnleachd a dhealbh 
mi chum deuchainn is tinne a chur orra. Theirig 
agus lìon an saic le sìol, agus cuir airgiod gach 
fir na shac, agus cuir an cupan airgid so 
agamsa 'm beul saic an fhir is òige maille ri 
airgiod a shìl. Ach dean fein e, chum nach bi 
fios aig aon neach air ach agads' agus agamsa. 

Cha d'imich iad fad air an turus, mu'n d' àithn 
e do riaghl'ear a thaighe cuideachd de eachaibh 
lughor a ghabhail, an leantuinn, a bhraid a chur 
as an leth, agus an toirt air ais chum an àrd 
uachdarain. Bu mhòr an ìoghnadh 'nuair dh' 
amhairc iad nan dèigh 's a chunnaic iad cuid- 
eachd de mharcshluagh fo 'n armaibh gu dian 
air an tòir. Stad iad le 'n asailibh, agus dh' 
fhiosraich iad m' an chion-fàth. An ann mar 
so, a deir an ceannard, a bheir sibh coleas- 

H 



114 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

achadh an èirig caoimhneis mo thighearna ? Nach 
b'urrainn duibh co'roinn a ghabhail d'a bhia- 
tachd gun chuibhrionn de shoithichean airgid a 
ghoid ? Thug sibh libh cupan mo thighearna, 
an cupa leis an dean e fàisneachd, agus as am 
bi e 'g òl. Is olc a fhuaradh sibh, olc a dhìoladh 
'an èirig math. 

'S mòr m' ìoghnadh, arsa Iudah, ri leithid de 
chainnt a chluinntinn o bheul mo thighearna. 
Nior leige Dia gu'm biodh a h-aon de shliochd 
Israeil ciontach de ghniomh cho gràneil. Smaoin- 
tich cia co mi-choltach 's a tha e gu 'n goid- 
amaid cupan do thighearna. 'Nuair a chaidh 
ar n-airgiod a chur air ais 'n ar sacaibh gu'n 
fhios duinn thug sinn air ais e o thìr Chanaain. 
Nam biomaid toileach eucoir a dheanamh, b' 
fhurasda dhuinn a ghleidheadh dhuinn fein. 
Cionnas, mata, a ghoideamaid o d' mhaighstir 
airgiod no òr ? Ach 's e do bheatha gu 'r rann- 
sachadh, agus thu fein a thoileachadh ; agus ma 
gheibhear againne e, cuirear esan aig am faigh- 
ear e gu bàs, agus bithidh a chuid eile dhinn deòn- 
ach a bhi 'n daorsa aig do mhaighstir. 

Biodh a chùis mar sin a deir e, theid esan aig 
am faighear e a ghleidheadh na thràill do m' 
mhaighstir, ach feudaidh càch triall air an turus. 
G-hradh leag iad an saic, agus thòisich seirbhis- 
each Ioseiph air rannsachadh, a'tòiseachadh aig 
sac an fhir bu shine, gus an d'thainig e gu sac 
Bheniamin, as an d'thug e an cupan nam fian- 
uis uile, chum e suas e, agus thuirt e riu, an do 
chuir mi 'n eucoir oirbh a nis ? Ann an anabh- 
arra eu-dòchais reub iad an aodach, luchdaich 
iad an ainmhidhean agus phill iad do 'n bhaile ; 






EACHDRAIDH IOSEIPH. 115 

oir cha rachadh iad dachaidh gun am bràthair 
Beniamin a bhi maille riu. 

Bha Ioseph fathast san talla, a' feitheamh gus 
am pilleadh iad, agus air dha gach danarrachd 
a chur air a choslas, thuirt e, Ciod e so a rinn 
sibh ? An robh sibh am barail nach faighinns' 
a mach 'ur mealltaireachd ? Am math a thig e 
dhuibh mo choimhneas a dhìoladh mar so ? 

Thuit iad uile sios na làthair le 'n aghaidh an 
gu làr, agus labhair Iudah gu h-iriosal mar so 
ris : Mo thruaighe ! mo thighearna, 's diomhain 
duinn ar neo-chiontas a thagradh, do bhrì gu'n 
d'f huaradh an cupan againn ; ged nach cuir Dia 
nan uachdaran as ar leth-ne a chur ann. Cha 'n 
ann as leth so ach as leth sean chionta a tha t- 
òglach a' fulang. Cha 'n i do lamh-sa ach lamh 
Dhe a th' oirnne. Tha sinn ag aideachadh gu 
bheil a bhreitheanais cothromach. Tha sinn a' 
strìochdadh d'a bhinne, agus a' gèilleadh gu bhi 
'nar tràillean an tìr choigrich. G-abh sinn, a 
thighearn, agus dean ruinn ni 's àill leat. Slàn 
leat Israeil, aosda urramaich ! gu'n robh Dia 
Abrahaim 'ga d' chòmhnadh, oir cha'n f haic thu 
do chuid mac tuille am feasd. Cha 'n 'eil 
Ioseph ann, agus tha meirle air a cur as leth 
Bheniamin, agus chuir a chuid eile do d' mhic 
rompa nach fàgadh iad e na airc. Cha ghiùlain 
e cionta a bhràithrean na aonar. Bean- 
nachd leibh a mhnathan gràdhach, agus a chlann 
bheag chridhe, cha mhothaich sibh tuille fàilte 
chridheil ur cuid fear no ur n-àithrichean ! A 
Ioseiph chaoimh ! cha d'èigh fuil Abeil riamh 
ni b'àirde arson dioghaltais, na tha t-fhuilsa a' 
deanamh ! Thuit Er agus Onan cheana mar 



116 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

chobhartach chum do dhìoladh. Agus a nis 
tha uile shliochd Iacoib air an iarraidh. A 
Bheniamin neo-chiontaich, c'arson a dh' fhuil- 
ingeadh esan maille r'a bhràithribb ciontach ? 
Le so a ràdh, thainig stad air a chainnt le meud a 
bhroin, agus bhrùchd e, mach le tuireadh cràit- 
each ; agus thuirt e, na cum sinn an teagamh, 
a thighearn, oir tha sinn deas chum a chuid a's 
measa a choinneachadh. 

Nior leige Dia gu'n deanainn eucoir oirbh, 
arsa Ioseph, aon chuid nar cur gu bàs, no idir 
'nar gleidheadh uile fo dhaorsa. Cha bhi ach 
esan aig an d'fhuaradh an cupan buailteach do 
pheanas. Arson chàich rachadh iad dachaidh 
gu tigh an athar ann an sìth ; agus thigibh agus 
deanaibh ceannachd san tìr mar f hreagras duibh. 
Tha reachd cothromach ann is còir a thoirt 
fainear leis gach neach ann an ùghdarras ; 'se 
sin gun an ciontach a leigeil as saor, no idir 
peanas a dheanamh air an neo-chiontach, cia air 
bith co dlù an daimh 's a bhios e air a chiontach. 
Tba eagal Dè orm. 'Se a reachd mo riaghailt- 
sa ; tha e ceadachadh dhomh peanas a dheanamh 
air a' chiontach, ge b' e àit am faighear e ; ach tha e 
bacadh dhomh f òirneart a dheanamh air an neo- 
chiontach. Tha sibhse, a dheichnear air chomas 
bhur coise ; 's ann a mhàin ris a' chiontach a tha 
mo ghnothach-sa. 

Mo thruaighe ! a bhràthair Bheniamin, a deir 
Lebhi, an ann mar so a thainig gach deadh bhar- 
ail a bh' agad m'an àrd-uachdaran ? Cionnas a 
bha do chridhe gun ghò air a mhealladh ? ! 
mo bhràthair, cia meallta bha do bhruadar, leis 
an do shaoil thu gu'n do chuir fàilte chairdeil 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 117 

an àrd-uachdarain crith-bhlàis air feadh do chuim 
uile ? ! a bhràthair, a bhràthair, cha phill mi 
am feasd do thìr Chanaain as t-eug'ais. 

Thainig Iuda a nis air aghaidh a dh'aslach- 
adh tròchair an uachdarain. Mo chreach ? mo 
thighearna ; caomhain an t-òganach, ar bràthair, 
o chuibhrich, o phriosan, agus o bhàs. Mur 
bithe cionta a bhràithrean, dh' fhaoidte fìuth 
air a bhi ri nithibh a b' fhearr. Dh' fhaoidte 
mòran a ràdh 'an lethsgeul ar bràthar. Tha e 
òg gun fhiosrachadh, agus cha 'n fhac e ach 
beag de'n t-saoghal. Bha a ghiùlan san àm a 
chaidh seachad neo-lochdach ; agus cha tric le 
uachdarain thròcaireach peanas goirt a dhean- 
amh air a' cheud choire. Dh' fhaoidte a ràdh 
na aobhar, nach robh 'n gille a làthair 'nuair a 
chaidh na soireachan a lìonadh ; agus theagamh 
gu'n deach' an cupan a chur ann gun fhìos da. 
Gidheadh tha chùis, do brìgh coslais, na agh- 
aidh, cha'n 'eil sinn a' tagradh chum sinn fein 
a shaoradh, ach tha sin 'gar fàgail an taice ri 
iochd an àrd-uachdarain. G-e nach fàgar a 
chiont' ach air aon 's èiginn gun tuit am peanas 
air an ìomlan. Tha na tha'n dàn duinne air a 
thuaimleadh na chor-san. Ceadaich dhomh a 
ràdh, oir tha mi nis a' labhairt arson beatha no 
bàis, gur i tròcair a' bhuaidh a's àirde san Diadh 
achd, agus uime sin, uaill phrionnsachan agus 
uachdaran ; 's ann a mhàin air tràillean agus 
daoine nach fìù a tha fearg agus dioghaltas 
iomchuidh. Thug sinne sinn fein thairis do d' 
mhòrachd, agus air leam nach b' ann gu cliù 
no urram na h-Eiphit, gu'n cuireadh a h-àrd 
uachdaran àireamh dhaoine gu dì a tha toileach 



118 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

a bhi fo f hiachaibh g'a thròcair arson am beatha. 
Rinn thu roimhe so f òir oirnn, 'n uair as eug'ais, 
a b' èiginn duinn bàsachadh le gorta : gu ma 
deònach leat an tròcair cheudna a ghnàthachadh 
ann am buileachadh saor mhaitheanas orrasan a 
tha toileach a bhi air am meas ciontach. Ciod 
nam b' ann a dh' fhuilingeadh Dia ar n-aith- 
riche, a tha ghliocas do-rannsachaidh, agus a 
bhreitheanais nan doimhneachd mhòr, do d' 
òglaich tuiteam san airc mhòir so, chum an tuille 
cothrom a thoirt do d' mhòrachd air do dheadh- 
bheus a nochdadh. Nochdaidh e gun teagamli 
deadh rùn ann am thighearna, 'nuair ghabhas e 
tlachd ann am buileachadh beatha agus tròcair, 
a roghainn air dioghaltas teann a chur an gniomh 
arson dochair a rinneadh air fein. 

Tuigeadh mo thighearna, nach ann m'ar beatha 
agus m'ar tèaruinteachd fein a tha sinn co ioma- 
guineach. Cha 'n ann, chaill beatha a tlachd 
a's àirde, o na h-uiread sgainnil a thoirt air 
Israel. Ach 's ann arson caomh iochd ri'r deadh 
athair aosda a tha chean' air 'aomadh sios le 
cruaidh-fhortain. Agus bheir call a chloinne 
'fhalt liath urramach sios le bròn chum na 
h-uaighe. Tha deadh fhios agam, a thighearna, 
ciod a tha mi 'g ràdh. Mhothaich mi cràdh cridhe 
athar le call obann mo dhà mhic fein. Chunn- 
aic mi bròn anabarrach m' athar arson call a 
mhic Ioseiph. Agus ma chailleas e Beniamin, 
anns a bheil a bheatha ceangailte, 's furasd' a 
smaointeachadh ciod a leanas. Theagamh gi? 
bheil aig mho thighearna athair aosmhor beo. 
Abair gu bheil e mar tha ar n-athair-ne, agus 
biodh a cheann liath na fhear-tagraidh as leth 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 119 

òganaich neo shona, a tha 'm beatha ann ad 
làimh. Tha mic agad fein, a thighearna. 
d' chaomh bhàigh dhoibhsan, smaointich air ni's 
èiginn d'arr n-athair-ne a mhothachadh arson 
call a chuid cloinne. Tha ni-èiginn caomhail 
ann an ainm athar, uime sin thagh an Ti a's 
àirde e, mar aon de na h-ainme càirdeil, leis a 
bheil e 'ga f hoillseachadh fein d'a shluagh, agus 
leis an deòin leis iad a labhairt ris. Ath-dhìol- 
aidh Dia, t-athair nèamhaidh, dhuitse gach 
caoimhneas a nochdas tusa do'n ghille so, agus 
dhuinne annsan. Guidheam, a thighearna, leis 
gach ni tha caomhail agus caidreach, leis gach 
ni tha taitneach ann am ball co'chomuinn, agus 
leis na comaine is càirdeala fo bheil sinn do 
Athair nan uile thròcair, gu'n caomhain thu'n 
t-òganach chum e bhi na cho'f hurtachd d'a athair 
aosmhor. 

Thainig mise fo fhiachaibh gu'n liubhairinn 
d'a athair e a rìs, agus cha phill mi as eug'ais. 
Ma tha e ri bàs fhulang, fuilingidh mise na 
ionad. No ma's i daorsa a bhinne, theid mise na 
ionad. Tha bàs agus daorsa co'ionann leam. Le 
mi ràdh so cha 'n 'eil mi ach a' labhairt dùrachd 
mo bhràithrean uile, oir tha iad socraichte air 
seasamh no tuiteam maille ri Beniamin. 

Le so a ràdh, shleuchd e sìos aig casaibh an 
uachdarain, agus càch uile mar an ceudna, ann 
an co'eadar-ghuidhe arson am bràthar bochd. Ach 
do bhrì coslais, cha diongadh e a bheag. 

Thuirt Beniamin le ciùineachd thaitneach, agus 
le gràdh bràthaireil, Mo bhràithre, ma tha iochd 
agutf truacantas an an-fhios do chridhe an àrd- 
uachdarain, cha 'n eagal leam ni's urrainn e a 



120 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

dheanamh orm. Cha 'n 'eil ann ach dol gu bàs, 
agus cha chomas da fein a sheachnadh. Ach 
fanaibhse beo, mo bhràithre; air sgàth Israeil 
gabhaibh ris a bheatha a tha 'nar tairgse. Bithidh 
e na chàil-eiginn de thoileachadh d'ar deadh athaii 
gu bheil a Bheniamin saor o'n chiont arson am 
fuiling e. Aithriseam a rìs m'iarrtas, mo bhràithr- 
ean, oir cha 'n 'eil am bàs na eagal orm. 

Le strìgh mhòr chum Ioseph air fein gun an 
luchd a bh' air a chridhe a bhrùchdadh a mach 
agus le càileiginn de smachd dh' àithn e do'n 
fhreiceadan breth air a phriosanach. 

Leum Simeon agus Lebhi o'n ionad san robh 
iad, tharruing iad an claidhean, agus ghrad sheas 
iad eadar na maoir agus Beniamin, agus le frionas 
mòr thuirt iad, Ma chuirear Beniamin gu bàs, 
cha bhàsaich e na aonar no gun dìoladh. Dhòirt 
na claidhean so fuil nan ceudan roimhe so, agus 
cuiridh iad f hathast na ceudan gu bàs mun dòir- 
tear gu neo-thoilltinneach fuil Bheniamin. Cha 
dòirt sliochd Haim fuil nan Eabhruidheach gun 
dìoladh. M'as bàs duinn reiceamaid ar beatha 
co daor 's a dh'f heudas sinn. 

Cumaibh air ur lamhan as gach taobh ! a deir 
Ioseph, is leòir e, rachadh gach neach a mach ach 
an t-aon-bhrathair-deug, agus chaidh iad uile a 
mach. Na aonar maille r'a bhràithribh, thuirt e, 
Dhearbh mi 'ur cruadal mo bhràithre, agus tha 
aiteas orm 'f haicinn. Is mise Ioseph, ur bràthair 
fein, Ioseph. Agus shil a dheòir gu frasach air 
muineil Bheniamin, agus ghuil e gu h-àrd, ionnas 
gu'n cuala na h-Eiphitich e. Sheas a bhràithr- 
ean fo'n ìoghnadh bu mhò, agus bha amhluadh 
air gnùis gach fir. Thug sealla d'am bràthair air 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 121 

an d'rinn iad dochair, an cionta na uile dhuaich- 
neachd gu'n cuimhne. Cha robd a dhànadas acn 
na thigeadh dlù dha, ged a bha iad aoibhneach 
gu'n robh e beo. 

Chuir e f àilte chridheil orra a lìon fear agus fear, 
agus gu sònruichte thuirt e ri Simeon agus Lebhi 
gu'n d'thug an cruadal duineil a nochd iad 'an 
aobhar am bràthar Beniamin, air falbh gu tur an 
diumb a bh' aige dhoibh arson an giùlan mhi- 
chneasta dha fein. 

'Nuair a thraogh an othail air gach taobh, 's a 
bha iad nan suidhe ann an talla Ioseiph, labhair 
e riu air an dòigh so. 

Mo bhràithrean gaolach, cha 'n 'eil e'm chom 
as an toil-inntinn a thug ur spèis do Bheniamin 
an diugh, 'ainmeachadh. Tha deadh f hios agaibh 
nach b' ann gun chion-f àth a bha amharus agam 
mu'r gràdh do shliochd Eacheil. Chum dearbh- 
adh a thoirt domh sa chùis so, dhealbh mi 'n 
t-innleachd leis an do nochd ur deadh bheus e 
fein gu gaisgeil. A Keubein, is airidh thu air 
mo thaing a's mò, arson a chaoimhneis a nochd 
thu dhomh aig Dotan ; ach cha b' f heairde sinn 
an diugh nan soirbhicheadh le d' rùn : Am feadh 
a bha sealladh agamsa o neamh a nochd dhomh 
toil De, mu m' thimchioll fein, agus a dh' aom 
mi chum aontachadh leis na bha 'n dàn tachairt 
domh. Air leam nach 'eil gnùis Shimeoin agus 
Lebhi saor o chàileiginn de eagal. mo bhràithre, 
fògraibh uaibh gach iomaguin. Bu mheasa mi 
na ana-creideach, mar daighnicheadh ur seirc 
dhuineil an diugh do Beniamin, sibh ann am 
mheas. Seadh, mo bhràithre, cuiridh mi mòr 
earbs' à treubhantas gaisgeil Shimeoin agus Lebhi. 



122 LACHDRAIDH IOSEIPH. 

Chunnaic mi na h-uiread de laimh Dhe ann am 
ghnothaichibh, 's gu'n do chaill mi sealladh air 
dara aobhair ; no gur mòid mo ghràdh dhoibh, a 
chionn gu bheil mi fiosrach gu'm bi agartas goirt 
an co'-lorg droch rùin. Tha mi'g aideachadh 
gun amharus, gu'n robh 'ur rùn olc san àm, ach 
bha rùn Dhe math. Agus bhithinn ro chiontach 
an làthair Dhe, mar bithinn làn toilichte leis na 
meadhona a ghnàthaich e chum mis' àrdachadh. 

Gu deimhin, mo bhràithre, tha gach dochair a 
chaicih seachad, leamsa, mar nach biodh iad idir 
ann ; agus tha aoibhneas orm f haicinn gu bheil 
spiorad Abrahaim, Isaaic, agus Iacoib, gu soilleir 
ri fhaicinn na shliochd. Olamaid gu cridheil 
deoch-dhì-chuimhn' do gach droch ni a chaidh 
seachad. Agus a nis, mo bhràithre, tha sibh a' 
faicinn na rinn Dia, ach theagamh nach 'eil sibh 
f hathast fiosrach air an aobhar. Tha mis an so 
air m' àrdachadh gu inbhe agus urram san 
Eiphit ; cha'n ann air mo shon fein, ach air bhur 
sonsa, agus air son tighe m' athar, chum moràn 
sluaigh a ghleidheadh beo. Tha dà bhliadhna 
do'n ghainne air dol thairis. Cha d'èirich an 
abhain an uraidh mar dhà-throidh-dheug g'a 
h-àirde ghnàthaichte ; agus am bliadhna tha i 
ochd-troidhe-deug fodha. Tha cùig bliadhn' eile 
ri teachd anns nach bi aon chuid cur no buain. 
Air do'n chùis a bhi mar so feumaidh sibh 
strìochdadh do'n ni' tha orduichte ; agus feudaidh 
sibh f haicinn gu'n d'aom Dia ur droch rùn chum 
leas Israeil a chur air aghaidh. An dèigh dhuibh 
fois a ghabhail car latha no dhà maille riumsa, 
thèid sibh dhachaidh a dh'ionnsuidh Iacoib, m' 
athair, agus innsibh dha gach ni a rinn Dia air 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 123 

mo shon an tir na h-Eiphit. Mar rinn e mi mar 
athair do Pharaoh, agus a'm' uachdaran air au 
rioghachd uile. Innisibh dha gu bheil mi toirt 
cuire do thigh Israeil uile iad a thighinn a dh'- 
f huireach san Eiphit, gus am bi a' ghorta thairis. 
Agus feuch, cuiridh mi libhse carbadan eutrom 
a dh' iomchar m' athar, 'ur mnathan, agus 'ur 
clann bheag, chum an toirt a nuas do'n Eiphit. 

Mu'n àm so bha fìos ann an tigh Ioseiph gu'n 
robh a bhràithre air teachd ; chaidh'n teachdair- 
eachd o aon gu aon air an t-sràid mar dhealanach, 
gus an cual' am baile uile e. Bha aiteas mòr air 
muinntir a' bhaile, 's a chum am meas a bh' ac' 
air an àrd-uachdaran a nochdadh chuir iad suas 
tein-èibhin anns gach sràid, bheum iad na cluig, 
agus ghnàthaich iad gach àbhachd a bha san àm 
sin aithnichte. Bha gàirdeachas air Pharaoh 
fein 'nuair a chual' e gu'n d'thainig bràithrean 
Ioseiph do Mhemphis. 

Dh'àithn Ioseph a nis Manaseh agus Ephraim 
a thoirt d'a ionnsuidh, agus chuir e 'n làthair a 
bhràithrean iad ; agus bha aiteas mòr air Asenat 
arson i dh'f haighinn a choi'lion bràthair tlachd- 
mhor. Thug Pharaoh àithne do Ioseph e chur 
lòn agus carbadan iomchuidh chum Iacob, agus 
a theaghlach a thoirt a nuas, agus cuireadli a 
thoirt dhà o'n righ fein, agus dearbh-chinnt a 
thoirt dhà gu'm faigheadh e dion agus-teachd- 
an-tìr am feadh 's a mhaireadh a' ghorta. Einn 
an righ gu glic air an dòigh so, chum nach biodh 
cuir-iomachuir aig aon neach farmadach ri Ioseph, 
arson aon chaoimhneas a rachadh a nochdadh 
do theaghlach Israeil. 

Air dhoibh dà là a chur seachad gu sòghail 



124 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

maille ri Ioseph, 's a chunnaic iad gach ni ion- 
gantach agus luachmhor 'am baile mòr na riogh- 
achd, chuir e air falbh iad, an dèigh dha comh- 
airle chairdeil a thoirt doibh. 

An dèigh na suipearach, an oidhche mu'n 
d'f halbh iad air an turus, thuirt Ioseph riu, Mo 
bhràithre gaolach, tha sibh a nis a' dol a dh' 
ionnsuidh an athar is fearr agus a's urramaiche, 
gu naidheachd gu'n d'fhuaradh a mhac, a bha 
co fad' air chall innse dha. Bithidh sibh faic- 
illeach, tha dòchas agam, mar leigeas sibh ris 
da a' chùis ; air eagal gu'm bi sgeula mo bheatha 
cho docharach dha 's a bha sgeula mo bhàis 
roimhe so. Deanaibh e le cùram a chuid 's a 
chuid. Math a dh'fhaoidhte gur èiginn duibh 
an fhìrinn uile mu thimchioll ur ceud oidheirp 
a'm' aghaidh-sa innse dha, chum a shoilleireach- 
adh dha mar tha mi fhathast beo. Ach, a 
bhràithre, na bithibh a' cuir-iomachuir air a 
cheile : cuimhnichibh gur h ann o Dhia a thainig 
e. Tha co'-mhothachadh agam leatsa, a bhrà- 
thair Iudaih, fo throm challdach do dhà mhic. 
Ach tha mi roi'fhaicinn gu'n bi Iudah àrd ann 
an tigh 'athar, agus is ann o do shliochdsa a thig 
iad a tha ri riaghladh. Dì-chuimhnichibh gu 
tur na nithe a dh'f halbh, agus bithibh gu càirdeil 
caidreach mu chèile. Am feadh 'sa bhios sibh 
a dh'aon rùn, mar bha sibh gu duineil, an latha- 
roimhe, an aobhar mo bhràthar Beniamin, cha 
d'thoir cumhachd air thalamh buaidh oirbh ; ach 
mar bi sibh aon-sgeulach, bithidh e so-dheanta 
buaidh a thoirt oirbh. 

Tha sibh ri imeachd am màireach : ach cha 
tèid sibh air falbh falamh. Gu ma deònach 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 126 

leibh so a ghabhail, mar chomharradh beag air 
mo spèis do chloinn m' athar. Le so a ràdh thug 
a do gach fear aca dorlach mòr airgid agus 
culaidhean aodaich, ach thug e a thri uiread do 
Bheniamin 's a thug e do aon f hear eile : luchd- 
aich e mar an ceudna deich asailean, leis na 
nithibh a b' fhearr san Eiphit, mar thiodhlac 
d'a athair ; agus deich eile le biadh fallain agus 
sòghmhor a bhiodh ac' air an t-slighe. An sin 
bheannaich e iad, ghabh e 'chead diubh, agus 
dh'fhàg e iad a dhol far an robh Asenat, a 
chèilidh gràdhach, a dh'innseadh an iomlain di. 



AN T-OOHDAMH EAEKANN. 

Bha 'm priomh athair urramach, mi-f hoighid- 
neach mu theachd air ais a chuid mac, agus 
iomaguineach mu Bheniamin, na sheasamh air 
uchdan àrd dlù air 'ionad comhnuidh, le shùil 
gu furachair air an rathad do'n Eiphit : 'nuair 
a chunnaic e a mhic fad as, ruidh e co luath 'sa 
leigeadh a neart leis, nan cò'dhail a chur fàilt 
orra. Smaointich e 'na chridhe, an d'f huair mo 
mhic deadh-ghean o àrd-uachdaran na h-Eiphit, 
gu 'n d'thainig iad co luath agus co tearuinte 
air an ais. G-u ma beannaichte gu'n robh Dia 
m'aithriche, a chuir co sàbhailte dhachaidh 
sibh. Agus gu ma beannaichte gu'n robh 'n 
duine, uachdaran na tìre, a bhuin gu sèimh ri 
Beniamin maoth. 'S ann mar so a labhair e 
mach taingealachd a chridhe, am feadh a bha a 
chuid mac a' teachd am fagus, agus a' fuasgladh 



126 EACHDRAIDH IOBEIPH. 

an cuid asail. G-u faicilleach dh' fhàg iad na 
carbadan as an t-sealladh, fo riaghladh àraidh, 
chum gu'm bu lughaid ìoghnadh an athar, gus 
an innseadh iad gu fòill an ait-theachdaireachd 
na chluasaibh aosda. 'Nuair a ràinig gach ni, 
an sprèidh, na seirbhisich agus an lòn nan àite 
iomchuidh, gus an d'thigeadh àm freagarrach, 
thainig a mhic am fìanuis an athar urramaich, 
chum, maille ris-san gu'n d'thugadh iad suas 
ìobairt bhuidheachais do 'n Dia sin a thug o'n 
tigh iad ann an sìth, agus dhachaidh gu 
tearuinte ; oir o shean bu mhiann leis a ghineil 
chràbhach Dia aideachadh anns gach sochair. 
'Nuair a chrìochnaich iad an aoradh diadhaidh. 
's a chaidh deatach na tùise suas maille ri taing 
ealachd agus aoradh iriosal, chruinnich am 
priomh-athair a theaghlach uile, eadar mhic, 
nigheana, agus odhachan, agus le mòran seirc 
chuir e fàilt a rithist orra ; agus dh'f hiosraich e 
dhiubh ciod a thachair dhoibh o chaidh iad sios 
do'n Eiphit. A Iudaih, a deir e, chaidh thus' 
an urras arson do bhràthar Beniamin ; innis 
domh, a mhic, cionnas a choi'lion thu do 
ghealladh ? 

Athair, arsa Iudah, 's ann le taitneachd a 
dh'fheudas mi innse dhuit gu'n robh againn 
turus tearuinte agus sòlasach ; agus co luath 'sa 
ràinig sinn, chaidh ar toirt am fianuis an uachd- 
arain, a thuig sinn a bhi na dhuine tuigseach 
agus daonnachdail, comasach air thruaige a 
cho'chreutairean a mhothachadh. Co luath 's 
a thuig e gu'n do choi'lion sinn ar cuidne de'n 
chùmhnanta, dh'òrduich e ar bràthair Simeon a 
bhi air a liubhairt duinn. Dh'fhiosraich e gu 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 127 

caoimhneil mu thimchioll ar slainte o'n chunnaio 
e roimhe sinn ; gu sònruichte mu thiomchioll 
ar n-athar aosmhoir, ar mnathan agus ar sliochd ; 
'an aon fhacal, air leinn gu'n robh na h-uiread 
chùram aige dhinn 's ged a b'e ar bràthair e. 
Cha'n urrainn duit a smaointeachadh an tlachd 
leis an d'amhairc e oirnn, agus an fhàilt a 
chuir e air ar bràthair Beniamin. Cha 'n e 
mhàin gu'n d'thug e airgiod ar sìl duinn air ais, 
ach bu deònach leis am barrachd airgid agus 
culaidh aodaich a thoirt do gach fear againn, 
agus do Bheniamin thug e tri cheud bonn 
airgid agus cùig culaidhean rìomhach, osbari 
air gibhte luachmhor dhuitse, a nochdas sinn 
duit sa mhadainn am màireach. 

Gu ma beannaichte gu'n robh an Tighearna 
Dia ! arsa Iacob, a thug dhuibh na h-uiread de 
dheadh-ghean an sùilibh an duine. Agus 
gu'n robh gach caoimhneas a bhuilich e oirbhse, 
a mhaca, air an ath-dhìoladh dha a dheicb 
uiread, le Dia cumhachdach Iacoib ! Bu bheag 
m' aobhar eagail umads' a Bheniamin ! Bha mo 
chridhe air chrith gu'n èireadh dochann duit a 
mhic ! agus bha mi am barail nach robh mi 
comasach air do chall fhulang. Ach tha fìos 
agaibh, a chlann, gu'n robh calldach Ioseiph 'ga 
m' dheanamh ni bu ghioragaiche, na theagamh 
a bhithinn. Bha gràdh agam air arson a mhà- 
thar ; chunnaic mi mòran taitneachd ann, agus 
air leam gu'n robh mi faicinn spiorad fàisneachd 
sna bruadair a dh'aithris e dhuinn. G-idheadh 
an dèigh nan nithe sin uile, chaidh Ioseph a 
reubadh as a chèile. 

Cha deachaidh, athair, a deir Simeon, Ioseph 



128 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

a reubadh as a chèile. Buinidh e dhomhs' a nis 
riin-diomhair na h-aingidheachd fhoillseachadh, 
nach b'urrainn Israel smaointeachadh gu'm 
biodh a mhic ciontach dheth. Chuir a bhruad- 
air, athair, mosgladh f odhainn ; agus thuig sinn 
nam maireadh e ann an tìr Chanaain, gu'm bio- 
maid fo 'smachd, chuir sinn romhainn a mharbh 
adh. B'e so ar ceud rùn, oir tha mi nis co 
mothachail m'an olc 's nach iarr mi a lughdach- 
adh. Sheas Keuben a mhàin an aghaidh a 
ghniomh ghràineil, agus leis a sin chuir e e fein 
an cunnart ar corruich. G-idheadh bha ar n- 
oidheirp air a bacadh, agus an ionad a chur gu 
bàs, reic sinn e ri ceannaichean Midianach. 
B'e chòt' a bhi air a thumadh ann am fuil, inn- 
leachd a thùr sin chum ar ciont a chleth. Och ! 
athair, na h-agair do mhic, oir 's daor a dhìol 
sinn e. Dh'oibrich ar ciont an t-agartas coguis 
is cràitiche ; agus cha 'n urra dhuinn gruaim ar 
n-athar fhulang. Ach cha 'n 'eil Ioseph ann, 
a Shimeoin, a deir Iacob, — Tha Ioseph am dhi, 
agus ciod an coi'leasachadh is urrainn duibh 
a dheanamh dhomh ? G-e nach do reubadh as a 
chèile e mar shaoil mi, feudaidh e bhi 'n ciom- 
achas ann an tìr eiginn fad as, far nach faic 
mise gu bràth e. Cha 'n 'eil e, a deir Iudah, na 
phrìosanach ; chunnaic sinn e, dh'f hàiltich sinne 
e, agus bha sinn a' cainnt ris. 'S esan a tha na 
àrd-uachdaran air iompaireachd na h-Eiphit 
uile. Och ! ciod a tha thu ag innse dhomh ? a 
dieir am priomh-athair, 's e tuiteam sios na ionad 
suidhe. 'Nuair a bheothaich e beagan thuirt e, 
A' bheil Ioseph beo ? Am feud e bhith ? Ma 
tha e beo, ! gu'm faighinn aon uair a' m' ghlac- 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 129 

aibh aosda e. Tha e beo ! 'athair, a deir Ben- 
iamin. Tha Ioseph mo bràthair beo ! Phòg 
mi e. G-huil e air mo mhuineal, agus ghuil mis 
airsan ; agus chuir e leamsa cuireadh a d' ionn- 
suidh thu dhol agus còmhnuidh a ghabhail 
maille ris san Eiphit gus an tig crìoch air a' 
ghorta, a mhaireas cùig bliadhna fathast. 

a Bheniamin, ciod a tha thu 'g ràdh ? A 
bheil thu cinnteach gur h-i 'n fhìrinn a chanadh 
leat ? Chunnaic mi a chòta ioma-dathach, reubta 
as a chèile, air 'eabradh na fhuil. Cionnas a tha 
e f hathast beo ? Cuimhnich, athair, na thuirt 
Simeon an ceart uair, gu'n do mharbh iad meann 
òg, gu'n do thum iad an còta anns an fhuil agus 
gu'n do liubhair iad dhuitse e. Tha Ioseph beo, 
agus tha e na àrd riaghl'ear air tìr na h-Eiphit 
uile. Osbàrr chuir e carbadan chum thu fein 
agus gach ni a bhuineas dut a ghiùlan sios do'n 
Eiphit ; oir dh'innis e dhuinn gu bheil cùig 
bliadhna gorta fathast ri teachd, anns nach bi 
aon chuid cur no buain. 

Tha mi taingeil arson gu bheil e beo, a deir 
Iacob, cha 'n 'eil umhaill agam d'a mhòr-chuis. 
Ach 's leoir e gu bheil e beo. Builichidh mi 
am beagan a tha romham de m' bheatha a dhol air 
thurus a chur fàilt air mho mhac. 'S mòr a 
chaoidh a rin mi air do shon, a mhic ! Ach, 
mo Dhia ! ceadaich dhomh ach a mhàin iathadh 
ann am ghlacaibh, agus grad dhi-chuimhnichidh 
mi gach cumhadh agus bròn a rin mi as a leth. 
Thèid, a Ioseph, mi ga d' f haicinn ! Tha Israel 
a' dol a chromadh sios air a mhuineal-san a 
sgaradh o a bràithribh. Deanaibh deas, a 
chlann, chum gu'm falbh sin gun dàil. Tha 

i 



130 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

snàthain mo bheatha dlù air ruith a mach. 'S 
èiginn na ni mi a dheanamh gu grad, mu'n glac 
am bàs mi. 

Ach, a chlann ! tha eagal orm gabhail ri 
cuire Ioseiph air 'ur sonsa agus air son 'ur cuid 
cloinne. Ciod an t-aobhar a th' agad na aghaidh ? 
a deir Keuben. Tha pailteas ann an tir na h- 
Eiphit. Tha sìol, fion, agus oladh, air an tasgadh 
suas le cùram freasdalach Ioseiph. 'Se'm pail- 
teas sin roi' bheil m' eagal, a mhic ; agus gu'm 
f'eud e bhi co cronail d'ar beusaibh 'sa bhiodh a 
ghorta d'ar teaghlaichibh. Ciod nan deanadh am 
pailteas coirce agus feòla a tha 'n sin a thoirt air 
mo shliochd socrachadh san tìr choigrich sin, agus 
cur an aghaidh rùn an Tighearna, le 'r cur 'an 
seilbh air tìr Chanaain. 'S ann a tha m' eagal 
d'ar taobhsa, a chlann. Tha sibhs' òg, agus 
comasach air toileachadh saoghalt' a mhealtainn. 
Nan rachainnse a'm' aonar a dh'fhaicinn mo 
mhic, bhiodh an cunnart ni bu lugha, leis mar tha 
mi aosmhor, neo-chomasach air toil-inntinn a 
shealbhachadh. Ach cha robh Iacob na urrainn 
cur an aghaidh dian-earail a chuid cloinne, gu 
h-àraidh Beniamin, a thagair gu dùrachdach 
gu'm feudadh e dol ann, agus a chuid eile d'a 
làithibh a chaitheamh dlù air a bhràthair Ioseph. 

Eo mhath, a chlann, thèid mise libh, ach tha 
mi 'g asluchadh oirbh air an ainm is àirde, nach 
smaointich sibh air tuineachadh, san Eiphit, no 
sibh fein a cho'mheasgadh maille ri gineil Haim. 

Dh' èirich e gu moch air an là màireach, e 
fein, a mhic, mnài a mhac, agus an clann, agus 
dh'imich iad o choimhearsnachd Shaleim, air 
dhoibh air tùs ìobairt mhaidne thoirt suas air 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 131 

an altair El-elohe-Israel, agus ràinig iad air an 
là sin tobar-nam-mionn, far an do sgaoil e a 
bhùth, agus ghabh e mu thàmh an òi'che sin anns 
an doire a shuidhich Abraham, agus far am bu 
ghnà leis ùrnuighean maidne agus feasgair a 
thoirt suas do'n Tighearn a Dhia. An sin thug 
Iacob, maille r'a theaghlach suas ìobairtean do'n 
Dia is ro àirde. Agus feuch ! ann an dara faire 
na h-oi'che, bha pobull Israeil air a shoillseachadh 
le solus mòr neamhaidh, gu mòr ni bu shoilleire 
na ghrian aig àird a mheadhon là ; agus chual e 
guth nach robh 'na aineol air, ag ràdh, A Iacoib, 
a Iacoib. Fhreagair athair an t-sliochd thaghta. 
Tha mi 'n so ! Labhair a Thighearna, tha t-òglach 
a 'cluinntinn. Fhreagair an guth, Na biodh eagal 
ort, a Iacoib, oir is mise do Dhia, Dia t-aithriche 
Abrahaim agus Isaaic. Chunnaic mi t-iomaguin 
mu thimchioll do chuid cloinne, agus is taitneach 
leam do chùram diadhaidh mu ghealladh do Dhe. 
Ach, tuig, Iacoib, gur e do Dhia a sgar Ioseph 
o 'bhràithribh chum a dheanamh na athair al- 
truim do thigh Israeil. Thug mi dha urram, 
saibhreas agus cumhachd, ann an tìr na h-Eiphit 
air do shonsa, a Iacoib ; chuni trid-san gun tear- 
uinn mi sluagh mo choi'-cheangail. Na biodh 
eagal ort, uime sin, do shliochd a thoirt sìos do'n 
Eiphit far a' bheil am pailteas. Tarlaidh do 
Dhia, Israeil, riut san ionad sin, oir theid mi 
sìos leat, agus air do sgàth-sa fiosraichidh mi 'n 
Eiphit. An sin ni mi do shliochd lìonmhor, agus 
coilionaidh mi gach ni a labhair mi ri Abraham 
umpa. 'Nuair a ni mi cinneach mòr dhiot, bheir 
mi do ghineil a mach le iongantasaibh agus comh- 
arraibh anns na neamhaibh shuas, agns air an 



132 EACHDRAIDH ÌOSEIPH. 

talamh a bhos; seadh, le laimh chumhachdaich 
sìnte mach saoraidh mi do shliochd. Air do 
shon fein, gheibh thu bàs ann an deadh shean 
aois ann an tìr choigrich ; agus do mhac a chaidh 
'f hògradh uait druididh e do shùilean aig àm do 
bhàis. G-abh, uime sin, ri cuire Ioseiph agus 
theirig sios do'n Eiphit, le làn mhuinghinn à 
làthaireachd agus tearmunn Dia t-aithriche. Le so 
a ràdh, dh'fhalbh an taisbean. Dh'eirich Iacob sa 
mhadainn, agus dh'f halbh e le 'mhic, le nigheana, 
agus le'n cloinn bhig, an sprèidh agus a mhaoin 
uile a bh' ac' ann an tìr Chanaain, agus ghabh 
iad an turus do 'n Eiphit. Thug an sealladh a 
chunnaic Iacob mòr mhisneach dha, agus dh'imich 
e gu sùnndach air a thurus, gus an robh e mu 
leth na slighe, 'nuair a chuir e Iudah agus Naph- 
tali air thoiseach air a dh'innse do Ioseph gu'n 
robh 'athair a' teachd : agus cho luath 'sa chual' 
e sin, thug e leis àireamh mhòr de sheirbhisich 
fhoghluimte ùmhail g'a choinneachadh, agus 
chum an còmhnadh air an t-slighe. Choinnich 
iad a chèile aig baile Heropolis, far an robh 
Ioseph aithnichte mar fhear-teasraiginn na h- 
Eiphit. Bha 'n t-athair agus am mac 'gan neart- 
achadh fa chomhair na coinneamh. Gridheadh 
a dh'-aindeoin na b' urra dhoibh a dheanamh cha 
robh nan comas nàdur a chumail fodha. Thainig 
Ioseph gu h-ùmhal iriosal 'an co'dhail 'athar, thuit 
e aig a chasaibh, chum a bheannachd 'aslachadh ; 
ach leis an othail a bh' air cha robh e 'n comas 
d% facal a ràdh ; bha Iacob toileach air a mhac 
a thogail, ach, air d'a aiteas a bhi co mòr, 's ann 
a thuit e sios r'a thaobh 'sa cheann air ceann 
a mhic, agus bha iad air so rè tamuill gun 



EAOHDRAIDH IOSEIPH. 133 

chainnt, ni a chuir maoim agus clisg air na caird- 
ibh uile, an t-eagal gu'n cuireadh na h-uiread 
ghairdeachais nàdur as a cèill, agus nach mosgladh 
iad tuille ann an tìr nam beo. Fa dheire f huair 
gach cridhe an luchd a bh' air a thaosgadh a mach 
ann an cTeuraibh pailt, a shil an t-athair air a 
mhac, agus am mac air an athair. 'Nuair a f huair 
iad comas labhairt, cha chluinnte ach mo mhac ! 
m' athair ! a mhic ! 'athair ! gus an do thraoigh 
an deòthas. An sin bha'n cridheachan araon air 
am mosgladh suas le aideachadh taingeil mu 
mhaitheas De na fhreasdal cùramach, a bhean- 
naich iad le coinneamh ris nach robh aon uair 
fiuthair aca. 'Nuair a leig 'athair as e, chaidh e 
gu grad a chur failte air mnathan a bhràithrean, 
agus co beadarrach 's a chuir iad furan air a 
chèile ! B'e mo Ioseph ! mo Shuah ! mo Ioseph ! 
mo Thamar ! mo Ioseph ! mo Shilah ! &c. &o. na 
bh' aca ri ràdh. Agus air an dòigh cheudna 
rachadh iad air an aghaidh gu dol fodha na 
grèine mur cuireadh Iudah nan cuimhne gu'm 
b'èiginn doibh triall air an turus. 

Chomhairlich iad gu'n gabhadh Iacob agus a 
chuideachd an turus gu h-athaiseach, mar dh' 
f heudadh iad ; agus gu'n rachadh Ioseph agus 
cuid d'a bhràithribh air an aghaidh gu Memphis, 
chum gu'n innseadh iad do'n righ gu'n robh 'n 
athair a' teachd. Thagh e, uime sin, cùignear 
d'a bhràithribh, agus dh'f halbh iad ; agus co 
luath 'sa ràinig iad, thug e'm fianuis an righ 
iad, a bha ro thoilichte gu'n d'thàinig iad. Ma 
bha'n Eiphit co sealbhar le aon Eabhruidheach 
abhi san rioghachd, nach mòr an tairbhe a shruth- 
as o theaghlach Israeil uile a bhi nar measg ? Giod 



134 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

is ceaird duibh, mo chàirde, a deir an figh. 
Fhreagair Ioseph air an son, Le cead do mhòr- 
achd, is buachaillean mo bhràithre. 'S ann mu 
thimchioll sprèidhe a bha iad o aois an òige. 
Smaointich Ioseph gu'm b'f hearr dha fein freag- 
radh air an son, chum gu'm faigheadh e'n cur 
gu còmhnuidh ghabhail ann an Gosen, maille 
r'an athair, air leth o na h-Eiphitich ; agus chum 
nach gnàthaicheadh Pharaoh iad ann an dreuchd- 
aibh riaghlaidh, chum mì-thlachd a chur air na 
h-Eiphitich. 

An sin a Ioseiph, a deir an righ, m'as buach- 
aillean do bhràithre, bu mhath leam gu'n soc- 
raicheadh tu iad far am faigheadh iad pailteas 
feòir d'an cuid sprèidhe. Ciod i do bharail mu 
Ghosein ? A deir Ioseph, A roghainn air gach 
àite, m'as e toil an righ, e, ghabhainn-sa Gosen 
mar ionad còmhnuidh dhoibh. Eo mhath, ars' 
an righ, gabhadh iad còmhnuidh ann an Gosen ; 
Agus bheir mise dhuit fo m' làimh sgrìobhaidh 
còir air sin a dheanamh. 

'Nuair a thainig Iacob, agus a theaghlach do 
Mhemphis, chaidh 'n cur do Ghosen, far an robh 
an deadh sheann duine Potipherah 'gam feith- 
eamh, agus a shònraich ceithreannan iomchuidh 
dhoibh ann an Hdiopolis. Chaidh Iacob do 
thigh Ioseiph, far an d'fhuair e gabhail ris le 
anabharra taitneachd o Asenat, a dh' asluich 
gu dùrachdach air a dà ghlùn a bheannachd. 
Einn Manaseh agus Ephraim prìs agus beadradh 
mòr d'an sean-athair, a theannaich gu caidreach 
r'a uchd iad. 

Air dha giullachd mhath fhaotainn, agus fois 
shocair an dèigh a thuruis, bheothaich a neart, 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 135 

agus thug Ioseph leis 'athair chum a nochdadh 
do'n righ, a bh'air a bhualadh le fiamh eireachd- 
ail a choslais. Bha e, le ìoghnadh, na thosd 
rè seal, gus an do labhair Iacob fein 'sna 
briathraibh a leanas. Beannaichte gu'n robh 
an Tighearna Dia nèimh agus na talmhainn, a 
thog suas Pharaoh gu bhi na athair-altruim do 
ioma rioghachd mar air an là 'n diugh. Agus 
beannaichte gu'n robh Pharaoh leis an Tigh- 
earna mo Dhia, a nochd caoimhneas do 'm Ioseph 
maoth a bh'air 'fhògradh, agus do shliochd 
Israeil air sgàth Ioseiph. G-u'n robh do riogh- 
achadh buan agus buadhar ; agus gu'n robh 
sìth a chòmhnuidh ann ad chòm rìoghail. Agus 
gu'm builicheadh an Dia sin tre a' bheil thu 
san àm a rioghachadh. coron fìreantachd ort 's 
na neamhaibh shuas, an dèign dnuit an crùii 
neo-chinnteach so a thoirt suas do d oiglire. 
Air sgàth Ioseiph, a deir an righ, tha mi cur 
fàilt air 'athair, agus ag innse dha gur e 
bheatha am mùr rioghail Mhemphis. Ach 
guidheam ort, a shaoi aosda urramaich, an cead 
leat 'innse ciod is aois duit ? Cha chuimhne 
leam gu'm faca mi riamh coslas co urramach. 

Fhreagair Iacob, Cha 'n 'eil làithe bliadhnaidh' 
mo chuairt ach tearc agus olc ; tha mi a' dol a 
m' shèa fichead 'sa deich bliadhna ; ach dh' f hàg 
a choi'lion sgiorradh a thàin' am charamh, neul 
na h-aois orm roi 'n àm. 

Fhreagair e le mòr ioghnadh, ag ràdh, An e 
nach 'eil thu meas na h-aoise sin mòr? Bu mhòi 
an t-iongantas leinne fear fhaicinn a bhiodh beo 
co fad' ann an tìr na h-Eiphit. 

a righ ! a deir Iacob. theagamh gu'm measar 



136 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

le cuid gur aois rahòr i, ach leamsa, a mhair m' 
athair agus mo shean-athair, corr agus ochd 
fichead bliadhna 's a deich, cha mhòr i. Bha 
Abraham, mo shean-athair beo gus an robh e 
ochd fìchead agus cùig-bliadhna-deug a dh'aois ; 
agus mhair Isaac m'athair beo gus an robh e 
naoi fichead agus cùig bliadhna dh'aois ; air chor 
's nach d'ràinig mise aois m'aithriche. 

Abraham, a deir an righ, le càileiginn de 
ìoghnadh ; tha seanachas againn mu f hear d'am 
b' ainm Abraham, duine foghainteach, a thug 
buaidh air feachd aontachail ioma righ. An 
ann d'a shliochd thusa ? M'as ann, bu mhiann 
leam fios cinnteach fhaotainn mu fhìrinn na 
cùise ; a chionn gu'n do mheas mi riamh e mar 
fhaoin-sgeul, nach b' airidh air creideas. 

Cha sgeula faoin idir a th'ann, a deir Iacob ; 
b' ann mar so a thachair. Ann an làithibh 
Amrapheil, righ Asiria, rinn e fein agus righre 
eile a bha'n co'bhoin ris, cogadh ri Bera righ 
Shodoim, agus na maithean a bha 'n cairdeas 
ris ; chuir ceithir righrean am feachd r'a chèile, 
agus choinnich iad cùig righre Shodoim, Grho- 
moraih, &c. ann an gleann Shidim, far an do 
chuireadh an ruaig air feachd Shodoim, agus 
rinn iad na h-uiread dhiùbhail orra, 's nach 
b' urrain iad seasamh nan aghaidh, agus b' 
èiginn doibh sìth 'asluchadh ; ni nach faigheadh 
iad ach air chumhadh bhi fo chìs doibh. B' 
èiginn doibh gèilleadh dha so, ge bu chruaidh 
e. Dh'ìochd iad cìs dhoibh rè da-bhliadhna 
dheug, agus air an treas-bliadhna-deug, rinn 
iad ar-amach nan aghaidh, agus cha dìoladh iad 
a' chìs ni b' f haide. Air an aobhar sin thainig 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 137 

na h-Asirianaich a bha'n co'bhoinn a rìs nan 
aghaidh, agus thog iad creach nan cinneach a 
bha'n cairdeas ri muinntir Shodoim, Ghomor- 
aih, &c. Dhrùigh am fearg air na Eephaim- 
ich, na Susimich, na h-Eimich na Horich 
na h-Amalecich, agus na h-Amoraich. Fa 
dheireadh, air do rìghribh Shòdoim armailt 
mhòr a chruinneachadh, chaidh iad a mach nan 
aghaidh, agus chuir iad an cath ann an gleann 
Shidim. Ach mar dh'èirich roimhe dhoibh, 
cha b' urra' do mhuinntir Shodoim seasamh an 
aghaidh feachd Asiria. Thuit mòran diubh sa 
chath, agus chaidh 'n ruaig air a chuid eile ; 
chaidh Sodom a chreachadh agus a shlad, agus 
chaidh Lot, mac bràthar Abrahaim a thoirt an 
ciomachas. Co luath 'sa chuala mo shean athair 
gu'n robh a charaid am bruid, chuir e roimhe 
gu'n saoradh se e ; chuir e fo 'n làn armachd 
tri cheud agus ochd fir-dheug, de dhaoine 
gramail, a rugadh na thigh fein ; chaidh e air 
an tòir gu Dan, far an d'f huair e iad gu neo- 
chùramach gun umhail, ri làn-aighear agus ri 
sùgradh. Chuidich dorchadas na h-oi'che le 
'oidheirp ; roinn e 'f heachd beag nan tri cuid- 
eachdaibh, dh'àithn e do dhithis diubh iad a 
dhol agus ionnsuidh a thoirt air a champ air an 
taobh thall, am feadh a bheireadh e fein oidh- 
eirp air an taobh a b'fhaisge dha. Cha luaithe 
chaidh 'n iorghuil feadh nan Asirianach, na 
chual' agus a dh'aithnich Lot cainnt nan Eabh- 
ruidheach. Chuir iad na priosanaich uile fa 
sgaoil, agus dh'armaich iad iad le airm nan 
Asirianach a chaidh a mharbhadh. 'Nuair a 



138 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

dhlùthaich iad ri muinntir Abrahaim, thug iad 
sgrios air na h-Asirianaich, agus thuit na mìl- 
tean diubh sa chasgradh. Dh'iarr iadsan a 
theich as a champ tèaruinteachd o luas an cas, 
agus lean iad iad gu Damascus ; lean Abraham 
an ruaig co duineil, 's gu'n d'thug e o na 
creachadairean gach priosanach, agus gach ni 
a thug iad as na bailtibh a chreach iad; agus 
lèir-sgrios iad na ceithir creachadairean. Bha 
mi daonnan am barail, a deir an righ, gu'n 
d-thainig Ioseph o dhaoinibh foghainteach ; agus 
tha do chunntas-sa mu Abraham 'ga dhearbh- 
adh. Sholair do theaghlachsa, mo dheadh char- 
aid aosda, fear-teasraiginn do'n Eiphit ann am 
pearsa Ioseiph, agus cha chòir dhuinn a chomain 
a dhìoladh air dhòigh a's lugha, no 'n aire 
thoirt do theàghlach 'athar rè àm na gainne. 
Imich, a dhuine chòir, gabh còmhnuidh san tìr, 
's a chuid is taitniche leat di. Agus a Ioseiph, 
cuimhnich gur i toil do righ, gu'n dean thu 
uidheamachadh freagarrach do theaghlach t- 
athar, agus g'un òrduich thu ionad còmhnuidh 
dhoibh a reir am miann. 

Bha cruas na gorta aithnichte anns gach earr- 
ann de'n tìr, agus cha robh 'bheag de lòn ri 
f.haotainn ach na gheibhte a tighe-taisg Ioseiph, 
leis an d'fhàs ionmhas an righ ro shaibhir. 
Chruinnich e'n toiseach gach airgiod a bha san 
Eiphit an iomlaid sìl ; 's an uair a theirig 
airgiod, ghabh e'n sprèidh 'na ionad ; 's an uair 
a fhuair an righ an sprèidh uile, thug iad an 
tràillean agus an ciomaich an iomlaid lòin. An 
sin reic gach duine 'fhearann saor chum biadh 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 139 

a cheannach, agus fadheòidh thug iad iad fein 
suas nan tràillean do Pharaoh chum gu'm beath- 
aicheadh e iad le lòn iomchuidh. Mar so bu le 
Pharaoh tir na h-Eiphit uile, agus gach ni a 
bh' innte ; agus cha d-fhàgadh aon ni aig neach 
a dh'f heudadh e a ràdh bu leis fein. 

Thainig crìoch air an t-seachdamh bliadhna 
Je 'n ghorta, agus thug Ioseph gairm, a' toirt 
cuire do gach neach seilbh a ghabhail san fhear- 
ann a bh' aige roimhe ; iad a theachd a dh'f haigh- 
inn siol-cuir à tighean-taisg an righ, agus iad a 
chur am fearainn. Thug e nis air an ais do gach 
duine, 'eich, a chàmhaile, agus a bhuar, agus gach 
ni ris am b' èiginn doibh dealachadh ach an t- 
airgiod : Ach a mhàin gu'n d'òrduich e gu'n 
rachadh an cùigeamh cuid de thoradh na talmh- 
ainn a liubhairt gu neo-mhearachdach aig tigh- 
ean-stòir an righ. Ach cha robh am barrachd 
ioghnaidh air sluagh riamh na bh' orra 'nuair a 
fhuair iad, gu'n f hiuthair aca ris, an cuid fearainn 
air ais, agus gach ni eile a bh' aca, o'n righ. Agus 
cha robh righ riamh ni bu toilichte le dèanadas 
àrd fhir-riaghlaidh na bha Pharaoh, le bhi faicinn 
tre ghliocais Ioseiph, gu'n robh a shluagh air an 
saoradh o dhaorsa, ni a chuir mòr urram air an 
righ. Le làn toil an righ agus a shluaigh, chaidh 
a shocrachadh le lagh na rioghachd, gu'n sealbh- 
aicheadh an sluagh am fearann, agus gu'm bu 
le Pharaoh an cùigeamh cuid de'n f hàs am feasd. 

Mu 'n àm so dh'fhàs Sabrina bean Photiphair 
ro thinn, dlù do'n bhàs ; agus leis mar bha i soc- 
raichte ann an deadh-bheus, dh'iarr i gu'm 
faiceadh i Ioseph, chum gu'm biodh cothrom aic' 



140 EACHDRAIDH IOSEIPE. 

air a h-amaideaclid 'aideachadh dha 'am fìanuis a 
fir-phòsda, agus gu'n iarradh i maitheanas air 
arson gach trioblaid a dh'f huiling e air a son. 

loseiph ! thuirt i, is lugha nàire peacadh 
'aideachadh na bhi ciontach dheth. Cha ruig mi 
leas aingeachd mo thograidh ainmeachadh dhuitse, 
aig a bheil deadh f hios air. Bha mi toileach t- 
fhaicinn chum gu'n leiginn ris mo rùn duit am 
fìanuis mo dheadh f hir, mu'm faigh mi bàs. Is 
ciatach leam an cruadal leis an do sheas thu 'n 
aghaidh a' bhuairidh leis an do bhuair mi thu. 
Tha mi o'n ùine sin ag oidheirpeachadh do dheadh- 
bheus a leantuinn, agus tha e taitneadh gu math 
rium. Feudaidh mi innse dhuit, nan aontaich- 
eadh tu le m' anamianna dian agus mi-laghail, 
gu'm biodh tu nis a'd' aobhar fuath leam, mar dh'- 
innis thu fèin domh san àm. Ach mo thruaighe ! 
's ann duits' a bhuineadh an deadh-bheus agus 
an t-urram air fad, an ciont', an nàire, agus 
an diùbhail dòmhsa. Agus am feud an t-àrd 
riaghl'ear maitheanas a thoirt do laigsinn boirionn- 
aich a thug gaol a h-anma dha ? Am feud Sa- 
brina dòchas a bhi aice gun d'thèid i eug an 
càirdeas Ioseiph chòir ? gu bheil gach fuath agus 
gamhlas aìr am f ògradh o 'chridhe bàigheil, agus 
gur h-urrainn da maitheanas a thoirt do'n neach 
a's dèine a rinn a gheur-leanmhuinn ? 

A bhain-tighearna, a deir Ioseph, tha gamhlas 
agus fuath an ainfhios do m' inntinn, agus bha 
chùis mar sin o thùs : an uair a bha mi fo chumh- 
achd do mhì-ruin, 's ann a bha thu ad chuspair 
air m' iochd. Mhothaich mi e mar olc deuchainn- 
each, d'am b' fhearr dhomh gèilleadh, na do olc 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 141 

peacaidh. Mheas mi gu'n d'thugadh an Dia uile- 
làthaireach, tre mheadhon èiginn, math dhomhsa 
as an ole ; uime sin ghiùlain mi leis gu neo- 
smuaireanach. Bu mhi-naomhachd ro mhòr 
dhomhsa, nan di-chuimhnichinn na meadhona 
tre an d'àrdaich mo Dhia mi gu cumhachd, agus 
bu mhallaicht' an ni nan àraichinn fuath do na 
h-inneil a chunnaic esan iomchuidh chum sin a 
dheanamh. 'S ann as do leth-sa, a bhean uasal, 
a chuireadh sa phrìosan mi, far an do thachair 
mi air a' ghille-chupain agus air an f huineadair ; 
far, mar an ceudna, a fhuair mi' cheud sealladh 
air m' Asenat ghràdhaich. 'S ann mar sin a 
fhuair Pharaoh fìos ormsa, agus a chaidh m' 
àrdachadh gu cumhachd; ionnas leis a mhòr 
mhaitheas a dh'èirich dhomh o'n bheagan ana- 
cothrom a rinneadh orm tre bharail mhearachd- 
aich mo bhana-mhaighstir, bu mheasa mi na ana- 
creideach, mar tugainn o m' chridhe maitheanas 
do Shabrina. Bha aiteas orm ri' chluinntinn 
gu'n robh do dheadh-bheus air pilleadh chum a 
chleachdaidh ghnàthaichte ; agus gu bheil t-aigne 
air a socrachadh air a cuspair iomchuidh ; agus 
tha sòlas orm 'fhaicinn gu bheil thu san t-suidh- 
eachadh aithreachail inntinn so ; oir ge b' e 
dh'aidicheas agus a thrèigeas a pheacadh, gheibh 
e tròcair. 

An uair a phill Ioseph dhachaidh, fhuair e 
duine bochd aig a dhorus, ag aslachadh deirc air 
a chuid seirbhiseach. Le 'choslas, chitheadh 
neach gu'm fac e làithean a b' f hearr, oir bha a 
dhreach eireachdail. Bhuilich na seirbhisich gu 
fiùghantach air, agus chruinnich iad nam measg 



142 KACHDRAIDH IOSEIPH. 

leth-cheud bonn airgid da, agus chliùthaich iad 
d'an tighearn e. Bha Ioseph co iochdmhor, 's 
nach do dhruid e riamh a dhorus air an f heumach ; 
gidheadh 's ainmig a dheònaich e cobhair, mu'n 
do rannsaich e m' an fheum. 

Air do'n choigreach teachd na làthair, thuirt e 
ris caileiginn de chunntas a thoirt mar thainig e 
gu bochduinn. 

A deir e, Is Ismaileach mi a thaobh breith, a 
bha ri ceannachd o thìr G-hileaid do'n Eiphit. 
chionn beagan bhliadnaiche dh'fhàs mi ro shaibhir. 
Shanntaich mi dealachadh ris a chuideachd leis 
am bu chleachda' leam imeachd ; a' smaointeach- 
adh gu'n deanainn an tuille cabhaig a' m' aonar, 
seach a bhi cuibhrichte ri riaghailtean na mòr- 
Miuidhinn. Ach ghrad mhothaich mi gu'n tig 
easan a ni cabhag gu f às saibhir an ùine ghean 
gu bochduinn : oir a' cheud turus air an deachaidh 
mi le m' sheirbhisich fein, thugadh ionnsuidh 
f hiadhaich orm le cuideachda mhòr de chreach- 
adairean Arabach, a thug buaidh orm. Thug 
iad uam gach ni a bh' agam ; chaidh mi fein 's 
mo sheirbhisich a ghlacadh, ar cur 'am prìosan, 
agus bha mi air mo dhroch gnàthachadh leo 
am feadh a bha mi aca. Air an treas oidhche 
f huair mi'm f àgail, ged nach robh e saor o chun- 
nart. Choisich mi san oidhche, air dhomh a bhi 
mion-eòlach 'san fhàsach, agus ghabh mi fois 
ann an doire dlù uaigneach rè an latha, gus an 
d'thainig mi air criochaibh na h-Eiphit ; thainig 
mi do bhaile mòr na rioghachd, far an robh 
fiuthair agam gu'm faighinn fuasgladh uapasan 
4 bha 'm ainfhiach arson bathair a fhuair iad 



EACHDRAIDH IOSEIPH. 143 

roimhe sìd. Ach, mo thruaighe ! thuig mi gu'u 
robh iad cho bochd 's uach robh ac' a bheag a 
gheibhiuD. Eìdd a' ghorta a bh' aDD o chioDD 
ghoirid, ioma duiu' ouarach Deo-chomasach air 
'f hiachao a dhìoladh. Bha mi gu cùramach ag 
iarraidh for'ais air ògaDach àillidh Eabhruidh- 
each, a thug mi uuas do'u Eiphit, agus a reic 
mi ri Potiphar, an t-àrd cheauDard, o chioon 
fichead bliadhDa. Tha laD chÌDDt agam, ma tha 
e fathast beo, gu bheiì e auD aD dreuchd mòr 
èigiuD ; agus uaD tàrlaÌDD air, tha dearbh f hios 
agam gu'm fuasgladh e orm a' m' fheum. 

Ciod ìs aiorn dhut, a charaid. ars' au t-àrd- 
uachdarau ; agus c' aium a bh' air aD Eabhrui'- 
each òg ? Fhreagair e, 'S e m' aÌDmse Albhah, 
agus b'e aium mo charaid Ioseph, mac Iacoib, 
Is mise Ioseph, a deir aD t-uachdarau. Dh' 
amais thu air Ioseph, t-Eabhrui'each òg ; agus 
bithidh mis' 'am charaid do Albhah. Leum e 
gu grad d'a iouDsuidh, a' cur fàilte chridheil air 
ag ràdh. m' Albhah ! mo charaid, is duilich 
leamsa do chor, agus tha eibhueas orm gu bheil 
e a' m' chomas do chòmhDadh. Ach ceadaich 
dhomh sa cheud àite m' aÌDfhiach dligheach feÌD 
a dhìoladh dhuit, airsoD ao airgid a chuir thu 
dh' aiudeoÌD orm au uair a bha sìdd a' deal- 
achadh, a thoirt duit. An siu dh' àithn e seachd 
ceud bouD airgid àireamh sìos do Albhah, ag 
ràdh ris, gun e ràdh facal Da aghaidh, ach a 
ghabhail eadar riadh agus chalpa. Agus ìddìs 
domhsa cò air a tha fiachaD agad de na h- 
Eiphitich agus dìolaidh mise dhuit e. Air a 
ìiouadh le taÌDgealachd, cha b' urra do'n deadh 



14:4 EACHDRAIDH IOSEIPH. 

Ismaeileach facal a ràdh. 'S gann a bha fios 
aige co dhiùbh bu bhruadar a bh' ann no nach 
b' f headh. Fa dheireadh, fhuair e comas labh- 
airt le cead a thoirt do'n luchd a bh' air 'inntinn 
sile gu frasach ; agus an sin thuirt e, Buidheachas 
do Dhia, f huair mi thu, a mhic ; agus is tu 
daonnan Ioseph ! Cha b'urrain saibhreas, no 
meud-mhòr do shubhailcean a sgaradh o d 
inntinn luachmhoir. 



A OBKIOCH. 



;■"